Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ceòl agus craic air Oidhche Challainn, le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach. Live Hogmanay ceilidh craic, with Cathy Macdonald and Niall Iain Macdonald.

Tha Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire 2019 a’ tighinn beò am-bliadhna à Talla Thobar na Màthar ann an Siorraichd Lannraig. Bidh aoighean am pailteas agus ceòl is craic gu leòr!

Còmhla rinn air an oidhche bidh Peat & Diesel, an còmhlan à Leòdhas a bhuannaich an duais airson an luchd-ciùil beò a b' fheàrr airson 2019 aig Duaisean a' Chiùil Allbannaich Thraidiseanta ann an Obair Dheathain. Cuideachd cluinnear Mànran le Kim Carnie - seo a’ chiad shealladh dhi air Tbh ris a’ chòmhlan a tha comharrachadh 10 bliadhna còmhla ann an 2020, an GFC Band, Maighread Stiùbhart, Còisir Alba agus aodainn ainmeil agus càirdeil a’ cur fàilte air a’ bhliadhn’ ùir.

Thèid am prògram a lìbhrigeadh le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach agus bidh iad a’ guidhe ceud mìle fàilte dhuibh maille ri cèol is craic!

Ma tha sibh ag iarraidh deagh chèilidh, gheibh sibh e aig Talla Thobar na Màthar. Feuch gum bi sibh còmhla rinn airson Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire 2019 beò air Oidhche Challainn agus nach tog sibh glainne còmhla rinn airson fàilte mhòr chridheil a chur air 2020.

Hogmanay Ceilidh 2019 is live from Motherwell Concert Hall in Lanarkshire, hosted by Cathy Macdonald and Niall Iain Macdonald.
We open our doors to an array of stunning Gaelic singers and musicians providing ceilidh craic and a sensational playlist to take you through the bells and into 2020.

Performing live will be Peat and Diesel, recently crowned winners of the best live act 2019 at the Scots Trad Music Awards ceremony in Aberdeen. Also playing will be Mànran who celebrate 10 years together in 2020 and are joined by Kim Carnie in her first TV appearance as part of the band, Glenfinnan Ceilidh Band, Margaret Stewart and the Alba Choir, along with a first foot who has a truly ‘Gàidhealach’ connection to the area.

Cathy and Niall Iain will be wishing you a hundred thousand welcomes as they lead the shindig through midnight into the wee small hours. Tune in live to the ceilidh and raise a glass with us at the bells as we bid farewell to the old year and welcome in the New Year.

1 hour, 59 minutes

Last on

New Year's Day 2020 17:00

Broadcasts