Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Moireasdan

Iain Moireasdan sa chathair a' coimhead air adhart ri deireadh sheachdain làn spòrs. John Morrison looks ahead to a weekend of sport.

Iain Moireasdan sa chathair a' coimhead air adhart ri deireadh sheachdain làn spòrs. Tha an dara cuairt de Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd ann am ball-coise ionadail dha chluich agus an dara cuairt de Chupa na Camanachd ann an iomain. Tha Cuairt Dheireannach Pro12 rugbaidh ann am Baile Àtha Cliath le sgiobaidhean Laighneach agus Warriors Ghlaschu a' strì airson na duais Disathairne. Agus bidh bogsadh againn, iomradh air Abhainn Chluaidh agus gu leòr spòrs eile.

57 minutes

Last on

Sat 31 May 2014 09:03

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Mar sin, cha bhi Roy Keane a’ tighinn gu Celtic. Droch naidheachd dhuinne sna meadhanan. Feumaidh mi ràdh gun robh fadachd orm fhèin suidhe sìos mu choinneamh agus feuchainn ri tuigse nas fheàrr fhaighinn air fear dheth na caractaran as toinnte ann am ball-coise. Ach airson mòran de luchd-taic Celtic agus gu leòr am broinn a’ chlub fhèin, tha mi an amharas gun robh osna faochadh ri chluinntinn an uair a leig an t-Èireannach fhaicinn nach robh e airson ’s gun rachadh ainm air adhart airson na h-obrach.

Ìý

Bho leig Niall Lennon dheth a dhreuchd bho chionn cola-deug tha e gu math follaiseach dè am feallsanachd a th’air a bhith aig Celtic. Le bhith a’ dol às dèidh Henrik Larsson agus an uairsin Roy Keane, tha iad air teachdaireachd a chur a-mach gu bheil ainm is cliù ‘s dòcha nas cudromaiche na eòlas sgioba a thogail as urrainn a bhith farpaiseach an seo an Alba agus aig ìre Eòrpach. Às aonais farpais chruaidh sa Phrìomh Lìog tha suidheachadh annasach air a bhith aig Celtic far a bheil cuid a’ pàigheadh airson leabhraichean seusain ach nach eil a’ bodraigeadh nochdadh gu geamachan, gu ìre far a bheil a’ phàirce air a bhith letheach falamh aig amannan.

Ìý

Cha sheasadh sin agus tha deagh fhios aig an fheadhainn a tha a’ ruith a’ chlub gum faodadh luchd-taic sìoladh air falbh mura dèanadh iad rudeigin airson an tàladh air ais. Sin as coireach gun deach iad às dèidh Larsson agus Keane, dithis aig a bheil dlùth cheangal ris a’ chlub – aon fhear mar shàr-chluicheadair a chur 242 tadhal dhaibh agus fear eile a tha ainmeil airson na rinn e aig cridhe sgioba shoirbheachail Manchester United, ach aig a bheil ceangal cuideachd ri Celtic mar chluicheadair agus neach-taic a rugadh sa thogadh an Èirinn.

Ìý

Ann am priobadh na sùla, chuireadh iad mìltean a bharrachd air a’ gheata agus aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach gum biodh ìomhaigh a’ chlub air a chumail aig àrd-ìre air feadh an t-saoghail. Airson Dermott Desmond, am fear-gnothach aig a bheil an àireamh as motha de dh’earrannan sa chlub, sin a’ phrìomh rud a bhiodh air aire. Ach an uair a thigeadh e chun a’ bhuill-coise bhiodh cunnart an cois an obair a thoirt do leithid Larsson no Keane.

Ìý

Gun teagamh thigeadh aca air duaisean a chàrnadh suas gun cus strì an seo an Alba. Leis an fhìrinn innse thigeadh aca air sin a dhèanamh le cas bheag agus aon làmh air cùl an droma, ach ‘s e gnothach eile a th’ ann am ball-coise Eòrpach. Sin far a bheil an dùbhlan san tarraing as motha airson Celtic a-nise, le cothrom suas ri £20m a chosnadh ma gheibh iad gu ìrean na buidhne dhen ‘Champions League’ gach bliadhna.

Ìý

Sin ‘Tìr a’ Gheallaidh’ airson Celtic, ach airson an ìre sinÌýa ruighinn, tha fios gu feum thu coidse no manaidsear le eòlas, seach cuideigin a reiceas tiocaidean? Gu h-annasach le Keane a-nis a-mach às an dealbh, ‘s dòcha gum bi iad ann an suidheachadh nas làidire sin a dhèanamh le leithid Steve Clarke no Malky MacAoidh, ach feumaidh iad cabhag a dhèanamh – chan eil ach sia seachdainean chun a’ chiad chuairt dearbhaidh.

Broadcast

  • Sat 31 May 2014 09:03

Lean ³ÉÈË¿ìÊÖ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho ³ÉÈË¿ìÊÖ Gàidhlig