Duais airgid £500,000 "cudromach" do ghoireasan rothaireachd na h-Alba
- Air fhoillseachadh
Tha ceithir goireasan rothaireachd ann an Alba air earrann de mhaoin luach faisg air £500,000 fhaighinn bhon Cycling Facilities Fund le ùidh san spòrs a' fàs san dùthaich.
Gheibh comhairle Dhùn Dè, Pà irce Dhùthchail a' Bhealaich, Cathkin Braes agus pà irce rothaireachd ann an Obar Phuill an t-airgead bhon CFF, maoin a chaidh a stèidheachadh mar thoradh air mar a chaidh Farpais Rothaireachd na Cruinne UCI a chumail ann an Glaschu san Lùnastal 2023.
Tha Riaghaltas na h-Alba agus Spòrs Alba air £4m a ghealltainn don mhaoin is thathar an dòchas gun toir an t-airgead cothrom don dà chuid daoine a tha airson na sgilean aca san spòrs a leasachadh agus dhaibhsan a tha airson an spòrs a thòiseachadh.
Tha Obar Phuill air duais luath £100,000 fhaighinn airson a' phà irce ùrachadh.
"Tha Pà irce Obar Phuill caran sgìth agus chan eil e cho math 's a dh'fhaotadh e a bhith," thuirt Kerry Nic a' Phì, oifigear leasachaidh rothaireachd ann an Obar Phuill.
"Ged a tha tòrr shlighean greabhail againn agus ged a tha tòrr ann do bhaidhseagalan-beinne, tha na slighean sin cruaidh agus chan eil ceum eadar an dà rud agus bheir seo dhuinn an ceum a tha sin," thuirt i.
Cuideachd, thèid 'pump track' ùr a stèidheachadh anns a' bhaile a tha aithnichte airson rothaireachd, far am faodar na sgilean a leasachadh ann an rothaireachd gun a bhith a' dol sìos beinn.
"Bidh sinn a' dèanamh an t-uabhas a thaobh in-ghabhaltas - is sinne an seo air a' chiad buidheann a chuir roinn air dòigh do dhaoine chiorramach agus bidh sinn an-còmhnaidh a' cur air rudan do chloinn agus bidh sinn a' ruith Parkride cuideachd a h-uile mìos," thuirt Kerry.
"Mar sin, ged a tha sinn a' dèanamh fharpaisean cruaidh agus fada, tha sinn a' dèanamh an t-uabhas dhan choimhearsnachd agus do dhaoine ùra ann an rothaireachd," thuirt i.
Na goireasan eile
A bharrachd air 'pump track' ùr ann an Dùn Dè, thèid slighe gu tur ùr a thogail do bhaidhseagalan-beinne ann am Pà irce Dhùthchail a' Bhealaich ri taobh Loch Laomainn.
Chan eil cà il a bharrachd na slighean à bhaisteach anns a' phà irce do bhaidhseagalan ach thathar an dòchas gun toir seo cothrom do dhaoine a tha cofhurtail air baidheasagal-beinne mar thà , cothrom na sgilean aca a leasachadh air slighe ùir a tha 1km de dh'fhaid.
Cuideachd, tha iad dòchas tachartasan agus farpaisean a chumail sa phà irce às dèidh dhaibh a thogail.
Thèid cluba ùr a stèidheachadh cuideachd agus thathar ag amas air òigridh agus teaghlaichean a thoirt a-steach dhan phà irce.
Tha measgachadh de shlighean math do dhaoine aig a bheil ùidh ann an rothaireachd aig Pà irce Cathkin faisg air Glaschu agus tha cluba stèidhichte ann cuideachd - Riderz Ghlaschu.
Tha gu leòr gu math dèidheil air ach tha rudeigin cho bunaiteach 's a ghabhas a dhìth orra - taighean beaga.
Mar sin, tha an t-à ite air £56,750 fhaighinn bhon CFF gus an leithid a thogail, a bharrachd air bogsaichean stòiridh a bhios gu math cudromach dhan phà irce cuideachd.
"Chan urrainn dhomh a mhìneachadh cho math 's a tha na goireasan seo aig Cathkin Braes agus tha gainnead ghoireasan sìmplidh againn a bhiodh feumail, gu h-à raid nuair a bhios sinn a' trèanadh cloinne òig," thuirt Amélie Collins Nimmo, coidse Riderz Ghlaschu.
"Gu follaiseach chan urrainn do chloinn a tha mu sheachd blaidhna de dh'aois a bhith ann fada gun taigh-beag agus tha e gu math doirbh dhuinn seiseannan nas fhaide na uair de thìde a chumail.
"'S e goireas air leth a tha seo agus le sin, bu chòir dha a bhith comasach dhuinn tachartasan a tha a ruith fad an là a chumail," thuirt Amélie.