
Aonghas & Iain Guinne - Gallipoli & Somme
Cunntasan bho Aonghas agus Iain Guinne air mar a thachair an cogadh riutha ann an Gallipoli agus aig an Somme. Personal World War I accounts from Angus and John Gunn.
Bha Aonghas Guinne, neo Inch, à Cros ann an Nis, am measg nam mìltean de bhalaich Leòdhais a chaidh a ghairm dhan Chiad Chogadh. 'S ann anns an arm a bha e, sna Lovat Scouts. Bha e ann an Gallipoli, anns an Èipheit agus ann an Salonica. Anns a' chòmhradh a rinn Aonghas ri Comann Eachdraidh Nis, tha e a' mìneachadh an teas a bh' anns an fhà sach agus mar a bhiodh iad a' blà thachadh a' bhùirn airson sèibhigeadh le bhith ga chuir ann an canastair dhan ghainmhich.
Gu h-iongantach, ceud bliadhna air adhart agus bha na rà saran a bha Aonghas air a bhith a' cleachdadh ann a sin air an glèidheil gu prìseil aig a mhac Iain ann an Nis mar a dh'innis e do dh'Angela NicIllEathain an uair a thadhail i air agus Iain a' cluinntinn clà radh athair airson a' chiad uair. Cluinnidh sinn cuideachd cuimhneachain Mhurdo John MhicCoinnich a bha na nà baidh do dh' Aonghas, ach ged bha e èolach air 'Inch' bho bha e na bhalach beag, bha mòran bhliadhnaichean ann mas robh beachd aige gun robh e air a bhith ann an Gallipoli.
Anns an dà rna pà irt dhan phrògram, cluinnidh sinn sgeulachd bho Ghuinneach eile bho taobh thall na sgìre a bha deònach iomradh goirid a thoirt dha Comann Eachdraidh Nis air mar a thachair an cogadh ris. Bha Iain Guinne, Iain a' Bhrogaich, às a' Chnoc Àrd anns na Sìophortaich còmhla ri a dhà bhrà thair. Chaillear an dithis, aon san Fhraing ann an 1915 agus am fear eile ann am Mesopotamia ann an 1917. Chaidh Iain fhèin a leòn barrachd air aon turas agus chuir e seachad sia mìosan anns an ospadal an dèidh dha a bhith air a ghoirteachadh aig Blà r an Somme.
Last on
Iain Guinne agus Murchadh Iain MacCoinnich

Aonghas Guinne

Taing do Chomunn Eachdraidh Nis airson an dealbh.
Copyright: Comunn Eachdraidh Nis
Na RÃ saran aig Aonghas

Seo na rà saran a bh’ aig Aonghas Guinne ann an Gallipoli agus anns an Èipheit. Dh’iarr Iain oirnn an toirt do Chomunn Eachdraidh Nis, far a bheil iad a-nis air an taisbeanadh.
Iain a' Bhrogaich

Taing do Chomunn Eachdraidh Nis airson an dealbh.
Copyright: Comunn Eachdraidh Nis
Dòmhnall MacThòmais

Donnchadh MacIllÃŒosa

Broadcasts
- Thu 26 Nov 2015 12:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Thu 26 Nov 2015 22:10³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Nov 2015 09:30³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal