30/04/2017
Cluinnidh sinn an sgeulachd aig Ruairidh mu na 'Bedford Highlanders', saighdearan Gà idhealach a bha a' trèanadh ann an Sasainn. Featuring a story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 624
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 928
Duration: 05:00
Litir 928: Na ‘Bedford Highlanders’(2)
Bha mi ag innse dhuibh mu na ‘Bedford Highlanders’ – na saighdearan à ceann a tuath na h-Alba a bha a’ fuireach ann am Bedford ann an Sasainn aig toiseach a’ Chiad Chogaidh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaidh cùisean an ìre mhath gu math leotha, ach bha aon duilgheadas mòr aca. Sgap galaran am measg nan saighdearan – an teasach sgà rlaid, galar na h-amhaich agus a’ ghriùthrach gu sònraichte. An fheadhainn a ghabh a’ ghriùthrach, bha iad a’ fulang gu tric an dèidh là imhe leis an fhiabhras-chlèibhe. Bhathar ag aithris anns a’ phà ipear-naidheachd ionadail gur e a bu choireach ri sgapadh nan galaran nach robh muinntir na Gà idhealtachd cleachdte ri a leithid. Bha iad a’ cumail a-mach nach robh a’ ghriùthrach, mar eisimpleir, aithnichte air taobh an iar na Gà idhealtachd.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Biodh sin mar a bhitheadh e. Ghabh mòran na galaran agus chaidh feadhainn dhiubh a chur ann an cuarantain air iomall a’ bhaile. Aig a’ cheann thall, chaochail ceud, trithead ʼs a còig saighdearan, a’ chuid a bu mhotha dhiubh air sgà th na griùthraich agus cuid mhath dhiubh nan Camshronaich. Chaidh an dust aig feadhainn a thoirt dhachaigh chun na Gà idhealtachd. Bha feadhainn eile air an tiodhlacadh ann am Bedford – trithead ʼs a trì uile-gu-lèir. Ach bha fad’ a bharrachd dhiubh air an tiodhlacadh thall anns a’ Bheilg agus san Fhraing air sgà th a’ chogaidh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaill feadhainn am beatha air sgà th ghnothaichean eile cuideachd. Latha a bha seo, bha dithis air cus òl agus thòisich iad air connsachadh ri chèile. Bha an dà rna saighdear a’ bagairt air an fhear eile gun cuireadh e a bheugaileid ann. Leum caraid aig an fhear eile eadar an dithis agus ghabh e ceann biorach na beugaileid. Mus do chaochail e, rinn e tagradh à s leth an fhir a shà th a bheugaileid ann. Shà bhail e am fear eile bho bhà s; fhuair e binn prìosain le saothair chruaidh na à ite.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Air sgà th call nan saighdearan Breatannach sa chogadh, chuir an riaghaltas na saighdearan Gà idhealach an sà s na bu thrà ithe na bha dùil. Thà inig an Rìgh a choimhead orra aig deireadh na Dà mhair. Anns an t-Samhain, thòisich na saighdearan air a dhol a-null chun na Frainge. Bha iad a’ gabhail trèana gu ruige puirt air Caolas Shasainn agus an uair sin bà ta thar a’ Chaolais. Aig deireadh a’ Chèitein naoi ceud deug is còig-deug (1915), bha iad uile air falbh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha robh na saighdearan Gà idhealach ann am Bedford ach ochd mìosan, agus thà inig saighdearan eile a dh’fhuireach ann à s an dèidh. Ach, a rèir choltais, cha tug gin eile a’ bhuaidh air a’ bhaile ʼs a thug na h-Albannaich. Bha còrr is fichead mìle dhiubh ann – dhà air fhichead mìle nuair a dh’fhalbh iad anns a’ Chèitean naoi ceud deug is còig-deug (1915). Bha na bu lugha na ceathrad mìle duine a’ fuireach ann am Bedford aig an à m sin.
An aon fheadhainn a bha coltach riutha, b’ iad na saighdearan Ameireaganach a chaidh a dh’fhuireach ann am Bedford anns an Dà rna Cogadh. Bha na h-Albannaich agus na h-Ameireaganaich spaideil is modhail – agus diofraichte ann an giùlan is cainnt bho mhuinntir an à ite. Eadhon an-diugh, bithear a’ cumail seirbheis cuimhneachaidh do na saighdearan Gà idhealach a h-uile bliadhna air an t-Sà baid ro Latha Fèill Anndra. Agus thill cuid de na saighdearan a mhair beò tron chogadh gu Bedford an dèidh a’ chogaidh airson leannan a phòsadh.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: aithnichte: known; an t-Samhain: November; leannan: sweetheart.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Sgap galaran am measg nan saighdearan: diseases spread among the soldiers; an teasach sgà rlaid, galar na h-amhaich agus a’ ghriùthrach gu sònraichte: particularly scarlet fever, diphtheria and measles; a’ fulang gu tric an dèidh là imhe leis an fhiabhras-chlèibhe: often suffering afterwards with pneumonia; gur e a bu choireach ri: that what was responsible for; nach robh muinntir na Gà idhealtachd cleachdte ri a leithid: that the people of the Highlands weren’t used to such things; chaidh feadhainn dhiubh a chur ann an cuarantain air iomall a’ bhaile: some of them were placed in quarantine at the edge of the town; a’ chuid a bu mhotha dhiubh air sgà th na griùthraich: most of them because of measles; cuid mhath dhiubh nan Camshronaich: many of them Cameron Highlanders; chaidh an dust aig feadhainn a thoirt dhachaigh: the remains of some were taken home; bha feadhainn eile air an tiodhlacadh: others were buried; bha fad’ a bharrachd dhiubh air an tiodhlacadh thall anns a’ Bheilg agus san Fhraing air sgà th a’ chogaidh: many more of them were buried over in Belgium and France because of the war; thòisich iad air connsachadh ri chèile: they started to argue with each other; a’ bagairt air an fhear eile gun cuireadh e a bheugaileid ann: threatening the other he would put his bayonet in him; ghabh e ceann biorach na beugaileid: he took the sharp end of the bayonet; rinn e tagradh às leth an fhir: he appealed on behalf of the man; fhuair e binn prìosain le saothair chruaidh: he got a prison sentence with hard labour; deireadh na Dà mhair: the end of October; a-null chun na Frainge: over to France; puirt air Caolas Shasainn: ports on the English Channel; na bu lugha na: less than; spaideil is modhail – agus diofraichte ann an giùlan is cainnt: well presented and polite – and different in carriage and speech; an t-Sà baid ro Latha Fèill Anndra: the Sunday before St Andrewʼs Day.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: chuir an riaghaltas na saighdearan Gà idhealach an sàs na bu thrà ithe na bha dùil: the government sent the Highland soldiers to the front earlier than expected. You might say na bu thrà ithe na bhathar an dùil which would mean the same thing, but the shortened form is widely used. Cutting corners can give a more idiomatic and natural feel to your speech – keep your eyes and ears open for examples like this.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Chaidh cùisean an ìre mhath gu math leotha: matters went pretty well with them.
Broadcasts
- Sun 30 Apr 2017 22:30³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Wed 3 May 2017 23:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.