Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 2

Donald and Catriona present the best of the action from day two of the Scottish National sheepdog trials in the Scottish Highlands.

Tha Dòmhnall agus Catriona a' lìbhrigeadh a' chuid as fheàrr dhen fharpais air an dara latha de dh'fharpais Nàiseanta chon-chaorach na h-Alba ann an Drochaid Sguideil air a' Ghàidhealtachd.

Anns an dara prògram, tha sinn a' togail air a chuid as fheàrr dhen fharpais bhon dara latha. Cha robh a' ghaoth cho garbh agus bha na caoraich nas somalta. Leis sin, thàinig cuid de na farpaisich nach robh 's dòcha cho ainmeil am bàrr. Am faic sinn ainmean ùr a' nochdadh ann an sgioba na h-Alba? A' feuchainn airson a' chiad uair aig ìre nàiseanta bha Mure Grant nach eil ach còig bliadhn' deug, agus Fred, agus cuideachd Joe MacCoinnich nach eil ach 13 agus e a' cur Tweedie air sgrìob.

Cuideachd anns a' phrògram seo, tha ar neach-aithris Evelyn Coull a' tadhal air Eilean Anglesey agus a' còmhradh ri Rhion Owen, a tha gu math sònraichte ann an saoghal dheuchainnean chon! An dèidh cho beag ri trì bliadhna de dh'eòlas, thàinig e gu aire luchd-leantainn nan deuchainn nuair a rinn e a' chùis air farpaisich le cliù eadar-nàiseanta agus neach eile a bha air farpais an t-saoghail a bhuinnig dà uair, aig farpais fhosgailte ann an Abersoch. Dè a' th' aige a chum os-ìosal e? Tha Evelyn a' dèanamh a dìcheall faighinn a-mach.

Tha Dòmhnall MacSuain e fhèin a-muigh air chuairt agus an uair a tha e a' coimhead air adhart gu Deuchainn Eadar-Nàiseanta ann am Moffatt, tha plòidh gu leòr aige a' tadhal air Rèis Chaorach ann am Moffat fhèin. Bheil e comasach air a' chaora as luaithe a chomharrachadh le geall?

Donald and Catriona present the best of the action from day two of the Scottish National Sheepdog Trials in the Scottish Highlands. Episode two comprises the best of the action from the second day of the competition. With the wind dropped and sheep calm, some less familiar names post some very competitive scores. Will we see some new faces in the Scottish team?

Competing for the first time at national level is 15-year-old Mure Grant, with his dog Fred, and 13-year-old Joe McKenzie, who is running Tweedie. Also in the programme, reporter Evelyn Coull visits the island of Anglesey to speak to Rhion Owen, who is a bit of a phenomenon in the trialling world! A novice of just three years' experience, he caught the attention of the trialling fraternity by beating international handlers as well as a double world champion at an open trial in Abersoch. What's his secret? Evelyn does her best to find out.

Presenter Donald MacSween is also out and about and, as he looks forward to the International Trial in Moffat, he has some fun visiting the Moffat Sheep Races event. Does he have what it takes to back a winner?

1 hour

Credits

Role Contributor
Presenter Catriona MacPhee
Presenter Donald MacSween

Broadcasts