³ÉÈË¿ìÊÖ

An ceum mu dheireadh air an t-slighe gu Paris

Kara Hanlon
  • Air fhoillseachadh

Tha bliadhnaichean de dh'obair chruaidh a' tighinn gu buil an t-seachdain seo.

Tha Kara Hanlon air a bhith a' snàmh bho aois gu math òg. Slighe gu math fada a th' air a bhith ann dhi, bho làithean buidhe a h-òige ann an amar-snàimh Lionail fo stiùir DR Mhoireasdain, gu Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean fo chomhairle a pàrantan Daibhidh agus Marilyn.

Geamannan a' Cho-fhlaitheis fo bhratach na h-Alba, agus a' riochdachadh Bhreatainn aig farpaisean na Cruinne. Tha Kara air a dhol bho neart gu neart thar nam bliadhnaichean.

A-nise, tha an cothrom aice an ìre as àirde a ruighinn. Amas a th' aig cha mhòr a h-uile lùth-chleasaiche. Na Geamannan Oilimpigeach.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Mar a shaoilear, tha làithean dùbhlanach air thoiseach oirre. Tha farpaisean snàimh Bhreatainn gan cumail san amar a chaidh a chleachdadh airson Geamannan Oilimpigeach Lunnainn ann an 2012.

Tha cuideam ann co-dhiù a bhith an sàs aig an ìre seo fhèin - ach cuideam nas motha buileach leis gu bheilear a' cleachdadh nam farpaisean mar rèisean dearbhaidh Sgioba GB airson nan geamannan ann am Paris aig an aon àm.

"Tha thu a' bruidhinn mu rud mu bheil mi air a bhith ag aisling bho bha mi na mo nighinn òig, a' tòiseachadh aig cluba snàimh. Bhiodh e a' ciallachadh an t-uabhas - fiù 's barrachd air sin.

"Bhiodh e cho sònraichte an obair chruaidh a tha sin thar bhliadhnaichean a thoirt gu buil le rud mar seo.

"Bhiodh e sònraichte cuideachd dìreach sealltainn gun urrainn do dhuine sam bith a dhèanamh.

"A' coimhead air càite às an tàinig mi fhèin, agus an t-slighe a th' air a bhith agam, 's urrainn do dhaoine fhathast an ìre as àirde a ruighinn."

Tha dà chothrom aig Kara faighinn don sgioba, agus i an sàs ann an rèisean breastsroke thairis air 100m & 200m. Chrìochnaich i san dàrna àite san dearbh fharpais an-uiridh thairis air 200m, ach nas cudromaiche na sin, thog i am bonn òir thairis air 100m. Le sin, tha làn-fhios gu bheil an comas aice soirbheachadh, ach tha i a' tuigsinn gu bheil obair aice ri dhèanamh an t-seachdain seo.

"Thairis air 100m, 's e an ùine as luaithe agam gu ruige seo, 1:06:36. Tha an ùine dearbhaidh beagan nas luaithe na sin aig 1.06.31.

"Le sin tha e gu math faisg air an àm as luaithe riamh agam.

"Thairis air 200m, 's e 2:25:01 an ùine as fheàrr agam, ach airson na farpais dearbhaidh, feumaidh mi crìochnachadh fo 2:23:00.

"Feumaidh mi snàmh nas luaithe na rinn mi riamh roimhe anns gach rèis gus faighinn troimhe.

"Ach 's ann air na Geamannan Oilimpigeach a tha sinn ag amas, mar sin chan eil e na iongnadh gu bheil na h-amannan dearbhaidh cho luath sin."

Aon bhuannachd a th' ann air thoiseach air na farpaisean, 's e gu bheil Kara a-nise eòlach air a bhith a' farpais aig an ìre as àirde - agus an cuideam a tha a' tighinn na chois.

Tha i air a bhith air feadh an t-saoghail a' riochdachadh Bhreatainn aig farpaisean san Roinn Eòrpa, agus bha i ann an Iapan an-uiridh, an sàs aig farpaisean na Cruinne.

Sin uile a bharrachd air Geamannan a' Cho-fhlaitheis ann am Birmingham bho chionn dà bhliadhna far an do ràinig i gach cuairt dheireannach air an robh i ag amas. Cothroman air leth, agus tha i a' faicinn gu bheil i a' fàs nas comhurtaile aig an ìre as àirde.

"Tha mi a' creidsinn gu bheil mi a' cur barrachd cuideim orm fhèin, na tha duine sam bith eile.

"Tha mi air a bhith ag obair le saic-eòlaiche gus ionnsachadh mar a dhèiligeas mi le uallach agus mar a tha mi a' faireachdainn air thoiseach air farpaisean.

"Tha mi a' faireachdainn math a-nise, tha mi socair, ciùin an coimeas ri mar a bha mi.

Atharraichidh sin beagan mun àm a thig rèisean Lunnainn, ach tha sin nàdarra. Tha mi dòchasach agus misneachail ge-tà.

"Chanainn gu bheil an dà bhliadhna mu dheireadh uile air a bhith mar phàirt den ullachadh airson àm mar seo."

Tha Kara a' farpais thairis air 200m Diciadain, mus bi beagan làithean aice aig fois.

Tha i an uair sin air ais anns an amar Là na Sàbaid - far am bi beagan a bharrachd taic ann dhi, agus a teaghlach a' dèanamh air Lunnainn gus a faicinn a' farpais.

Cha bhi iad nan ònrachd a' cumail sùil air mar a thèid dhi, agus deagh theansa gum bi a' choimhearsnachd às an tàinig i a' leantainn a sgeulachd, mar a tha iad air a dhèanamh aig gach ìre ron seo.

Tha Kara fhèin mothachail agus taingeil airson na taic sin, a bharrachd air a bhith a' faireachdain fortanach.

"Tha mi gu math taingeil a bhith san t-suidheachadh seo. Cò mheud neach as urrainn a ràdh, gu bheil cothrom ceart aca air na Geamannan Oilimpigeach a ruighinn?

"Ma gheibh mi ann, no mura faigh, tha mi air feuchainn air co-dhiù. Tha mi air na 's urrainn dhomh a dhèanamh, agus tha mi dìreach an dòchas gu bheil gu leòr an sin gus mo thoirt ann."