Seusan ùr Prìomh Lìog na h-Alba
- Air fhoillseachadh
Ceithir tiotalan sreath chèile do Celtic? An obraich sguad ùr Rangers airson stad a chur orra? Agus cò bhios ann an cunnart?
Aig 12:30 Disathairne cuiridh fideag seusan ùr Prìomh Lìog na h-Alba gu dol is Rangers a' tòiseachadh na h-iomairt aca an aghaidh Hearts aig Tynecastle.
Bidh aire gu leòr air an dà sgioba sin - seo a' chiad seusan slà n aig Philippe Clement os cionn Rangers is an luchd-taic aca a' fàs mì-fhoighidneach mu shoirbheachas no 's dòcha mì-bhuaidh a' chluba thar nam beagan bhliadhnaichean.
Agus am bidh Hearts cho là idir 's a bha iad an-uiridh nuair a chrìochnaich iad san treasamh à ite?
"Tòrr mòr obair aig Rangers ri dhèanamh"
Tha gu leòr gu bhith ùr do Philippe Clement os cionn Rangers aig toiseach an t-seusain ùir.
Cluichidh iad aig Pà irce Hampden airson greis, air sgà th 's gu bheil obair-leasachaidh a' leantainn aig Pà irce Ibrox.
Agus às dèidh do gu leòr atharrachadh thairis air an t-Samhradh a chaidh, tha dùil gum bi coltas eadar-dhealaichte air sgioba Rangers air an t-seusan seo, le seachd cluicheadairean ùra a' tighinn a-steach aig an ìre seo.
Feumaidh iad tighinn a-steach le brag a-rèir Marina Mhoirich a tha a' leantainn Rangers.
"Tha tòrr mòr obair aig Rangers ri dhèanamh agus tha mi a' smaoineachadh gur e seusan gu math dùbhlanach a bhios ann do Rangers," thuirt i 's i a' bruidhinn air ³§±èò°ù²õ³¦²¹²õ³Ù.
"Bidh tòrr ualaich orra airson stad a chur air Celtic ach an ìre de chluich aca a thoirt suas ìre.
"Tha mi a' smaoineachadh gum bi [an seusan ùr] farpaiseach eadar na sgiobaidhean gu lèir, uill eadar Celtic agus Rangers co-dhiù, tha mi an dòchas gum bi."
Samhradh dòchasach do Celtic
Tha luchd-taic Celtic rud beag nas dòchasaiche - ach chan eil iad a' faireachdainn coltach ri sin gun adhbhar.
Choinnich iad ri D.C. United, Manchester City agus Chelsea anns na Stà itean Aonaichte - thà inig iad am bà rr anns gach geama cà irdeach sin.
Thuirt Anton Di Cristina a tha a' cur taic ri Celtic nach eil e a' smaoineachadh cus mu gheamaichean cà irdeach ge-tà is e a' bruidhinn air ³§±èò°ù²õ³¦²¹²õ³Ù ach thug iad togail dha.
"Chan eil sinn cus atharrachadh a thoirt air an sguad," thuirt e.
"Tha iad a' coimhead math, tha iad a' coimhead gu math luath leis an dòigh 's a tha iad a' cluich agus 's e sin a tha mise ag iarraidh fo stiùir Brendan Rodgers aig toiseach an t-seusain."
Linn ùr do dh'Obar Dheathain
Tha gu leòr aire air Obar Dheathain agus ciamar a dh'obraicheas cùisean fo stiùir a' mhanaidseir ùir aca Jimmy Thelin.
Tha cluicheadair Obar Dheathain, Graeme Shinnie, ag rà dh gu bheil iad air a bhith ag obair gu cruaidh ag ionnsachadh mu stoidhle Thelin agus a dh'aindeoin 's gu bheil obair aca fhathast ri dhèanamh air, thuirt e gu bheil an stoidhle ùr air a bhith ag obrachadh gu ruige seo.
Ach an urrainn dha Thelin na Dons a' stùireadh air ais chun an treasamh à ite no fiù 's an dà rna à ite?
"Chan eil fios agam an e sin a tha mi ag iarraidh," thuirt Iain MacDiarmaid air ³§±èò°ù²õ³¦²¹²õ³Ù.
"Tha foighidinn agamsa agus tha mi ag iarraidh faicinn gu bheil atharrachadh a' tighinn.
"Chòrd e rium glan nuair a bha sinn san Roinn Eòrpa an-uiridh agus bha na geamaichean sin sònraichte agus bha e math a bhith aig an ìre sin a-rithist ach thuit sinn air ais às dèidh sin agus cha robh manaidsear dòigheil againn," thuirt e.
"Tha mise ceart gu leòr ma tha sinn a' togail beag air bheag gach seusan.
"Ma tha sinn a' dol a dh'fhaicinn gu bheil na cluicheadairean a th' againn a' fàs nas fheà rr, gu bheil an stoidhle cluich a' fàs nas fheà rr, gu bheil sinn air gluasad suas san lìog, chan eil fios agam nan iarrainn a bhith air ais san Roinn Eòrpa mar sin.
"Bhiodh e math, ach tha mi ag iarraidh gun tachair e beag air bheag," thuirt Iain.
Ross County
Bha na h-aoighean air fad air ³§±èò°ù²õ³¦²¹²õ³Ù ag aontachadh gun robh cùisean gu bhith doirbh do Ross County air an t-seusan seo.
Chan e beachd a-mach às an à bhaist a tha sin ge-tà is County a' crìochnachadh an t-seusain aca le playoff an aghaidh Raith Rovers, a bhuannaich iad, airson fuireach sa Phrìomh Lìog.
'S e a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' fuireach ann air an t-seusan seo cuideachd am prìomh amas a th' agam," thuirt am manaidsear Don Cowie ri là rach-lìn a' chluba.
"Ach chan eil siud a' ciallachadh nach bi sinn a' feuchainn ri crìochnachadh cho à rd 's as urrainn dhuinn san lìog.
"Bha mi toilichte le mar a dhèilig sinn leis an dùbhlan fuireach ann air an t-seusan a dh'fhalbh - gu h-à raid le bhith a' faighinn phuingean aig an taigh.
"Ach tha là n fhios agam gu bheil a h-uile duine an seo airson 's gum bi piseach a' tighinn oirnn - agus feumaidh sinn fàs nas fheà rr, gu h-à raid air falbh bhon taigh," thuirt Cowie.