03/07/2014
A bheil na rathaidean ro chunnartach airson a bhith orra le baidhsagal? Gheibh sinn beachd bho feadhainn a bhios air baidhsagal tric. Are our roads too dangerous for cycling?
A bheil na rathaidean ro chunnartach airson a bhith orra le baidhsagal? Gheibh sinn beachd bho feadhainn a bhios air baidhsagal gu math tric.
Carson a tha tinneas an fheòir nas miosa am-bliadhna na tha e air a bhith riamh? Gheibh sinn beachd an dotair Sarah Marr agus cluinnidh sinn bho tè a tha fulang leis an tinneas, Janice Ann NicAoidh.
Tha trì fichead bliadhna ann bho sguir na rations agus cluinnidh sinn deasbad bhon tasglann againn a chaidh a chraoladh an tòiseach ann an dà mhìle sa naoi agus sinn a' beachdachadh air cò ris a bha iad coltach aig à m an dà rna cogaidh.
Cuideachd, cluinnidh sibh an litir a sgrìobh Cairistìona Stone chun an t-Saighdeir gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Cairistìona Stone
Duration: 04:03
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Cairistìona Stone
A ghrà idh,
Litir eile, fhad ’s a tha an tè bheag na cadal.
Cha tèid an oidhche mus do dh’fhà g thu mi à dìochuimhn’ gu brà th. Mar a bha do shùilean cho dorch’ le miann – d’ anail cho milis, cho aithghearr, èiginneach.Ìý ’S nuair a chaidil thusa, solas na gealaich a’ soillseachadh gach feart, dh’òl mise a-steach gach òirleach dhìot agus ghlèidh mi sin gu cùramach nam chridhe.
Saoilidh mi gu bheil blas a’ phòg mu dheireadh air mo bhilean fhathast, ’s gu bheil mi a’ faireachdainn do ghà irdeanan là idir gam chumail teann, dlùth ri do bhroilleach fhèin. ’S ann mar sin a dhealaich sinn bho chèile, a ghrà idh.Ìý Ged a bha an cidhe a’ taomadh ’s a’ cur thairis le daoine eile, ’s ged a bha ceòl na pìob an aon chluais agus neach togail an fhuinn sa chluais eile – cha robh ann ach mi-fhèin ’s tu fhèin.Ìý Cha robh còmhradh a’ chòrr eadarainn oir ghoid an oidhche na cagairean sèimh, dìomhair ud. Dùin do shùilean, a ghrà idh, agus cuimhnich; mar a tha mise a’ cuimhneachadh. Thig fiamh-ghà ire le blas cùbhraidh na chois.ÌýÌý
Tha an tè bheag a’ fà s nas coltaiche riut leis gach latha a thèid seachad.Ìý Nuair a laigheas mo shùil oirre, chì mi d’ ìomhaigh fhèin ... falt bachlagach bà n, sùilean ciùin, gorm.Ìý Chan eil innte ach tiodhlac phrìseil, i toilichte, sona gach latha – a’ ruith eadar an taigh againn fhèin `s taighean nan nà baidhean. Nach math iad uile a bhith cho faisg, ’s cho cuideachail. Chan eil ise gad ionndrainn, a ghrà idh, mar a tha mise – ach nuair a thig tuigse gu h-eanchainn bheag – innsidh mise dhith-se mu h-athair, ’s le chèile bidh sinn ag ullachadh airson an latha à lainn ud – an latha a thilleas tu dhachaigh. Chan eil annainn an-drà sta ach teaghlach beag, briste ach nuair a bhitheas tusa còmhla rinn a-rithist, bithidh an cearcall slà n airson a’ chiad uair.Ìý Tha mi a’ fuaigheal dreasa beag, snog dhi – dreasa uaine – ’s tha min dòchas gum bi e deiseil airson a ceann-bliadhna.ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý
Trì - smaoinich fhèin gu bheil do nighean bheag gu bhith trì an ath sheachdain.Ìý Nach e a bhitheadh math nam biodh ise a’ cur an dreasa oirre airson a thighinn còmhla rium fhèin airson do choinneachadh aig a’ chidhe?Ìý ’S ann aig Dia fhèin a tha fios cuin a thachras sin. Chan eil agam-sa ach dòchas – dòchas là idir, nach lagaich.
Chan urrainn dhomh smaoineachadh air ciamar a tha cùisean dhut-sa, a ghrà idh.Ìý Nuair a bhitheas mi nam shìneadh san leabaidh air oidhche fhuar gheamhrachail, thig an t-eagal thugam mar uilebheist – ag èigheachd nam chluasan ’s a’ toirt beò gach uabhas à s ùr. O, a ghrà idh – mise ag ùrnaigh ’s ag ùrnaigh nach tachair cà il dhut-sa, gum bi thu air do dhìon bho gach gà bhadh. Gun till thu dhachaigh.Ìý Feumaidh sinn a bhith là idir, misneachail, dòchasach.Ìý Chan fhada gus am bi sinn le chèile a-rithist, mar a bha.
Bidh mi a’ cluinntinn naidheachdan de gach seòrsa sa bhaile agus anns na bailtean mun cuairt.Ìý Droch naidheachdan mu dhaoine nach till gu brà th guÌý an teaghlaichean.Ìý Daoine a’ fà gail là raichean falamh ... beà rnan nach tèid an lìonadh gu sìorraidh.Ìý Chan urrainn dhomh a bhith ag èisteachd tuilleadh.Ìý Cha thachair sin dhuinne, a ghrà idh.ÌýCha thachair – idir, idir.Ìý
Tha mi a’ cluinntinn an tè bheag a’ dùsgadh. Fà gaidh mi seo an-drà sta agus sgrìobhaidh mi thugad an ath-sheachdain.ÌýTha a’ mhadainn ùr seo gar toirt latha nas fhaisg air deireadh a’ chogaidh agus toiseach beatha le chèile nar triùir.Ìý
Gaol gun chrìoch bho do dhà nighean fhèin.
Cèitidh agus Catrìona
Ìý
ÌýÌý
Broadcasts
- Thu 3 Jul 2014 09:03³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Jul 2014 21:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal