˿

Sguad iomain na h-Alba air ainmeachadh

Alba is ÈirinnTùs an deilbh, Piaras Ó Mídheach/Sportsfile
  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Comann na Camanachd an sguad a bhios aig Alba airson a' gheama eadar-nàiseanta ann an Èirinn an ath-mhìos.

Thèid fir na h-Alba an aghaidh nan Èireannach aig Pàirc Esler ann am Baile an Iùir Disathairne an 21m den Dàmhair.

Chan eil an geama air a bhith ann bho 2019 nuair a bhuannaich Alba ann am Baile Átha Cliath.

Am measg na chaidh ainmeachadh san sguad aig manaidsear na h-Alba, Garry Reid, tha am fear a chuir an tadhal a bhuannaich Cupa na Camanachd do Cheann a' Ghiùthsaich, Ruairidh MacAnndrais, is an sgiobair aca Seumas Falconer.

Tha an sguad mar a leanas:

  • Stiùbhart Dòmhnallach - Lòbhat

  • Anndra King - Caol Bhòid

  • Steafan Dòmhnallach - Baile Ùr an t-Slèibh

  • Raibeart Mabon - Ceann a' Ghiùthsaich

  • Iain MacÌlliosa - Camanachd an Eilein Sgitheanach

  • Daniel Sloss - Camanachd an Òbain

  • Blair MacPhàrlain - Camanachd an Òbain

  • Danny Kelly - Lòbhat

  • Craig Ritchie - Baile Ùr an t-Slèibh

  • Donnchadh MacMhathain - Ceann Loch Seile

  • Daniel MacCuthais - Camanachd an Òbain

  • Blair Moireasdan - Cabar Fèidh

  • Craig Moireasdan - Cabar Fèidh

  • Fionnlagh MacRath - Ceann Loch Seile

  • Iain Robinson - Baile Ùr an t-Slèibh

  • Seumas Falconer - Ceann a' Ghiùthsaich

  • Caoimhin Bartlett - Cabar Fèidh

  • Ruairidh Dòmhnallach - Caol Bhòid

  • Scott Dòmhnallach - Caol Bhòid

  • Ruairidh MacAnndrais - Ceann a' Ghiùthsaich