10/01/2016
Tha Ruairidh MacIllEathain ag innse mun a chò-fhaclair no thesaurus a tha ri fhaighinn air learngaelic.net. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 556
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 860
Duration: 05:00
Litir 860: Co-fhaclan
A bheil sibh eòlach air an fhacal – co-fhacal? Synonym ann am Beurla. Tha facal na cho-fhacal air facal eile ma tha e a’ ciallachadh an ìre mhath an aon rud ris. Tha an dà fhacal co-fhaclach no synonymous.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An tèid agad air smaoineachadh air eisimpleir de cho-fhaclan? Uill, seo agaibh eisimpleir – glic agus ciallach. Chan eil iad buileach co-ionann, a bheil? Ach tha iad faisg gu leòr airson a bhith nan co-fhaclan air a chèile. Dè mu dheidhinn ciallach agus toinisgeil? ’S dòcha gu bheil iadsan beagan nas fhaisge air a chèile.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha mi an sà s ann am pròiseact co-fhaclaireach o chionn beagan bhliadhnaichean. Chaidh co-fhaclair a chruthachadh. ’S e sin a’ Ghà idhlig air thesaurus. Gheibh sibh grèim air a’ cho-fhaclair ann an riochd eileagtronaigeach air an là raich-lìn do luchd-ionnsachaidh – LearnGaelic.scot/thesaurus.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Anns an Litir seo, tha mi a’ dol a chur cheistean oirbh a tha a’ tighinn bhon cho-fhaclair Ghà idhlig. Chì sibh cho math ’s a tha sibh air faclan a thuigsinn!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An toiseach, rudeigin co-cheangailte ris an à rainneachd. Tha an t-uabhas de dh’fhaclan ann an Gà idhlig a tha a’ ciallachadh beinn no cnoc no a leithid – còrr math is ceud dhiubh. Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh nan co-fhaclan airson facal. Agus tha mi a’ dol a dh’iarraidh oirbh innse dè an ceann-fhacal a th’ ann sa cho-fhaclair. Seo na co-fhaclan: cnocan, tom, stacan, tulach, tulachan, sìthean, torran, tolm, toman, meallan, stùc agus mulan. Mmm … chan eil e furasta, a bheil?! Uill, seo e – gnoban. Agus ciall an fhacail ann am Beurla – little hill, knoll. Gnoban.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Seo eisimpleir eile. ’S e ainmear a th’ ann. Seo agaibh na co-fhaclan dha: troc, sgruibleach, smùrach, aolach, dreamsgal, sgrathal, greallach, draos, tramasgal, treallaich agus smodal. Dè am facal air a bheil sibh a’ smaoineachadh a-nise? Uill, ’s e an ceann-fhacal airson sin anns a’ cho-fhaclair – sgudal. Rubbish, trash – sgudal.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus eisimpleir de bhuadhair. Seo na co-fhaclan: robach, mì-sgiobalta, riapach, liobasta, neo-chumadail, neo-ghrinn, sgraiteach, lùiristeach, leibideach agus suarach. Tha antanaim ann air a shon cuideachd. ’S e antanaim facal aig a bheil ciall a tha calg-dhìreach an aghaidh ciall a’ cheann-fhacail. Agus ’s e an t-antanaim airson seo – sgiobalta. ’S e an ceann-fhacal luideach, a’ ciallachadh shabby, untidy. Luideach.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nise, smaoinichibh tiotan air an fhacal ±ôù³Ù³ó, a’ ciallachadh strength, power. Lùth. ’S e sin an eileamaid a th’ anns an fhacal-fhillte ±ôù³Ù³ó-chleas agus ±ôù³Ù³ó-chleasachd. Dè na co-fhaclan a bhiodh sibh fhèin a’ comharrachadh airson ±ôù³Ù³ó? Uill, seo an fheadhainn anns a’ cho-fhaclair: ±ôù³Ù³ós, cumhachd, neart, smioralas agus spionnadh. Tha faclan dà imheach ann air a shon cuideachd – daingneachd agus spracalachd. Tha faclan dà imheach – related terms – car coltach ris a’ cheann-fhacal gun a bhith co-ionann ris.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus dè an t-antanaim a bhiodh sibh fhèin a’ taghadh airson ±ôù³Ù³ó? Uill, seo na tha anns a’ cho-fhaclair – laigse. Ma bheir sibh sùil air laigse mar cheann-fhacal, gheibh sibh sia co-fhaclan deug, còig faclan dà imheach agus trì antanaimean. Ach chan eil ±ôù³Ù³ó am measg nan antanaimean. Obh obh. ’S dòcha gun do lorg mi laigse anns a’ cho-fhaclair! A dh’aindeoin sin, tha mi an dùil ’s an dòchas gum bi e feumail do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig air feadh an t-saoghail.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: co-fhacal: synonym; à °ù²¹¾±²Ô²Ô±ð²¹³¦³ó»å: environment; ainmear: noun; buadhair: adjective; antanaim: antonym; obh obh: oh dear. ÌýÌý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ma tha e a’ ciallachadh an ìre mhath an aon rud ris: if it means pretty much the same thing as it; buileach co-ionann: entirely the same; faisg gu leòr airson a bhith nan co-fhaclan air a chèile: close enough to be synonyms for each other; an sàs ann am pròiseact co-fhaclaireach: involved in a thesaurus project; gheibh sibh grèim air a’ cho-fhaclair ann an riochd eileagtronaigeach air an là raich-lìn: you’ll get hold of the thesaurus in an electronic format on the website; chì sibh cho math ’s a tha sibh air faclan a thuigsinn: you’ll see how good you are at understanding words; còrr math is ceud dhiubh: well over a hundred of them; smaoinichibh tiotan air: think for a moment of [on]; ’s e sin an eileamaid a th’ anns an fhacal-fhillte: that’s the element that’s in the compound word; a bhiodh sibh fhèin a’ taghadh: that you’d choose yourself; sia co-fhaclan deug, còig faclan dà imheach agus trì antanaimean: sixteen synonyms, five related terms and three antonyms; ’s dòcha gun do lorg mi laigse: perhaps I’ve found a weakness; a dh’aindeoin sin, tha mi an dùil ’s an dòchas gum bi e feumail: despite that, I sincerely hope that it will be useful; air feadh an t-saoghail: throughout the world.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: calg-dhìreach an aghaidh ciall a’ cheann-fhacail: opposite to the meaning of the headword. Ceann-fhacal is a compound noun so how do we know which element to inflect in the genitive case? Ask yourself what the basic word is. Is ceann-fhacal a type of ‘ceann’ or a type of ‘facal’? It is clearly a type of ‘facal’ – one that provides a heading in a dictionary, so that is the word that inflects for case. The genitive singular form of facal is facail, so the genitive singular form of ceann-fhacal is ceann-fhacail (the lenition is caused by the placing of the word after ‘ceann’). The nominative plural form (in most dialects) is ceann-fhaclan because faclan is the nominative plural of facal.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: An tèid agad air smaoineachadh air eisimpleir de cho-fhaclan? : can you manage to think of an example of synonyms?
Broadcasts
- Sun 10 Jan 2016 22:58³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Jan 2016 23:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.