22/07/2014
Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig à m bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Sìne NicLeòid
Duration: 04:20
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
3mh An t-Iuchar 1915
Uilleam a ghrà idh,
Ceud taing airson an crom-lus a chur thu thugainn bho No Man’s Land. Tha e gu math prìseil dhuinn agus tha e ga do thoirt gu ar smuaintean agus a’ cuimhneachadh dhuinn gu bheil thu a’ riochdachadh ar coimhearsnachd, ar n-eilean, ar dùthaich agus Breatainn air fad anns a’ chogadh. Cuimhnich thusa, ille, gu bheil sinn pròiseil asad agus nach eil là ann nach eil sinn a’ smaoineachadh ort. Bha e math litir fhaighinn bhuat an là eile. Bidh sinn a’ gabhail dragh an uair nach eil sinn a’ cluinntinn cà il - tha uiread de dhaoine sa choimhearsnachd a’ faighinn droch naidheachd na là ithean seo agus chan eil e furasta do dhuine sam bith. Tha e duilich dhuinn a bhith air ar sgaradh bhuat, ach tha iomadach teaghlach anns an aon suidheachadh rinn agus feumaidh sinn gabhail ris agus ar earbsa a chur ann an Dia gun till thu air ais slà n sà bhailte thugainn.
Tha do phiuthar bheag a’ fàs mòr a h-uile là . ’S e a co là breith a bh’ ann an-dè, mar a bhios fios agad agus chuir i seachad an là mòr shìos còmhla ri a seanmhair, air a bheil i fhèin agus tu fhèin cho dèidheil. Tha an dithis aca ann an sunnd math agus a’ gabhail do naidheachd. Bha d’ athair a-muigh ag iasgach an-dè agus abair gu robh là math ann – ghlac e rionnaich a nì ar teatha dhuinn airson nan là ithean a th’ air thoiseach oirnn! Chan eil dìth cà il oirnn an seo Uilleam, tha sinn gu math fortanach agus a’ toirt taing do Dhia a h-uile là airson coimhead às ar dèidh.
Ged nach eil sinn a’ cluinntinn fuaim a’ bhlà ir mar a tha sibhse, tha sinn fhathast mothachail agus a’ gabhail cùram ann an sgìre Nis – chunnaic sinn soithichean cogaidh faisg air Rubha Robhanais, aig an taigh-sholais! Feumaidh mi aideachadh gun tug sin criothnachadh oirnn mar choimhearsnachd, ach tha sinn a’ cumail oirnn a’ feuchainn gun a bhith a’ smaoineachadh mu dheidhinn na cùis. Saoilidh tu gu bheil sinn cho fad air falbh bhon olc air an eilean, ach chan urrainnear a bhith cinnteach agus feumar a bhith faiceallach fiù ’s an seo. Chan eil mi airson eagal no dragh a chur ort, a ghrà idh, tha sinn sà bhailte gu leòr, ach bha mi airson innse dhut mu mar a tha an cogadh a’ toirt buaidh oirnn fhìn an seo ann an Nis.
Tha fadachd ormsa agus air an teaghlach gu lèir airson an là a choisicheas tu a-steach air an doras ann an Sgiogarstaigh. Tha an sgìre gu lèir ag ionndrainn nam balach a dh’ fhalbh chun chogadh cho òg. Tha falamhachd an seo nach tuig duine a chaoidh agus ’s e faireachdainn a th’ ann a tha duilich a mhìneachadh ann an litir. Tha ar cridheachan briste le cianalas air ur son, ach feumaidh sinn a bhith là idir agus neart fhaighinn bho chà ch a chèile.
Am bi thu a’ faicinn Dòmhnall Thormoid Ruaidh às a’ Bhaile Àrd? Tha mi an dòchas gu bheil balaich Sgiogarstaigh gu lèir còmhla agus gu bheil sibh a’ coimhead as dèidh a chèile – tha là n fhios againn cho duilich ’s a tha e dhuibh pèin anns an t-suidheachadh anns a bheil sibh agus sibh cho fad air falbh bhon dachaigh.
Tha mi duilich a bhith cho dubhach mu dheidhinn gnothaichean, ach tuigidh tu fhèin an t-eagal a th’ oirnn an seo ann an Nis a’ smaoineachadh oirbh anns na trainnsichean, gun fios a bhith againn a bheil sibh beò no marbh! An-drà sta, tha na deòir a’ ruith bhom shùilean leis an smuain sin. Uilleam, dèan cinnteach a-nis gun cùm thu a’ sgrìobhadh thugainn cho tric ’s as urrainn dhut airson ar n-inntinn a chur aig fois. Dèan cinnteach gu bheil thu a' coimhead às do dhèidh fhèin agus nach eil thu gad chuir fhèin ann an cunnart! Bi ciallach, bi faiceallach, cuir d' earbsa ann an Dia agus bi thu ceart gu leòr!
Tha sinn ag ùrnaigh air do shon, airson nan saighdearan gu lèir às a’ bhaile seo agus airson gun tig an cogadh seo gu crìoch.
Le mòran gaoil agus a h-uile beannachd,
Do mhà thair agus an teaghlach air fad ann an Sgiogarstaigh.
Broadcast
- Tue 22 Jul 2014 12:03³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal