Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Ollamh Urr Seòras N M Collins

Seirbheis bho 1986 còmhla ris an Oll Urr Seòras N M Collins, nach maireann. Gaelic religious service from ³ÉÈË¿ìÊÖ archives conducted by the late Prof George N M Collins.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-2, air fonn London New agus 's e Dòmhnall Chapman a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.

Salm 111: 6-9 air fonn Free Church agus 's e Ailean Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn.

Leughadh: Eseciel 3: 15-27
Ceann-teagaisg: Eseciel 3: 15

Rugadh an t-Oll Urr Seòras MacLeòid Collins ann an Lunnainn sa bhliadhna 1901. B’ ann à Lunainn a bha athair agus bha a mhàthair à Cataibh. Ann an 1909 thug bràthair a mhàthar e air chuairt a Chataibh airson fois fhaighinn às dèidh dha a bhith meadhanach airson greiseag. Choinnich e ri sheanmhair, Dolina NicLeòid, nuair a bha e an sin agus thug an turas seo buaidh mhòr air a bheatha.

Bha deagh chuimhne aige air beatha ann an Cataibh agus bhiodh e an còmhnaidh ag innse sgeulachdan mu bhith dol a dh’iasgach le slat agus mar a ghlac e iasg a' chiad turas, a' chiad chuimhne a bh’ aige bonnaich aran-flùir agus aran-coirce a bhlasad agus, nas cudromaiche na h-uile sian, mar a dh’ionnsaich a sheanmhair Gàidhlig dha. Bha beatha ann an Cataibh a’ còrdadh ris cho mòr agus gun do dhiùlt e tilleadh a bhaile mòr Lunnainn agus le sin thòisich e anns an sgoil air Ghàidhealtachd.

B’ ann nuair a bha e anns an sgoil agus a dh’ionnsaich e a’ Ghàidhlig a chuir e eòlas cuideachd air beatha Chrìosdail. Ged a thug seo buaidh mhòr air a bheatha agus a dh’aindeoin piobrachadh bho leithid an èildear Donnchadh MacRath ag iarraidh air dreuchd na ministrealachd a leantainn, dhiùlt e an t-slighe sin a ghabhail agus thill e a Shasainn far an robh e ag obair do phàipear-naidheachd. Ach a’ dh’aindeoin ‘s gun do chòrd an obair sin ris, bha e a' faireachdainn gu robh dreuchd eile a’ feitheamh air agus chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson trèanadh a bhith na mhinistear. Às dèidh an trèanaidh chaidh a phòsadh ri chiad choitheanal ann an Eaglais Shaor Ghrianaig ann an 1928 agus dh’fhuirich e an sin airson deich bliadhna. B’ e searmonaiche ainmeil a bh’ ann agus thar nam bliadhnaichean a bha e a’ searmonachadh bha e ri chluinntinn ann an Toronto, Eaglais Shaor Chaluim Chille ann an Dὺn Èideann agus a’ teagasg ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson iomadach bliadhna. Bha e cuideachd na mhodaràtair dà thuras - ann an 1949 agus a-rithist ann an 1971.

Bha Mgr Collins pòsta aig Louisa 's bha i air leth taiceil dha fad nam bliadhnaichean a bha e a’ searmonachadh. Bhàsaich i ann an 1987 agus bhàsaich e fhèin san Dàmhair 1989. Bha an t-Oll Urr Collins am measg nam ministearan a shearmonaich airson a' chiad turas anns a’ Ghàidhlig air a’ BhBC.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 10 Jan 2021 21:00
  • Tomorrow 21:00