Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Moireasdan

Iain Moireasdan le sùil air ball-coise na deireadh sheachdain bho deas gu tuath. John Morrison and the team bring you all the latest sports news.

Iain Moireasdan le sùil air ball-coise na deireadh sheachdain bho deas gu tuath: sgioba Leòdhais agus na Hearadh a' dèanamh air tìr mòr 's iad a' coinneachadh ri Sutherland Utd ann am farpais Cupa Chaileanach aig Tuath, Formula 1 ann an Singapore, fiosrachadh mu geamannan rugbaidh Pro12 na deireadh sheachdain, sreap aig astar agus gu leòr spòrs eile!

57 minutes

Last on

Sat 20 Sep 2014 09:03

Clip

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Chan e fear mòr a th’ annam airson goilf - cha robh ùine agam airson ionnsachadh an uair a bha mi na b’òige agus cha robh mi beairteach gu leòr an uair a dh’fhàs mi nas sine ’s gum faodainn mo shuim a chall a’ feuchainn ri chluiche! Ach coltach ris na milleanan eile bidh mo shùilean air Gleann Eigeis air an deireadh sheachdain seo feuch cò a ghlèidheas an dà fhicheadamh farpais de Chupa Ryder.


Às dèidh Cupa na Cruinne agus Geamachan nan Olympics seo an fharpais as motha a tha a’ tarraing luchd-amharc agus tha e a’ toirt samhradh spòrs eachdraidheil gu ceann an seo an Alba. Bha sùilean an t-saoghail air an dùthaich againn an t-seachdain seo chaidh leis an referendum agus bidh an aon rud fìor sna beagan làithean a tha romhainn ’s luchd-leantail goilf bho air feadh na cruinne a’ coimhead feuch cò a thig am bàrr eadar na h-Eòrpaich agus na Stàitean Aonaichte.


Sna bliadhnaichean mu dheireadh tha làmh an uachdair air a bhith aig na h-Eòrpaich, a’ buinnig a còig a-mach às na sia farpaisean mu dheireadh agus bhon a tha iad aig an taigh bidh a’ chuideam orra buaidh a thoirt air na h-Ameireaganaich fo stiùir Tom Watson a-rithist air an deireadh sheachdain. Bidh tòrr dhen uallach sin air guailnean òga Rory McIlroy agus tha e gu bhith inntinneach fhaicinn ciamar a chleachdas an sgiobair Pòl McGinley an t-Èireannach.


Beagan bhliadhnaichean air ais bhiodh na h-Eòrpaich ag ràdh - 'dèan an gnothach air Tiger Woods agus nì thu a chùis air sgioba nan Stàitean.' Uill, a-nis gu bheil rionnag Woods air a dhol às an t-sealladh faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi na h-Ameireaganaich ag ràdh an aon rud mu dheidhinn McIlroy. Ma nì iad a chùis air McIlroy bidh iad a’ faireachdain gun cuir iad teagamh sa chòrr dhen sgioba Eòrpach. Mar sin bidh e inntinneach fhaicinn an cuir McGinley a-mach McIlroy aig àireamh a h-aon no am feuch e ris a’ chuideam a thoirt dheth le bhith ga fhalach nas fhaide sìos san òrdugh cluiche.


’S dòcha nach e droch bheachd a bhiodh an sin co-dhiù oir bidh cuimhne aig a h-uile duine mar a theab McIlroy gèam a leigeil seachad ann am Medinah san fharpais mu dheireadh às dèidh dha an uair fhaighinn ceàrr agus nochdadh anmoch son a’ ghèam an aghaidh Keegan Bradley! Tha mòran air tachairt bhon uairsin agus le McIlroy a-nis aig àireamh a h-aon san t-saoghal dh’fhaodadh sin a bhith an dà chuid na mhisneachd agus na uallach dha fhèin agus dhan sgioba Eòrpach.


Gu fortanach airson McGinley ge-tà chan eil e a’ crochadh gu tur air McIlroy agus tha fios aige gu bheil cluicheadairean eile aige leithid Iain Poulter, Justin Rose, Lee Westwood agus Graeme McDowell a bha thall sa chunnaic mar-thà agus a tha comasach air seasamh suas ann an teas a’ bhlàir. Tha aon rud cinnteach chan iarradh iad àite na b’fheàrr airson na farpais air cùrsa riochdail mu choinneamh 45,000 luchd-taic a bhios an dà chuid eòlach agus a sheallas urram do gach sgioba.


Tha còrr is dà fhichead bliadhna bho bha farpais Cupa Ryder an seo an Alba mu dheireadh, ach coltach ri Geamachan a’ Cho-fhlaitheis tha mi làn chinnteach gum bi an dùthaich againn uair eile air bilean an t-saoghail airson na h-adhbharan ceart. Cò a ghleidheas? Ma chluicheas iad mar as urrainn dhaibh bu chòir dhan Chupa fuireach ann an làmhan Eòrpach dà bhliadhna eile, ach ma ’s e ’s gur e na h-Ameireaganaich a ghleidheas tha mi an amharas gum bi gu leòr an Alba toilichte airson Watson, duine cho gasta ris an coinnich thu ann an saoghal spòrs agus fear aig a bheil ceangal is meas sònraichte air Alba.


EURO 2020 a’ tighinn a Ghlaschu ach a bheil latha Hampden seachad?


Thàinig deagh naidheachd eile aig deireadh na seachdain seo chaidh an uair a dh’innis UEFA gum biodh ceithir dheth na geamachan aig farpais EURO 2020 air an cumail ann an Glaschu aig Pàirce Hampden. Chuir sin beagan de dh’iongnadh orm a dh’innse na fìrinn oir tha fiosam gun robh draghan air taobh a-staigh UEFA mu mheud Hampden agus dìth ghoireasan aoigheachd am broinn na pàirce.


Chan eil teagamh nam inntinn nach tug Daibhidh Mac an Tàilleir nach maireann, a bha ag obair an dà chuid aig UEFA agus Comann Ball-coise na h-Alba, buaidh mhòr air mar a chaidh a’ bhòt. Cha robh ach aon phuing eadar Alba agus a’ Chuimrigh agus tha mi mionnaichte gun do bhòt mòran dhen àrd chomataidh aig UEFA len cridheachan mar chuimhne air Mac an Tàilleir.


Bidh e sgoinneil trì geamachan buidhne agus aon ghèam sna sia deug mu dheireadh fhaicinn an seo an Alba, ach tha an co-dhùnadh seo cuideachd a’ dearbhadh dhòmhsa gum feum an SFA coimhead ri dachaigh ùr às dèidh 2020. Chaidh Hampden a leasachadh aig cosgais uamhasach sna 90an ach mar phàirce ball-coise tha i fada air dheireadh air àiteachan leithid Wembley agus Pàirce a’ Mhillenium ann an Cardiff a thaobh sealladh agus goireasan airson luchd-taic. Tha iasad an SFA air Hampden a ruith a-mach ann an 2020 agus tha dà roghainn aca nam bheachd sa - an t-àite a leagail gu làr agus pàirce ùr a thogail na àite, no geamachan eadar-nàiseanta a thoirt gu pàircean eile mar a tha a’ tachairt san Spàinn sa Ghearmailt.


Le airgead cho gann chan fhaic mi gum bi riaghaltas sam bith deònach na deugachadh mhilleanan notaichean a chosg air pàirce ùr a thogail. Carson a bhitheadh aig àm an uair a tha rudan nas cudromaiche ri dhèanamh? Tha sin a’ fàgail an dara roghainn, na geamachan mòra a thoirt gu Pàirce Celtic is Ibrox agus an fheadhainn as lugha a chur a-mach gu pàircean eile leithid Easter road, Pittodrie, Tynecastle agus Tannadice. Chan eil teagamh nach eil mòran de dh’eachdraidh agus cuimhneachain am broinn Hampden ach chan urrainn dhut ball-coise a chluiche ann an taigh-tasgaidh. Chan eil i feagarrach tuilleadh airson feumalachdan an latha an-diugh agus tha an latha aice gu bhith seachad.


Càise cruaidh airson Magath


Cha b’urrainn dhomh gun ghàire a dhèanamh an uair a chuala mi mun leigheas a mhol Felix Magath dhan chluicheadair-dìon Brede Hangeland. Bha an Nirribheach airson faighinn gu ‘physio’ cho luath sa b’urrainn dha às dèidh a shliasaid a ghortachadh, ach thuirt Magath gum biodh e na b’fhearr cnap càise air a bhogadh ann an deoch-làidir a chur oirre tron oidhche. 'S dòcha mar sin nach eil e na iongnadh gun d’fhuair Magath a’ bhròg bho Fulham an t-seachdain seo chaidh. Saoil an do chual’ e riamh mu dheidhinn Lus nan Laogh?!

Broadcast

  • Sat 20 Sep 2014 09:03

Lean ³ÉÈË¿ìÊÖ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho ³ÉÈË¿ìÊÖ Gàidhlig