
Seirbheis aig toiseach Bliadhn' Ùir
A’ toirt thugainn a’ chiad seirbheis den Bhliadhn’ Ùir tha an t-Urr Calum I MacLeòid. Rev Calum I MacLeod, Ferintosh and Resolis Free Church with the first service of 2020.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus ‘s e Dòmhnall Macleòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabahgh.
Salm 63: 2-3 air fonn New London agus ‘s e Dòmhnall MacLeod a tha os cionn na seinn agus Salm 16: 8-9 air fonn Kilmarnock le Calum Mà rtainn os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Eaglais Shaor a’ Bhac le taic bho Choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Leughadh: Leabhar nan Sailm 34
Ceann-teagaisg: Galatianaich 6: 14
Tha faisg air bliadhna bhon a chaidh an t-Urramach Calum Iain MacLeòid a phòsadh ri coitheanal Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais. Thug e ochd bliadhna roimhe sin os cionn coitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac agus roimhe sin bha e ann am Barabhas.
Mus deach e steach airson na ministrealachd, bha e na mhanaidsear air Pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Geà rranan air taobh siar Leòdhais.
'S ann do dh'eilean Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain, agus thà inig e gu bhith na Chrìosdaidh nuair a bha e trì bliadhna deug a dh'aois. Tha e fada an comainn an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn, a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an à m, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.
Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca, Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, is toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith.
Last on
An t-Urr Calum I MacLeòid

Broadcasts
- Sun 5 Jan 2020 09:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jan 2020 15:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal