Main content
Sorry, this episode is not currently available

Anns an litir do luchd-ionnsachaidh, tha Ruairidh a' toirt dhuinn sgeulachd mun chomhairle a fhuair Fionn MacCumhail bho amadan.

5 minutes

Last on

Wed 15 Mar 2017 23:00

Clip

Litir 921: Fionn, Bran agus an Cù Glas

Bha Fionn MacCumhail an impis falbh a Lochlann cuide ris a’ Ghille Mhòr. Bha amadan ann. ‘Bheir mi comhairle dhuibh ma ghabhas sibh i,’ thuirt an t-amadan.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Is tric a gheibh Rìgh comhairle mhath à teanga amadain,’ thuirt Fionn.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Uill, ʼs i mo chomhairle,’ ars an t-amadan, ‘gun toir sibh leibh an t-slabhraidh òir aig Bran. Cha bhris sin ur cùmhnant oir cha bhi cù no caraid no ball-airm agaibh.’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Gle mhath,’ thuirt Fionn, agus chuir e slabhraidh òir Bhrain na phòcaid.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ràinig Fionn lùchairt Rìgh Lochlainn, ach chan e fàilte a fhuair e. Bha an Rìgh agus uaislean a’ beachdachadh air an dòigh as fheàrr airson Fionn a mharbhadh. ‘Crochaidh sinn e,’ thuirt fear. ‘Bàthaidh sinn e,’ arsa fear eile. ‘Losgaidh sinn gu bàs e,’ thuirt treas fear.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Mu dheireadh, dh’èirich an Rìgh gu chasan. ‘Cuiridh sinn gu bàs e anns an dòigh as miosa,’ thuirt e. ‘Bheir sinn dhan Gleann Mhòr e, agus thèid ithe leis a’ Chù Ghlas.’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Thug iad Fionn don Gleann Mhòr. Chuala iad donnal a’ Choin Ghlais agus dh’fhalbh iad. Bha Fionn leis fhèin agus bha an Cù Glas a’ dlùthachadh ris. Bha a bheul fosgailte agus bha lasairean a’ tighinn às a chuinneanan. Bha an teas a’ dèanamh cron air craiceann Fhinn.

Thug Fionn slabhraidh Bhrain a-mach. Chrath e i. Gu h-obann, sheas am madadh air a bheulaibh mar chù-taighe, a’ crathadh earball. Dh’imlich e Fionn. Far an robh anail theth a’ choin air craiceann Fhinn a losgadh, rinn uisge-beòil slànachadh air. Chuir Fionn slabhraidh òir Bhrain timcheall amhaich a’ choin agus thug e sìos an gleann e.

Thàinig iad am fagus taigh aig ceann shìos a’ ghlinne, far an robh bodach is cailleach a’ fuireach. Bha a’ chailleach aig an doras mhòr agus chunnaic i Fionn leis a’ chù air taod. Ruith i a-steach don taigh. ‘Tha mi air rud iongantach fhaicinn,’ thuirt i ris a’ bhodach. ‘Am fear as àirde agus as eireachdaile a chunnaic mi riamh. Tha e a’ coiseachd sìos an gleann, agus an Cù Glas aige air taod.’

‘Nan toirte cruinn còmhla a h-uile duine ann an Alba is Èirinn is Lochlann,’ thuirt am bodach, ‘chan eil ann ach aon duine a dhèanadh sin – Fionn MacCumhail, agus slabhraidh òir Bhrain aige.’ Agus dh’fhalbh e a-mach a chur fàilte air Fionn.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair a chuala iad an sgeulachd aig Fionn, thug iad cuireadh dha fuireach aca airson latha is bliadhna, agus ghabh Fionn ris. Aig deireadh na h-ùine sin, bha a’ chailleach a-muigh air tom faisg air an taigh. Chunnaic i sluagh air tràigh mhòr Lochlainn. Ruith i a-steach don taigh. ‘Tha sluagh mòr air an tràigh,’ thuirt i, ‘le fear ruadh aig an ceann.’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘O,’ arsa Fionn, ‘ʼs e sin mo laoich, an Fhèinn, agus Osgar aig an ceann.’ Agus chaidh e sìos don tràigh leis a’ Chù Ghlas na chois. Chuir a h-uile duine fàilte mhòr air Fionn. Agus chuir Bran agus an Cù Glas fàilte mhòr mhòr air a chèile. B’ e an Cù Glas Sgeolan, bràthair Bhrain, a chaidh a thilgeil don mhuir nuair a bha Fionn a’ teicheadh bhon fhamhair. Bha iad nan cuileanan aig an àm.

ʼS iomadh gnothach anns an robh Fionn agus Bran an sàs. Tha iad air an cuimhneachadh fhathast am measg nan Gàidheal. 

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: amadan: fool; ball-airm: weapon; ²úà³Ù³ó²¹¾±»å³ó: will drown; losgaidh: will burn; craiceann: skin; chrath: shook; »å³ó’i³¾±ô¾±³¦³ó: licked; as eireachdaile: most handsome; taod: leash.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: bheir mi comhairle dhuibh ma ghabhas sibh i: I’ll give you advice if you’ll take it; gun toir sibh leibh an t-slabhraidh òir aig Bran: that you’ll take with you Bran’s golden chain; cha bhris sin ur cùmhnant: that won’t break your contract; crochaidh sinn e: we’ll hang him; bheir sinn dhan Gleann Mhòr e: we’ll take him to the Big Glen; thèid ithe leis a’ Chù Ghlas: he’ll be eaten by the Grey Dog; donnal a’ Choin Ghlais: the howling of the Grey Dog; a’ dlùthachadh ris: closing on him; bha lasairean a’ tighinn às a chuinneanan: flames were coming from its nostrils; sheas am madadh air a bheulaibh mar chù-taighe, a’ crathadh earball: the wild dog stood in front of him like a domestic dog, wagging its tail; rinn uisge-beòil slànachadh air: its saliva healed him; timcheall amhaich a’ choin: around the dog’s neck; tha mi air rud iongantach fhaicinn: I’ve seen an amazing thing; bha a’ chailleach a-muigh air tom: the old woman was outside on a hillock; chunnaic i sluagh air tràigh mhòr Lochlainn: she saw a host on the great strand of Lochlann (Scandinavia); le fear ruadh aig an ceann: with a red-haired man at their head; leis a’ Chù Ghlas na chois: with the Grey Dog accompanying him; a chaidh a thilgeil don mhuir nuair a bha Fionn a’ teicheadh bhon fhamhair: who was thrown into the sea when Fionn was fleeing from the giant; bha iad nan cuileanan aig an àm: they were puppies at the time; ʼs iomadh gnothach anns an robh Fionn agus Bran an sàs: Fionn and Bran were involved in many matters.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Nan toirte cruinn còmhla a h-uile duine: if everybody were [would be] brought together. This is the passive conditional form of the verb thoir, a’ toirt. To create it, a terminal -te (or -ist in some dialects) is added to the verbal root. Here are some other examples: nan cuirte a h-uile rud ann ‘if everything were [would be] put in’; nan caillte an cothrom ‘if the opportunity were to be [would be] lost’.

Seanfhacal na Litreach

Seanfhacal na Litreach: Is tric a gheibh Rìgh comhairle mhath à teanga amadain: a King often receives good advice from the tongue of a fool.

Broadcasts

  • Sun 12 Mar 2017 22:30
  • Wed 15 Mar 2017 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast