23/06/2014
Tha Aideen O' Malley agus Liam Crouse a' toirt sùil air pà ipearan naidheachd na maidne còmhla ri Cathy an-diugh. Am measg a' chiùil tha Amber Run, Kings of Leon agus Haley Bonar. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Coinneach MacÃŒomhair
Duration: 04:34
Litir chan an t-Saighdeir Gun Ainm le Coinneach MacÃŒomhair
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Ìý
Alasdair no an e Tormod a th' agam?
Tha an dithis agaibh ‘s a’ bhlà r ach 's iongantach gun choinnich sibh a-riamh.
Tha dà imh fala agamsa ris an dithis agaibh ge-ta. Brà ithrean mo sheanairean a bh' annaibh.
Alasdair, dh'fhà g thusa Col aig toiseach a' chogaidh. Choisich thu. Cha robh dòigh eile ann. Chaidh thu seachad air Trà igh Chuil agus air Taca Chuil as t-Fhoghar bho chionn ceud bliadhna air ais.
‘S beag a bha ghuth agad gum bitheadh do bhrà thair Calum, mo sheanair, agus a charaidean a' rèideadh an tac ochd bliadhna as dèidh sin airson Col Uarach a stèidheachadh.
Bha sin air sgà th nach deach cumail ris na geallaidhean mu dhachaidhean agus talamh dha gach duine, a fhuair sibh an uair a dh'fhalbh sibh.
Sin far na rugadh mise agus far a bheil mi gus an latha an-diugh.
An robh fhios agad an latha sin nach fhaiceadh tu an Ceann a Muigh, Amhainn Chuil neo Amhainn Aonghais tuilleadh. No na h-eathraichean ag iasgach an adaig 's an Loch a Tuath no là ithean sona aig an à irigh.
Am bitheadh do smuaintean a' tilleadh air ais gu na là ithean dheth bhon sgoil airson buain a' bhuntà ta no faing togail nan uain an uair a bha thu a sin am measg clabair, dòrtadh fala agus leòn nach urrainn dhuinne fiùs a thuigs’?
Leth cheud latha, sin uile ‘s an uine a bha gu bhith agad san Fhraing, thu anns na Scots Guards, mar a dh'innseadh iad gu pròiseil aig an taigh. Deireadh na Faoilich agus cha tà inig litir tuilleadh ach tè airson na shoighnig d'athair, mo shinn-sheanair, Coinneach Dhòmhnaill Bhà in, na medals. Thà inig iadsan ach cha tà inig thu fhèin.
Chunna mi d'ainm air a’ bhalla ann a Le Touret. A MacIver. Cha b'urrainn seasamh aig d’ uaidh. Chan eil leac ann, ach tha thu nad laighe an à iteigin fo na briathran "Known to God", mar 400,000 mìle eile.
A Thormoid, mas tusa a tha dha leughadh, lean d'ainm s an teaghlach air sgà th ’s tusa a bhith air do chall. Tormod, brà thair mo mhà thair, am fear a b'òige à Brà gair, a chaillear ‘s an dà rna Cogadh nach robh idir gu bhi ann. Cha robh e ach ochd deug. Tormod mac a pheathar-san a chaochail an Afraga a Deas bho chionn aon bliadhna deug. Mo bhrà thair fhèin Dòmhnall Thormoid.
Cha robh thus’ cho òg idir. Fìor dheireadh a' chogaidh a tha a' chlach uaidh ann a Vis en Artois ag innse dhomh. A’ chlach uaighe a tha sealltainn gun robh thu deich thar fhichead an uair a thuit thu air an dà rna latha den t Sultainn 1918. Na 85th Canadians à Albainn Nuadh còmhla ris an robh thu. An e a' Ghà idhlig a bh' agaibh ri chèile?
Ach mo cheist dhut mas tu a tha a' leughadh seo. Carson a shiubhail thu às na Stà itean Aonaichte suas gu Winnipeg airson joinigeadh.
Dè an ceangal cho mòr a bh'agad ri dùthaich a dh'fhà g thu ‘s a' bhochdainn gu ìre agus gun robh thu deònach siubhal còmhla ri mìlltean eile air ais thairis a' chuan gus coinneachadh ri peilear Gearmailteach, agus sin aig fìor dheireadh a' chogaidh?
An ann còmhla riut a chaidh mo sheanair Angie Dhòmhnaill Ruaidh à Barabhas a dh'Ameireagaidh mus do thìll e a phòsadh mo sheanmhair. Dè ma dheidhinn do bhrà thair Dòmhnall a chaidh a-null agus nach do thìll tuilleadh a dhùthaich a bhreith?
Thug e smuain orm, a’ chiad duine dhen teaghlach dhan robh e a-riamh comasach seasamh agus ùmhlachd a thoirt dhut. Tha a' chlach ann an sud. Chunnaic mi i ‘s bha sin math. Ach tha mi air m' fhà gail le barrachd cheistean na freagairtean.
Mur a bitheadh còmhradh le m’ antaidh Ina an uiridh cha robh seo air tachairt. Cha robh mi a-riamh air cluinntinn mu do dheidhinn. Agus nach mòr an aobhar smuain sin fhèin. An e pian agus goirteas an dealachadh bu choireach nach bitheadh iad a' bruidhinn ort? No na dh'fhalbh sin an cois a' ghinealaich a dh'fhulaing e?
Alasdair, a Thormoid, dh'falbh sibh agus cha do thìll.
Lean sibh na h-òrduighean a chaidh a thoirt dhuibh.
Cha robh fhios agams’ na mo ghinealach mu 'r deidhinn. Cha deach inns’ dhuinn. Tha sinn duilich an dearmad a tha sinn air a dhèanamh.
Ach tha eagal orm gu bheil mi a' crìochnachadh le naidheachd nach eil ro mhath. Cha do dh'ionnsaich sinn na leasanan.
Cha b'e seo an cogadh ma dheireadh. ‘S iomadh cridhe briste, brùite, a th’air feadh an t saoghail an-diugh fhèin, air sgà th daoine dìleas a' nochdadh urram, spèis agus ùmhlachd do cheannardan a tha ro dheònach an cuid fala a dhòrtadh airson an aobharan fhèin.
Rinn an dithis agaibhse na dh'fheumadh sibh. ‘S tha sibh airidh air ur n’à ite ann an eachdraidh. Ach tha a' cheist mhòr orms’ fhathast, ogha dha ‘ur brà ithrean ....... carson, carson, carson?
Coinneach
Broadcast
- Mon 23 Jun 2014 12:03³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal