Bl脿r nan eilean aig P脿irc nan Laoch
Dìreach mar a bhios an Rìgh is a' Bhanrigh a' tighinn gu deireadh là a' chrùnaidh ann an Lunnainn Disathairne, bidh gnothaichean a' ruighinn àird na teasaich ann am Port Rìgh is Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' dol an aghaidh Camanachd Leòdhais ann an Cupa an t-Sutharlannaich.
Tha na Leòdhasaich mar-thà air eachdraidh a dhèanamh gus an ìre seo den fharpais a ruighinn is iad air a' chùis a dhèanamh air a' Mhanachainn 3-1 sa chiad chuairt.
B' e siud a' chiad turas a rinn iad an gnothach air sgioba bho lìog nas àirde.
'S e dùbhlan a tha mun coinneamh ann am Port Rìgh is na Sgitheanaich ag ràdh gu bheil iad air an dòigh a bhith a' cur fàilte air na Leòdhasaich a-rithist.
"Tha sinn a' coimhead air adhart ris a' gheama an-diugh", dh'innis Dàibhidh MacAonghais bho Chamanachd an Eilein Sgitheanaich.
Neart gu neart
"Tha greis ann bhon a bha sinn a' cluich Leòdhas mu dheireadh, tha bliadhna no dhà ann a-nise, is tha mi a' coimhead air adhart ri ciamar a tha iad air tighinn air adhart bhon trup mu dheireadh nuair a chunnaic sinn iad", thuirt e.
Air là rìoghail bidh na Leòdhasaich an dòchas geama mòr fhaighinn bhon Diùc aca fhèin.
"Tha sgioba gu math làidir againn an-dràsta a thaobh chluicheadairean", dh'innis Pòl Duke.
"Tha faisg air 30 san sgioba againn air fad is gach trèanadh tha 24 a' dol ann.
"Gach seachdainn tha sinn a' dol bho neart gu neart is tha an iomain againn am-bliadhna cho math 's a tha mise riamh air fhaicinn aig Camanachd Leòdhais.
"Tha mi gu math cinnteach gur e geama math a bhios ann ach geama cruaidh", thuirt e.
Tòisichidh an geama aig 3.30f is gheibhear pìos mun chàirdeas eadar na sgiobaidhean an seo.