Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
ICT "air an sà bhaladh bho rianachd"
Tùs an deilbh, SNS
Tha Caley Thistle air innse gun deach aonta ionmhais a ruighinn a tha a' ciallachadh nach tèid an cluba ann an rianachd.
Bha ICT air innse nas trà ithe Diciadain gun robh "gu Dimà irt aca" gus aonta a dhèanamh agus rianachd a sheachnadh.
Thuirt Ailean Savage, a thill dhan chluba nas trà ithe air a' mhìos feuch suidheachadh ionmhais Chaley Thistle a chur ann an òrdugh, gun robh e ag amas air aonta le triùir a bha an sàs sa chluba anns na bliadhnaichean mu dheireadh is feum air £600,000 a thogail.
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd
Ach thà inig brath eile bhon chluba oidhche Chiadain gun deach aonta a dhèanamh "a tha a' sà bhaladh a' chluba bho rianachd is gum bu chòir dhan a h-uile duine a tha ceangailte ri ICT a bhith air an dòigh".
Bha Mgr Savage cuideachd air innse nas trà ithe air an là gun iarr e cead luchd nan earranan gus là n smachd a ghabhail air ICT gus an tèid an cluba a reic.