Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Cha bhi an A96 dà -fhillte an ceann sia bliadhna eile mar a bha dùil
Chuir Riaghaltas na h-Alba an cùl ri gealltanas an A96 a dhèanamh dà -fhillte air fad eadar Inbhir Nis is Obar Dheathain ro 2030.
Ach, a' bruidhinn aig Holyrood Diardaoin, thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, gun robh an Riaghaltas fhathast a' gealltainn an rathad gu lèir a leasachadh.
Gheall an SNP ann an 2011 gun leasaicheadh iad 86 mìle (138km) den rathad ro 2030.
"Tha e soilleir nach bi e comasach an A96 air fad a dhèanamh dà -fhillte ro 2030," thuirt Ms Hyslop.
"Tha Riaghaltas na h-Alba an-drà sta a' fà bharadh an A96 eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain air fad a dhèanamh dà -fhillte.
"Tha fianais Ath-sgrùdadh Slighe an A96 a' sealltainn gum faodadh dòigh eile a bhith ann a bheireadh fuasglaidhean eile seachad le buidseat nas lugha."
Tha moladh ùr bho Chòmhdhail Alba a' toirt a-steach seach-rathaidean airson Eilginn agus Baile Chèith ann am Moireibh. Tha planaichean airson seach-rathaid do dh'Inbhir Narann a' gluasad air adhart mar thà .
Chuir na thuirt Ms Hyslop an fhearg air buill phà rtaidhean eile, is iad ag rà dh gu bheil an SNP air coimhearsnachdan agus luchd-cleachdaidh an rathaid a thrèigsinn.
Thuirt iad cuideachd nach eil diù aig an Riaghaltas do shà bhailteachd nan daoine sin, am measg eile.
"Bidh coimhearsnachdan a bhios a' cleachdadh an A96 a' faireachdainn, gu ceart, gun deach an trèigsinn le freagairt Rùnaire a' Chaibineit an-diugh," thuirt tè-labhairt còmhdhail nan Tòraidhean, Sue Webber.
"Tha an SNP, uair eile, a' breabadh co-dhùnadh air an A96 nas fhaide sìos an rathad.
"A dh'aindeoin 's gun do gheall iad à nn an 20111 a dhèanamh dà -fhillte - o chionn 15 bliadhna.
"Ann an iomairt an taghaidh choitchinn, agus a-rithist o chionn nas lugha na trì uairean de thìde, thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh e a' gealltainn an A96 a dhèanamh dà -fhillte.
"Ach, an à ite an gealltanas do choimhearsnachdan a choileanadh, tha Rùnaire a' Chaibineit gan trèigsinn.
"Tha Rùnaire a' Chaibineit ag aideachadh sa bhrath aice, gum bris Riaghaltas an SNP an gealltanas aca, agus nach dèanar an A96 dà -fhillte ro 2030.
"Nas miosa buileach, tha an doras ga fhà gail fosgailte dhaibh tarraing air ais bhon ghealltanas sin gu tur.
"Cha ghabhadh coimhearsnachdan idir ri sin a tha an urra ris an rathad seo," thuirt i.
Tha an dreach-phlana ùr a' tighinn an dèidh ath-sgrùdaidh agus thèid a chur a-mach gu co-chomhairle phoblaich a mhaireas trì mìosan.
Anns an aithisg ùir aca, thuirt Còmhdhail Alba gun toireadh a bhith a' dèanamh an A96 gu lèir dà -fhillte an t-uabhas fearainn, stuthan agus eimiseanan ghasaichean cà rboin.
Thuirt iad gun robh a bhith a' leudachadh an rathaid air fad air adhbharachadh gun deadh tòrr a bharrachd mhìltean a shiubhal ann an carbadan, agus gum biodh eadar 15 agus 65 uimhir de dh'eimiseanan a bharrachd ann na bhiodh fo na molaidhean ùra.
Buannachdan
Tha na h-atharrachaidhean a' tighinn cha mhòr bliadhna an dèidh do Riaghaltas na h-Alba innse gun deadh ceann-là a' phròiseict airson an A9 a dhèanamh dà -fhillte air fad eadar Inbhir Nis is Peairt a chur air ais 10 bliadhna.
Tha an A96 a' dol tro sgìrean mòra de thalamh-à itich, a thuilleadh air bailtean Inbhir Narann, Eilginn agus Baile Chèith.
Tha earrainnean fada den rathad aon-fhillte, le corra earrann dà -fhillte no le lèana a bharrachd leithid na th' ann am Brothaidh agus Àbhais.
Bha Còmhdhail Alba air a rà dh roimhe gun tigeadh na h-uimhir de bhuannachdan an cois a bhith a' dèanamh an A96 dà -fhillte gach cuid do cheann a tuath agus ear-thuath na h-Alba, nam measg fàs eaconomach agus nas lugha thubaistean a bhith ann.
Bha trì tubaistean mairbhteach air an rathad am-bliadhna, a rèir fhiosrachaidh a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba san Dà mhair.
Fon phlana ùr, dheadh seach-rathad airson Inbhir Narann a thogail, air a sgaradh bhon phròiseact nas motha.
Tha trioblaidean le trafaig mhòir sa bhaile, agus tha an seach-rathad air cead ministeireil fhaighinn mar thà an dèidh rannsachaidh phoblaich ionadail.