13/03/2016
Tha Ruaraidh ag innse dhuinn mun facal 'casach' agus an iomadach riochd a th'aige. Ruaraidh MacLean with a letter in Gaelic to aid people learning the language.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 565
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 869
Duration: 05:00
Litir 869: ‘Geal’ ann am Bà rdachd Nà dair
Dè a’ Ghà idhlig a th’ air ‘white-legged’ no ‘white-footed’? Uill, seo agaibh dòigh air sin a rà dh – geal-chasach no geala-chasach. Mar Albannach air an trà igh san Spà innt aig toiseach an t-samhraidh – geal-chasach! Bu mhath leam, anns an Litir seo, sùil a thoirt air mar a bhios am facal ‘geal’ a’ dol an cois fhaclan eile ann an co-cheangal ri nà dar.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Leis an fhìrinn innse, chan e ainmhidhean a thug ‘geal-chasach’ gu m’ aire, ach craobhan. Tha ainm-à ite ann an sgìre Thoirbheartain ann an Ros an Iar – am Badan Geala-chasach. Fhuair an t-à ite sin ainm air sgà th nan craobhan-beithe a tha a’ fà s ann gu nà darrach. Tha iad geal aig a’ bhonn. Tha iad geal-chasach.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaidh mi don bhà rdachd aig Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir airson faicinn mar a bha an sà r-bhà rd sin a’ cur an fhacail ‘geal’ an sà s. Seo eisimpleir à s an dà n aige ‘Beinn Dòrain’. Tha Donnchadh a’ dèanamh tuairisgeul de dh’eilid: Bha i ‘grad-charach, fad-chasach, aigeannach, neònach, geal-chèireach, gasganach, gealtach ro mhadadh…’ Geal-chèireach – ‘w³ó¾±³Ù±ð-²ú³Ü³Ù³Ù´Ç³¦°ì±ð»å’.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha Donnchadh a’ cleachdadh ìomhaigh car coltach ri sin faisg air toiseach ‘Beinn Dòrain’: ‘Greighean bu gheal cèir, faoghaid air an dèidh, ’s laghach leam an sreud a bha sròineiseach’. Greighean bu gheal cèir – ‘herds that were white-buttocked’. Agus tha an dà mh a’ faighinn aithne dhen aon seòrsa oir tha Donnchadh a’ sgrìobhadh mu ‘damh a’ chinn allaidh, bu gheal-chèireach feaman’. The wild-headed stag – damh a’ chinn allaidh. Of the white buttocked rump – bu gheal-chèireach feaman.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ann an dà n ainmeil eile aige – Coire a’ Cheathaich – tha Donnchadh a’ cleachdadh ‘geal’ ann an co-cheangal ris a’ bhradan. Seo pà irt dhen naoidheamh rann:
Tha bradan tarr-gheal sa choire gharbhlaich
Tha tighinn on fhairge bu ghailbheach tonn…
Tha tarr-gheal a’ ciallachadh ‘white-bellied’. Tha bradan tarr-gheal sa choire gharbhlaich – ‘there is a white-bellied salmon in the rough corrie’.
Agus a-rithist, anns an aon rann:
Le shoillsean airgid gu h-iteach meanbh-bhreac
Gu lannach, dearg-bhallach, eà rr-gheal, slìom.
’S e Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair sà r-bhà rd eile. Seo e a’ cleachdadh an fhacail ‘geal’ anns an dà n ainmeil aige, ‘Allt an t-Siùcair’. Tha e a’ bruidhinn ris an à ite fhèin:
gur h-Ã lainn barr-fhionn, braonach
do chanach caoin-gheal thom,
na mhaibeanan caoin maoth-mhìn
nad mhòintich sgaoth chearc donn.
Do chanach caoin-gheal thom ‘your gentle white bog-cotton of [the] hillocks’. Do chanach caoin-gheal thom. Tha canach, gu dearbh, caoin-gheal.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Mu dheireadh, bu mhath leam innse dhuibh mu fhacal fillte a chleachd an dà chuid, Donnchadh Bà n agus Mac Mhaighstir Alasdair anns a’ bhà rdachd aca. ’S e sin brisg-gheal ‘clear, transparent, limpid’. Brisg-gheal. Tha an dithis ga chleachdadh ann an co-cheangal ri uisge. Seo earrann à Allt an t-Siùcair:
Gur milis, brisg-gheal, bùrn-ghlan
meall-chùirneineach ’s binn fuaim,
bras-shruthain Allt-an-t-Siùcair
ri torman siùbhlach, luath…
Agus earrann à Beinn Dòrain:
Le glainnead a h-uisge Gu maoth-bhlasta, brisg-gheal…With the cleanliness of her water, sweet-tasting and clear. Seadh, ’s e sin aon rud nach gabh à icheadh mu dheidhinn Alba. Tha uisge againn ann am pailteas, agus tha a’ chuid as motha dheth brisg-gheal.Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: geala-chasach: white-legged, white-footed; Donnchadh BÃ n Mac an t-Saoir: Duncan Ban MacIntyre. Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: dòigh air sin a rà dh: a way of saying that; sgìre Thoirbheartain ann an Ros an Iar: the vicinity of Torridon in Wester Ross; air sgà th nan craobhan-beithe a tha a’ fà s ann: because of the birch trees that grow there; a’ dèanamh tuairisgeul de dh’eilid: describing a hind; grad-charach, fad-chasach, aigeannach, neònach, geal-chèireach, gasganach, gealtach ro mhadadh: quick of movement, long-limbed, spirited, eccentric, white-buttocked, white-tailed, timorous before a dog; faoghaid air an dèidh: a hunt in their pursuit; ’s laghach leam an sreud a bha sròineiseach: I like the herd that was snuffling; tha an dà mh a’ faighinn aithne dhen aon seòrsa: the stag is recognised in the same way; tha bradan tarr-gheal sa choire gharbhlaich: there is a white-bellied salmon in the rugged corrie; tha tighinn on fhairge bu ghailbheach tonn: that comes from the ocean of the stormiest wave; le shoillsean airgid gu h-iteach meanbh-bhreac: with his silvery flashes, with fins and small speckles; gu lannach, dearg-bhallach, eà rr-gheal, slìom: scaly, red-spotted, white-tailed and sleek; gur h-à lainn barr-fhionn, braonach: how beautiful, fair-headed and dewy [is]; na mhaibeanan caoin maoth-mhìn: in gentle soft clusters; nad mhòintich sgaoth chearc donn: a flock of red grouse [swarm] on your moorland; gur milis, brisg-gheal, bùrn-ghlan: how sweet, transparent and pure [is]; meall-chùirneineach ’s binn fuaim: piles of water droplets and melodious sound; bras-shruthain X: the rapids ofÌý X; ri torman siùbhlach, luath: making a smooth, fast murmuring; nach gabh à icheadh: that cannot be denied.
Puing-chà nain na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: mar a bhios am facal ‘geal’ a’ dol an cois fhaclan eile: how the word ‘geal’ appears along with other words.
Broadcasts
- Sun 13 Mar 2016 22:29³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Wed 16 Mar 2016 23:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.