Ross County a' fuireach sa Phr矛omh L矛og
Le bhith a' dèanamh a' ghnothaich air Tobar na Màthar 2-1 rinn Ross County cinnteach gum bi iad a' cluich ann am Prìomh Lìog na h-Alba a-rithist an ath-sheusan.
A' cluich aig Fir Park feasgar na Sàbaid cha robh gnothaichean a' coimhead ro dhòchasach do bhalaich Chounty nuair a chaill iad tadhal sa chiad leth.
Aig an aon àm bha Cille Mheàrnaig air thoiseach air Hamilton is a h-uile coltas ann gum biodh geama play-off an aghaidh Dhùn Dè air fàire dha sgioba na Gàidhealtachd.
Ach thàinig tadhail bho Iain Vigurs agus Mìcheal Gardyne san dàrna leth a' ciallachadh gun cuireadh Ross County crìoch air an t-seusan san 10mh àite agus sàbhailte sa phrìomh lìog uair eile.
Sàbhailte
Cha robh a dhìth air County ach puing bhon gheama airson a bhith sàbhailte san lìog ach, a' cluich an aghaidh Thobar na Màthar, nach do chaill geama aig an taigh bhon Ghearran agus aon turas sna seachd geamaichean mu dheireadh, cha robh gnothaichean a' coimhead ach cugallach.
"Dà thadhal bho dhithis a tha air uiread a thoirt dhan chluba", thuirt manaidsear na sgioba Iain Hughes.
"Tadhal air leth bho Iain Vigurs agus bha Mìcheal Gardyne cho ciùin 's a ghabhas", thuirt Hughes.
'S e Cille Mheàrnaig a-nis a dh'fheumas Dùn Dè a chluich anns na play-offs airson an àite mu dheireadh sa phrìomh lìog a dhearbhadh.
Ged a bhuannaich iad 2-0 an aghaidh Hamilton feasgar na Sàbaid cha robh sin gu diofar nuair a rinn Ross County an gnothach air Tobar na Màthar.
Thèid a' chiad ghèam sna play-offs a chluich aig Dens Park Diardaoin, am 20mh là den Chèitean.