G脿idheal 貌g a' glacadh aire ann an saoghal squash
Obar Dheathain, Cardiff agus Prague - tha cliù Chaluim a' dol am meud ann an iomadach àite is e fhathast sa bhun-sgoil.
Bha ùidh aig pàrantan Chaluim ann an squash agus thòisich e fhèin a' cluich goirid ro Chovid ann an 2020.
Mar a tha fios againn uile, chuirear stad air an leithid airson greis ach abair gu bheil Calum air tilleadh dhan spòrs le brag.
Bhon a thòisich e a-rithist, tha e air grunn fharpaisean a bhuannachadh agus tha e air na sgilean aige a leasachadh le bhith a' cluich san Roinn Eòrpa.
Tiotal eile?
Tha Calum ag ullachadh an-dràsta airson Farpais Nàiseanta na h-Alba 2024 ann an Obar Dheathain Dihaoine.
Tha e a' dol ann mar a' phrìomh seed airson aois, ach chan e sin a mhàin a tha a' fàgail adhbhar misneachd aige.
Bhuannaich e Farpais Fhosgailte na Cuimrigh dà thuras, aig ìre fo 11 bliadhna a dh'aois agus fo 13 bliadhna a dh'aois an-uiridh.
Tha e a-nis ag amas air tiotal eile fhaighinn is aire air faighinn a-steach gu sgioba na h-Alba uair eile.
Tha Calum air leth pròiseil gu bheil e air Alba a riochdachadh mar-tha ach tha e airson 's gum faigh e cothrom eile an leithid a dhèanamh ann an 2024.
"Chrìochnaich sinn san treasamh àite aig Farpais nan Còig Dùthchannan an-uiridh," thuirt Calum.
"Bhuannaich na Sasannaich e agus bha An Fhraing san dàrna àite ach bha tòrr spòrs againn air an òidhche às dèidh làimh le bhith a' dol bòbhladh ten-pin air an oidhche."
"Ach chòrd e rium gu mòr gun robh daoine ann a' cur taic ri mi fhìn agus na h-Albannaich eile."
"Cha robh mi an dùil gum biodh mi a' cluich aig an ìre seo idir. 'S e dìreach beagan spòrs a bh' ann an toiseach le mo charaidean," thuirt e.
Chan eil aois a' cur dragh air
Bidh Calum a' farpais aig ìre fo aois 13 bliadhna ann an Obar Dheathain.
Ach chan e seo a' chiad uair a bhios e ann am farpais aig an ìre-sa is e a' tilleadh à Prague ann am Poblachd na Seice bho chionn ghoirid.
Tha e tric a' trèanadh agus a' cluich còmhla ris a' charaid aige Murdo, a tha na dheugaire, agus còmhla ri inbhich aig a' chluba squash aige.
Agus tha adhbhar ann airson seo...
'S e Martainn Woods a bhios a' coidseadh Calum gach seachdainn ann an Glaschu - fear a b' àbhaist a bhith aig àireamh a ceithir ann an rangan na h-Alba.
"Tha sgilean Chaluim ann an squash aig àrd-ìre ìre agus le bhith a' dol an aghaidh inbhich, gheibh e cothrom dèiligeadh le cluicheadairean eile a tha a' bualadh a' bhàla nas cruaidhe, daoine a tha rud beag nas treasa agus nas luaithe na tha e," thuirt Màrtainn.
"Bheir siud cothrom dha Calum ionnsachadh ciamar a dhèiligeadas e le squash aig an ìre sin ann an suidheachadh farpaiseach."
"Thàinig e glè fhaisg ann am Prague far an do chaill e an aghaidh an treasamh seed sa chairteal chuairt dheireannaich ach 's e rud glè mhath a bh' ann dha cluich gu h-eadar-nàiseanta agus stoidhlean squash diofraichte fhaicinn," thuirt e.
Tha amasan mòr aig Calum airson 2024 agus ma thèid aige air barrachd thiotalan fhaighinn, mar a tha e an dòchas, dh'fhaodadh bliadhnaichean sònraichte a bhith air thoiseach air.