Main content

Sgiobannan na G脿idhealtachd ann an cunnart

Tha an dà phrìomh sgioba ball-coise air Ghàidhealtachd, Ross County agus Caley Thistle Inbhir Nis ann an suidheachadh gu math cugallach agus iad ann an cunnart tuiteam sìos nan lìogan.

Dh'aidich cluicheadair Ross County, Yan Dhanda, gun robh iad air "cothrom a chall" agus iad co-ionnan ri St Johnstone oidhche Chiadain 1-1 ann am Peairt.

Nam biodh sgioba Inbhir Pheofharain air an geama a bhuannachadh, bhiodh iad sàbhailte sa Phrìomh Lìog.

Bha na Staggies air thoiseach a' chuid as motha den gheama as dèidh tadhal sgoinneil bho Dhanda sa chiad leth ach fhuair St Johnstone tadhal air ais faisg air deireadh a' gheama tro Adama Sidibeh.

Tha sin a' ciallachadh gun tèid an t-sabaid airson geama dearbhaidh a sheachnadh chun a' gheama mu dheireadh den t-seusan aig deireadh na seachdain.

Tha County fhathast san deicheamh àite, dà phuing air thoiseach air St Johnstone.

Thèid Ross County an aghaidh Obar Dheathain feasgar na Sàbaid agus tha St Johnstone a' cluiche Thobar na Màthair air falbh bhon taigh.

Air taobh eile de Dhrochaid Cheasaig, tha sgioba Chaley Thistle Inbhir Nis aig Donnchadh Fearghasdan ann an suidheachadh gu math mì-chinnteach iad fhèin.

Chaill iadsan oidhche Chiadain ri Hamilton 2-1 anns a' chiad gheama dearbhaidh airson an Championship.

Fhuair Kevin O'Hara tadhal do Hamilton an dèidh sia mionaidean agus bha iad air thoiseach 2-0 aig leth-ùine.

Fhuair Caley Thistle tadhal air ais mu fhichead mionaid ro dheireadh a' gheama tro Aribim Pepple.

Tha an dà sgioba a' coinneachadh a-rithist ann an Inbhir Nis Disathairne.

/naidheachdan/sgeulachdan/c25455g8k95o