Dòchas agus Gàidhlig na chridhe
- Air fhoillseachadh
Ge b' e càite bheil Ruairidh Swan air a bhith a' cluich rugbaidh - ann an Sruighlea far an deach a thogail, ann an Sasainn no ann an Seallainn Nuaidh - tha Gàidhlig air fuireach còmhla ris.
An-diugh, tha Ruairidh a' cluich mar scrum-half san fharpais "Super Series" do Bhoroughmuir Bears ann an Dùn Èideann is e na chluicheadair leas-phroifeiseanta.
A dh'aindeoin seo agus na bliadhna mu dheireadh den chùrsa-teagaisg spòrs aig Oilthigh Dhùn Èideann, tha e a-nis airson dèanamh cinnteach gun cleachd e a chuid Ghàidhlig airson cothrom a thoirt do dhaoine an cànan a chluinntinn - agus 's dòcha spionnadh a thoirt dhaibh beagan ionnsachadh.
Cead do stuth Twitter?
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Chaidh an fharpais Super Series a stèidheachadh ann an 2019 airson a' bheàrn eadar rugbaidh amaitearach agus rugbaidh proifeiseanta a lùghdachadh.
Tha seachd sgiobaidhean an sàs san championship le tè de na sgiobaidhean air a dèanamh suas le cluicheadairean a tha san acadamaidh aig Sgioba na h-Alba mar-thà.
Agus na bu thràithe air a' bhliadhna, bha cothrom aig na sia sgiobaidhean eile cluich an aghaidh sgioba Warriors Ghlaschu agus sgioba Dhùn Èideann.
A dh'aindeoin 's gu bheil e a' cluich rugbaidh leas-phroifeiseanta a-nis, saoil a bheil Ruairidh air a bhith a' strì aig àm sam bith?
"Nuair a bha mi a' cluich ann an Sasainn do Sgioba Lancashire agus mu 's dòcha fichead mionaid a-steach dhan gheama a bha seo, bhris mi mo ghàirdean," thuirt Ruairidh.
"Aig an àm sin, bha mi a' smaoineachadh, "Oh tha mi air mo chothrom a chall..." ach gu fòrtanach thill mi gu làidir airson cluich fhathast aig an ìre seo."
Cead do stuth Twitter?
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Spionadh
Tha deagh-chuimhne aig Ruairidh air na daoine timcheall air a th' air spionnadh a thoirt dha.
"Chun an seo tha tòrr, tòrr coidsichean glè mhath air a bhith agam ach gu h-àraid m' athair. Tha e air a bhith cothromach rium fad mo dhreuchd 's a' tighinn dha na geamaichean agam."
"Tha sin air tòrr misneachd a thoirt dhomh airson a bhith a' cumail orm a' cluich," thuirt e.
Saoil cò na gaisgich a tha air a bhith aig Ruairidh thar nam bliadhnaichean?
"Tha gu leòr ann! Nuair a bha mi na b' òige, b' e Chris Paterson gu h-àraid fear de na cluicheadairean a bha mi a' leantainn."
"Fhuair na breaban aige tòrr phuingean thar nam bliadhnaichean. Abair cluicheadair a bh' ann!"
"Ach cuideachd nuair a bha mi ann an Seallainn Nuaidh, bha cothrom agam trèanadh còmhla ri Tasman Maco."
"Cuideigin coltach ri David Havili - 's e sgiobair sgoinneil a th' ann le sgilean sònraichte agus mar sin bha mi an-còmhnaidh a' coimhead suas ris aig an àm."
Dh'fhaodadh gum bi cuid de Ghàidheil òga a' toirt misneachd à sgeulachd Ruairidh là brèagha air choireigin.
Thig seusan an Super Series gu crìch oidhche Dhòmhnaich le Bulls Siorrachd Àir a' dol an aghaidh Wolves Shruighlea ann an cuairt dheireannach a' chupa.
Faodar an geama fhaicinn beò air ˿ ALBA leis a' phrògram a' tòiseachadh aig 4:00f.