21/05/2017
Cluinnidh sinn Ruairidh ag innse mu eachdraidh an fhacail '²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù'.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 627
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 931
Duration: 05:00
Litir 931: A bheil am facal ‘²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù’ anns a’ Bhìoball? (1)
Dè cho sean ʼs a tha am facal ‘²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù’ ann an Gà idhlig? Tha mi a’ ciallachadh le sin – cuin a thòisich na Gà idheil air bruidhinn air ‘²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù’ agus cò à s a thà inig am facal? Tha MacBheathain ag innse dhuinn anns an fhaclair aige – Etymological Dictionary of the Gaelic Language – gur ann à s a’ Bheurla Mheadhanaich sugre a thà inig e; agus gur dòcha gun tà inig sin bhon Fhraingis sucre. Bidh sibh eòlach air an fhacal ann an grunn chà nanan Eòrpach – ²õ¾±Ã¹³¦°ù²¹ ann an Gà idhlig na h-Èireann, siwgr ann an Cuimris, zucker ann an Gearmailtis agus sakhar ann an Ruiseanais. Tha iad uile cà irdeach do chèile.
           Ach dè tha a’ nochdadh anns a’ Bhìoball Ghà idhlig? Uill, gu h-iongantach ʼs dòcha, chan eil am facal ²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù anns a’ Bhìoball ann. No, ma thà , cha d’ fhuair mise lorg air. Ma tha sibh fhèin eòlach air an fhacal ²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù anns a’ Bhìoball, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.
           A bheil e, ge-tà , cho iongantach nach eil e ann? An robh muinntir na Roinn Eòrpa eòlach air ²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù ri linn sgrìobhadh a’ Bhìobaill? Chanainn nach robh.
A rèir choltais, ʼs ann ann an eileanan a’ Chuain Sèimh a thòisich mac-an-duine air cuilc an t-siùcair fhà s. Sin sugar cane – cuilc an t-siùcair. Chaidh an t-eòlas sin chun nan Innseachan. Fhuair na Persianaich fios mu a deidhinn à s na h-Innseachan, ach chùm iad dìomhair e. Reic iad an ²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù, ach cha do dh’inns iad mun lus à s an tà inig e.
Mhair an dìomhaireachd gus an robh cogadh ann eadar na h-Arabaich ʼs na Persianaich anns an t-seachdamh linn an dèidh Chrìosda. Sgaoil cuilc an t-siùcair gu iomadh dùthaich bhlà th an uair sin eadar ceann a tuath Afraga agus ceann a deas na Spà innte. Agus sgaoil am facal leis. Sharkara ann an Sansgrait, shakar ann am Persianais, sukkar ann an Arabais, succarum ann an Laideann, sucre ann am Fraingis.
Thathar dhen bheachd gun do rà inig am biadh milis seo Sasainn anns an aonamh linn deug, nuair a bha ridirean nan cogaidhean-croise a’ tilleadh dhachaigh bhon ear-mheadhanach.
Bhiodh ²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù bhon chuilc air Alba is Èirinn a ruigsinn goirid an dèidh sin. Cha bhiodh e na iongnadh ged a thigeadh am facal ùr à s a’ Bheurla a bhathar a’ bruidhinn ann an Sasainn aig an à m. Ach cuin a thuirt Gà idheal am facal ‘²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù’ airson a’ chiad turais? Chan eil fhios a’m. Agus bu chòir dhomh a rà dh, ged a tha muinntir ceann a tuath na Roinn Eòrpa a’ fà s biotais siùcair an-diugh, cha do thòisich sin gu timcheall Bliadhna Theà rlaich anns an ochdamh linn deug.
Ged nach eil am facal ²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù anns a’ Bhìoball, tha cuid dhen bheachd gu bheilear ag ainmeachadh cuilc an t-siùcair ann no sweet cane. Mar eisimpleir, ann an Leabhar Ieremiah Caibideil 6, Rann 20 tha seo ann (tha an Tighearna a’ bruidhinn): C’uim an tig tùis o Sheba thugam-sa, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad-à s? Chan eil bhur tabhartas-loisgte taitneach, ni mò tha tlachd agamsa nur n-ìobairtibh.
Tùis o Sheba – incense from Sheba. Bha Seba ainmeil airson malairt nan spìosraidhean. Agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad-à s. Thathar ag eadar-theangachadh sin mar sweet cane from a distant land ann am Beurla. An e sin cuilc an t-siucair? Tuilleadh air a’ chuspair seo an-ath-sheachdain!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: MacBheathain: (Alexander) MacBain; biotais siùcair: sugar beet; Bliadhna Theà rlaich: 1745-6; caibideil: chapter; rann: verse; an Tighearna: the Lord.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cò às a thà inig am facal?: where did the word come from?; gur ann às a’ Bheurla Mheadhanaich X a thà inig e: that it’s from the Middle English X that it came; cà irdeach do chèile: related to each other; gu h-iongantach ʼs dòcha: surprisingly perhaps; bu mhath leam cluinntinn bhuaibh: I would like to hear from you; chanainn nach robh: I would say not; ʼs ann ann an eileanan a’ Chuain Sèimh a thòisich mac-an-duine air cuilc an t-siùcair fhà s: it’s in the islands of the Pacific Ocean that humans started to grow sugar cane; chun nan Innseachan: to India; chùm iad dìomhair e: they kept it secret; gus an robh cogadh ann eadar na h-Arabaich ʼs na Persianaich: until there was a war between the Arabs and the Persians; an t-seachdamh linn an dèidh Chrìosda: the seventh century AD; nuair a bha ridirean nan cogaidhean-croise a’ tilleadh dhachaigh bhon ear-mheadhanach: when knights of the crusades were returning home from the middle east; cha bhiodh e na iongnadh ged a thigeadh am facal ùr às a’ Bheurla: it wouldn’t be a surprise if the new word came from English; gu bheilear ag ainmeachadh cuilc an t-siùcair: that sugar cane is named; c’uim an tig tùis o Sheba thugam-sa?: to what purpose does incense from Sheba come to me? [this is from the old translation of the Bible and the language is somewhat archaic]; chan eil bhur tabhartas-loisgte taitneach: your burnt offering is not attractive; ni mò tha tlachd agamsa nur n-ìobairtibh: nor do I gain pleasure from your sacrifices; ainmeil airson malairt nan spìosraidhean: famous for the trading of spices; tuilleadh air a’ chuspair seo: more on this topic [this is informal usage and does not include a verb].
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: chan eil am facal ²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù anns a’ Bhìoball ann: the word ²õ¾±Ã¹³¦²¹°ù is not in the Bible. The terminal ann is not necessary in this sentence but it acts as an emphatic to underline the point being made.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ri linn sgrìobhadh a’ Bhìobaill: at the time of the writing of the Bible.
Broadcasts
- Sun 21 May 2017 22:30³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Wed 24 May 2017 23:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.