02/07/2014
Mìnichidh an saidhg-eolaiche Dòmhnall Macleòid dè a th' anns an tinneas inntinn Gelatophobia. Psychologist Donald Macleod explains the condition Gelatophobia.
Mìnichidh an saidhg-eolaiche Dòmhnall MacLeòid dè a th' anns an tinneas inntinn Gelatophobia
Tha Michelle NicDhòmhnaill air ais leis an t-sreath mu chompanaidhean clà raidh nach eil cho aithnichte agus an-diugh 's e an companaidh FATCAT a tha i air a bhith a' rannsachadh.
Cluinnidh sinn bho Mhà iri Anna NicUalraig mu Aiseag, pròiseact ciùil anns a bheil i a' sà s.
Agus an-diugh clunnidh sibh an litir a sgrìobh Iain Steafan Moireasdan chun t-Saighdeir Gun Ainm. Ceòl bho leithid Phillip Phillips agus Rae Morris Feat. Fryars. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Iain Stephen Moireasdan
Duration: 03:08
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A charaid chòir,
Tha mi a' cur seo thugad 's gun rathad agam a bhith cinnteach an leugh no an cluinn thu na faclan a tha mi a’ cur ri pà ipear.
Ceud bliadhna às dèidh dhan Chogadh Mhòr tòiseachadh, tha thu fhèin a-nis san t-sìorraidheachd còmhla ri do chompanaich agus do chà irdean.
Bha mi a' smaointinn, ma 's e 's gun dèan an litir seo ceangal eadar sinn, gun toireadh na th' agam ri innse toileachadh dhut.
Bho chionn greis, bha mi aig tachartas ann an Uibhist a Tuath far an robh sgoilearan às an à ite seo ag innse mu thuras a bha iad air bho chionn ghoirid, a-null dhan Fhraing a shealltainn air là raich a' chogaidh agus uaighean an fheadhainn a thuit.
Sheall iad dhuinne a bha cruinnichte an là ud, feadhainn dha na ceudan dhealbhan a bha iad air a ghabhail dhe na clachan-uaghach agus là raich nan trainnsichean.
Dh'innis iad dhuinn cuideachd mu na bha iad air a dhèanamh san sgoil mun deach iad a-null.
Lorg iad uile saighdear, fear dha na mìltean a tha tiodhlaicte thall san Fhraing. Airson cuid, 's e fear a bha cà irdeach dhaibh a bha iad a' coimhead air, agus airson feadhainn eile, fear a bhuineadh dhan aon sgìre leotha fhèin an-diugh.
Nuair a rà inig iad thall thairis, lorg iad uaigh an t-saighdeir acasan, gu math tric le deagh chuid duilgheadas, agus dh'fhà g iad cuimhneachan far a bheil e na laighe aig fois.
Bha e follaiseach gun tug an turas buaidh air a' chlann-sgoile òga, feadhainn aca 's gun iad ach sia bliadhna deug a dh'aois - aois gu leòr dha na companaich agad fhèin a chaillear sa bhlà r.
Thug aon sgoilear, gille òg, buaidh orm fhèin.
Bha e ag innse mu mar a thachair às dèidh tachartas eile roimhid, ann an Uibhist a Deas an trup seo, far an robh e fhèin 's a chlas a-rithist ag innse dhan choimhearsnachd mun turas aca.
An sin, thuirt e gun do chuir iad seachad greis mhath a' bruidhinn air cho òg 's a bha feadhainn a chaochail sa chogadh. Gu leòr aca dìreach sia bliadhna deug - aois a’ ghille seo fhèin.
Às dèidh là imh, chaidh an gille seo a-mach dhan chà r far an robh a mhà thair a' feitheamh airson a thoirt dhachaigh. Nuair a shuidh e sa chà r, dh'innis e mar a thòisich e air rà naich.
Chuir a mhà thair a là mhan timcheall air agus dh’fhaighneachd i dha dè bha ceà rr.
Thuirt e rithe nach b' urrainn dha sguir a' smaointinn air na gillean òga sa chogadh, gu leòr dhiubh an aon aois ris fhèin. Cia mheud aca sin, thuirt e, a chuir an là mhan timcheall air am mà thraichean nuair a dh'fhalbh iad, 's nach fhaca i tuilleadh?Ìý
Bha deòir na shùilean 's e ag innse seo an là ud, 's bha ann an sùilean gu leòr a bha ag amharc 's ag èisteachd cuideachd.
'S e an dòchas a th' againn uile, gum bi na nì sinn air an t-saoghal, co-dhiù dè cho goirid 's a tha an ùine againn, a' cunntais airson rudeigin.
A charaid, ceud bliadhna bhon a shiubhail thu, bu chòir fios a bhith agad gu bheil sinn uile, an ginealach as òige nar measg, mothachail air na rinn thu fhèin 's do chompanaich airson ar saoghal a dhìon.
Tha sinn a' cuimhneachadh, tha sinn moiteil, 's tha sinn taingeil.
Leis gach beannachd,
Iain Stephen Moireasdan
Ìý
Broadcast
- Wed 2 Jul 2014 12:03³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal