24/07/2014
Le Geamanan a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu bheir sinne sùil air a' bhaile a tha air aire an t-saoghail. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Ruairidh MacIllEathain
Duration: 04:18
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Sin thu, a Dhòmhnaill
No an e sibh a bu chòir dhomh sgrìobhadh? Nam biodh sibh beò an-diugh bhiodh sibh ceud bliadhna agus a h-ochd-deug. Chan eil mi faisg air sin. Ann an aois, tha urram, tha fhios. Agus sibhse brà thair mo sheanar. Uill, ’s e sibh a dh’fheumas mi rà dh, nach e?Â
Nuair a dh’fhalbh sibh bhon t-saoghal seo, ge-tà , bha sibh dìreach fichead. Sin uile. Sin mar a tha na mairbh a dh’eugas òg. Chan fhàs iad sean ann an cuimhne no ann an dha-rìreabh. Cha chreid mi gun do ghabh duine 'sibh' oirbh riamh. Uill, gabhaidh mise 'sibh' oirbh agus tuigidh sibh gur e urramachadh a tha fa-near dhomh.
Bha mi airson faighinn a-mach bhuaibh mar a bha cùisean ann am Mesopotamia. Tha mi a’ tuigsinn gu bheil e a’ ciallachadh ‘Eadar na h-Aibhnichean’. Nach ann coltach ri Calanais fhèin a bha e, ma-thà ? An Abhainn Dhubh air an dà rna ceann dheth ’s Abhainn Bhreascleit air a’ cheann eile. Na bradain a’ leum, na h-uiseagan a’ ceilearadh, na cuileagan a’ bìdeadh, na bodaich a’ poidseadh. Aidh, uill, ’s dòcha nach robh e buileach mar sin agaibhse. Tigris. Euphrates. Sruthan coimheach Bhabiloin, far an do shuidh sibh brònach, bochd…
Bha na saighdearan gu lèir brònach, bochd a rèir na sgrìobh sibh anns an litir mu dheireadh agaibh. An tè dha-rìreabh mu dheireadh. Na h-Innseanaich a cheart cho math ris na Sìophortaich. Is duilich sin. Shaoilinn gum biodh na h-Innseanaich cleachdte ris an teas is droch bhiadh is uisge salach is droch shlà inte, ach ’s dòcha nach eil. Teas, fiabhras, Seonaidh Turcach. Agus fuachd, fiabhras is Seonaidh Turcach. Trianaidean neo-dhiadhaidh gun teagamh.
Bha aon rud gu bhith math mun chogadh ann am Mesopotamia. Bha Ìompaireachd Bhreatainn gu bhith a’ cur chùisean ceart. Na Turcaich a ruagadh. Na h-Arabaich a smachdachadh. Na Curdaich … uill … a dhìochuimhneachadh. Cha robh sinn riamh a’ dol a chur a h-uile cà il ceart.
Eil fhios agaibh mar a chaidh sibh a-steach don chogadh le moit is deòin is toileachas. Dh’innseadh stòiridh dhuibh. Thigeadh sìobhaltachd don fhà sach. Thigeadh beairteas far an robh bochdainn, dòchas far an robh eu-dòchas, sonas far an robh bròn. Thuigeadh na Mussalmans gun robh iad air an rathad cheà rr. An à ite a’ chaliph bhiodh Rìgh Crìosdail aca.
Uill, chan eil fhiosam an tuirt iad a h-uile cà il a bha sin. Ach, mura tuirt, dè dh’inns iad dhuibh? Carson a bha sibh a’ sabaid an sin? Cuin a bha na Turcaich a’ bagairt air Breatainn?
Tha mi duilich ma tha sibh a’ smaoineachadh gu bheil mi ann an droch shunnd. Ach tha mi diombach nach fhaca sibh seann aois. Agus dè rinn an Rìgh no Lloyd George no Winston Churchill dhuinn aig an taigh? An fheadhainn a thà inig beò tron chogadh, dè thachair dhaibh? Na prairies, a bhalaich. Bha iad eadar aibhnichean an sin, tha mi ag innse dhut.
’S e an fhìrinn a th’ ann gu bheil cùisean air a dhol a dholaidh ann am Mesopotamia bhon a tharraing sibh ur n-anail mu dheireadh. Cha do mhair Mesopotamia fada co-dhiù. Thà inig Iraq. Taing do Bhreatainn. Dùthaich ùr a bh’ innte. Tha i fhèin a-nise a’ falbh. Cò aige tha fios dè dh’èireas na h-à ite. Agus cha b’ e sibh fhèin na saighdearan Breatannach mu dheireadh a chaill am beatha eadar na h-aibhnichean coimheach.
Dè chanas mi ribh, ma-thà , anns an dealachadh? Taing, gun teagamh. Duilich, gu dearbh. Latha brèagha air choreigin, teichidh grà in bho chridhe an duine agus thig grà dh na h-à ite. ’S e sin mo dhòchas.
Ogha ur brà thar, Ruairidh mac Fhionnlaigh ’ic Dhòmhnaill Mhòir
Broadcast
- Thu 24 Jul 2014 09:03³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal