19/11/2020
Dè a tha cho sònraichte mun à ireamh 6? The number 6 and its significance.
Tha deasbad air a bhith dol ann am baile Mhanchester mu balla a chaidh a thogail ann an Gà rraidhean Piccadilly ann a 2002 leis an ailtire ainmeil Iapanach Tadao Ando. Cluinnidh sinn bho Iain MacDiarmaid gu bheil am balla, ‘The Berlin Wall of Manchester’ mar a tha air ainmeachadh anns a' bhaile, gu bhith air a leagail agus gheibh sinn beachd bho Mà rtainn Mac a' Bhà ilidh air an ailtire agus an obair-leasachaidh anns an robh e an sà s.
An à ireamh 6 – Bho thà inig a' chiad ghlasadh air sluagh ri linn a’ Choròna-bhìoras tha sinn air a bhith a' cluinntinn nach fhaodadh barrachd air sianar a bhith a’ cruinneachadh còmhla aig an aon à m. Ach dè na nithean a tha sònraichte mun à ireamh 6? Mìnichidh an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais sin dhuinn.
Tha 100 bliadhna bho chaidh a' chompanaidh phlèanaichean Qantas a stèidheachadh. Innsidh an t-eòlaiche siubhail Daibhidh Byrne dhuinn an t-adhbhar a tha a' chompanaidh Astrà ilianach fhathast soirbheachail aig à m a tha companaidhean eile a' dol fodha. Agus gheibh sinn beachd air a' bhuaidh a tha a' Choròna-bhìoras a' toirt air na companaidhean adhair bhon phaidhleat Bill Innes agus an t-eòlaiche ionmhais Coinneach MacMhathain.
Tha Marie NicMhathain ag innse mun cheangal a tha aig Dolly Parton ri Moderna, companaidh a tha air banachdach Covid-19 a chruthachadh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 19 Nov 2020 09:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Thu 19 Nov 2020 21:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal