³ÉÈË¿ìÊÖ

"Seo am fear a bha mi ag iarraidh"

Bob Mac an t-SaoirTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Gheall Raibeart Mac an t-Saoir gum biodh "pàrtaidh fìor mhòr" ann is e air Farpais Fhosgailte na h-Alba a bhuannachadh aig an Renaissance ann am Bearaig a Tuath.

Beagan sheachdainean às dèidh soirbheachadh ann an Canada, ghabh fear an Òbain an tiotal nàiseanta aige is e a' crìochnachadh gu math làidir ann an Lodainn an Ear.

Chrìochnaich e le birdie sònraichte air an toll mu dheireadh 'son 67 is -18, aona stròc air thoiseach air Adhamh Scott.

'S e bha air a dhòigh às dèidh làimh.

"Bha na deòir nam shùilean ron phutt aig an deireadh", dh'innis Mac an t-Saoir.

"Ghabh mi air mo shocair oir bha obair agam ri dhèanamh.

"Seo am fear a bha mi ag iarraidh agus fhuair mi e. Chan urrainn dhomh creidsinn gun do thachair e".

Fo-thiotal a’ bhidio,

Chuala sinn bho Ùisdean MacIllinnein a tha eòlach gu leòr air teaghlach Mhic an t-Saoir.

Tha seachdain mhòr eile roimhe is Open a' tòiseachadh san Truthail Diardaoin.

Thuirt Bob gu bheil e mothachail air an sin ach gum feum e soirbheachadh Bhearaig a Tuath a chomharrachadh.

"Tha an Open a' ciallachadh na h-uimhir dhomh ach feumaidh tu brath a ghabhail air na h-amannan math oir chan eil e a' tachairt ro thric.

"Bidh pàrtaidh fìor mhòr againn.

"'S e cupa mòr a th' ann. Lìonaidh sinn e is falmhachaidh sinn e is an uairsin lìonaidh sinn a-rithist e.

Tùs an deilbh, SNS