³ÉÈË¿ìÊÖ

An ceann-cinnidh a chluich do Shasainn

  • Air fhoillseachadh
Stiùbhart MacRathTùs an deilbh, Cluba Goilf Newark
Fo-thiotal an deilbh,

Stiùbhart MacRath ann an dealbh bho Chluba Goilf Newark ann an Sasainn, a tha ag innse gur e an t-Albannach a stèidhich an cluba.

Fhad 's a tha Alba is Sasainn a' coinneachadh airson 150 bliadhna a chomharrachadh bho thòisich iad ball-coise eadar-nàiseanta, tha beachd air nochdadh gum bu chòir barrachd aithne a thoirt do cheann-cinnidh Gàidhealach a chluich sa gheama seo san 19mh linn - do Shasainn.

B' e là brèagha geamhradail Gàidhealach a bh' ann sa Ghearran 1927 taobh Loch Dubhthaich - agus là sòlaimte. Bha 200 duine de Chlann MhicRath a' feitheamh nuair a ràinig ciste - a bha air tighinn tron oidhche air trèana à Lunnainn is an uairsin air rathad bho Inbhir Nis. Le pìobaire a' cluich Crò Chinn t-Sàile, chaidh corp Stiùbhairt MhicRath Chonchra a thogail dhan chladh aig Clachan Dubhthaich. Bha dualchas Stiùbhairt, bhathas ag innse, a' dol air ais dhan fhear a thòisich Clann MhicRath, Fionnlagh Dubh MacGilleChrìosta. A-nise bha e fhèin air a dhol dhachaigh a Chinn t-Sàile.

'S mòr am moladh a rinneadh air MacRath anns na pàipearan-naidheachd: "He was an all-round sportsman in the very best acceptance of that phrase, urbane, self-reliant, without vain conceit, a true friend and ally. Mr MacRae was a Highland gentleman of the best type, and it will be a long time before we see his like again".

Agus 's e gun teagamh Gàidheal gu smior a bh' ann am MacRath - is Gàidheal le eachdraidh teaghlaich a bha connspaideach is a bheireadh buaidh mhòr air an t-slighe a ghabhadh e.

Tùs an deilbh, Alamy
Fo-thiotal an deilbh,

Clachan Dubhthaich far a bheil Stiùbhart MacRath Chonchra air a thiodhlaigeadh.

Rugadh a mhàthair, Grace Stiùbhart, anns na Hearadh. Nuair a chaochail ise chaidh a ràdh gun robh i am measg nam mnathan-uasal Gàidhealach mu dheireadh a bhruidhneadh a' Ghàidhlig is a chluicheadh ceòl na Gàidhealtachd. "She was the soul of Highland hospitality", dh'innis naidheachd a bàis.

'S e a dh'fhàg an teaghlach anns na Hearadh gun robh a h-athair Dòmhnall, a bhuineadh do Shiorrachd Pheairt bho thùs, na bhàilidh, is na bhàilidh le cliù am measg eileanach chan ann airson aoigheachd Ghàidhealach ach brùidealachd agus daoine fhuadachadh. B' e "droch là a bh' ann dha na Hearadh nuair a thàinig an Stiùbhartach", sgrìobh an t-eachdraiche Bill Lawson.

Air taobh athair Stiùbhairt, bha Clann MhicRath Chonchra uair air sabaid taobh nan Seumasach. Ach bho na 1770an, chaidh iad an sàs ann an obair na h-Ìmpireachd mar phàirt de rèiseamaid an Iarla Shìophart anns na h-Ìnnseachan.

"Stèidhich seo traidisean anns an teaghlach sin a bhith a' cur mic, co-oghaichean is eile ann an seirbheis airm anns na h-Ìnnseachan. Tha iad nam phàirt de phàtran far an robh uaislean a bha sa mheadhan ann an siostam nan cinnidhean, no fir-taca, a' cleachdadh na h-Ìmpireachd feuch inbhe is cliù a chumail an-àirde", tha an Dr Anndra MacFhilip bho Oilthigh Ghlaschu a' mìneachadh.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Rugadh Stiùbhart MacRath anns na h-Ìnnseachan far an robh athair ann an seirbheis airm. Bha Donnchadh MacRath an sàs ann an iomairt fhuilteach nuair a bhathar a' cur sìos aramach nan Ìnnseannach ann an 1857.

'S e pàtran a bh' ann a mhaireadh fad ghinealaichean is pàtran a dh'fhàg gun do rugadh Stiùbhart MacRath ann an 1855, chan ann air cladaichean Loch Dubhthaich, ach ann am Bengal.

Tha na cunntasan-sluaigh ag innse dhuinn gun robh a' Ghàidhlig fhathast san teaghlach ann an ginealach Stiùbhairt, fada bhon Ghàidhealtachd ged a bha iad.

"Tha teaghlach MhicRath nam pàirt de ghluasad le gràin-cinnidh aig a' chridhe a bha a' sìor leudachadh anns na h-Ìnnseachan sa chiad leth den 19mh linn. Feumaidh sinn a bhith soilleir mun sin. Tha sinn glè chleachdte ri bhith a' smaoineachadh air teaghlaichean Gàidhealach a bha a' fulang bho na fuadaichean, ach tha daoine mar seo nam pàirt de dh'urracha mòra na h-Ìmpireachd", tha an Dr MacFhilip ag ràdh.

Lean fear de bhràithrean Stiùbhairt an traidisean airm le urram a chosnadh ann an seirbheis an Fhreiceadain Duibh ann an Ceann a Tuath Afraga.

Ghabh Stiùbhart MacRath slighe eile. 'B ann air pàircean spòrs seach raointean a' bhlàir a bha esan ag amas is cha robh mòran nach cluicheadh e: rugbaidh, criogaid, goilf, teanas, scuais is eile - is ball-coise. Ach ged a thill an teaghlach a dh'Alba nuair a bha e òg, bha àite-breith MhicRath is an ceangal teaghlaich ris an Ìmpireachd gus buaidh mhòr a thoirt air a bheatha spòrs.

Tùs an deilbh, Alamy
Fo-thiotal an deilbh,

Alba is Sasainn an Sheffield an 1883, a' chiad turas a chluich Stiùbhart MacRath sa gheama.

Bha nàiseantachd laghail an fheadhainn a rugadh thall-thairis anns an Ìmpireachd a rèir dè an t-seirbheis a rinn iad. Ann am ball-coise bha e sìmplidh. Cha do rugadh MacRath ann an Alba is cha robh e a' fuireach san dùthaich. Ach bha slighe eile ann. Tha an t-eachdraiche ball-coise Iain Caimbeul Whittle air sgeulachd Stiùbhairt MhicRath a rannsachadh.

"Cha b' e riaghailt sgrìobhte a bh' ann ach seòrsa de riaghailt shòisealta gun robh duine sam bith a rugadh taobh a-muigh Bhreatainn is na h-Èireann - gur e mac no nighean na h-Ìmpireachd a bh' annta. Bha Sasainn aig meadhan na h-Ìmpireachd is sin e, 's e Sasannaich de-facto a bh' annta".

Dh'atharraich an riaghailt sin ann an 1887. Ach nuair a fhuair Stiùbhart MacRath cothrom air ball-coise eadar-nàiseanta ann an 1883 is e is air cliù a chosnadh aig Notts County, b' ann do Shasainn a chluich e.

Rinn na Sasannaich an gnothach air a' Chuimrigh 5-0 sa chiad gheama aige. "The high opinion formed of the Englishmen this season has thus been fully sustained", dh'aithris na pàipearan. Bha iomradh sònraichte agus car àraid fo shealladh an là an-diugh air MacRath Choncra: "MacRae made some good throws-in".

Chum e àite 'son an ath-gheama. Chluich e "splendidly" is Sasainn a' toirt droinneadh air Èirinn. Bha sùilean mhuinntir a' bhuill-choise a-nise air a' gheama mhòr: "The great match of the season, England v Scotland".

Tùs an deilbh, Alamy
Fo-thiotal an deilbh,

An leac dà-chànanach a stèidhich Stiùbhart MacRath fhèin ann an cladh Chlachan Dubhthaich is e ag ràdh gur iad Clann MhicRath Chonchra cinn-chinnidh an teaghlaich gu lèir.

Rinn Alba an gnothach 3-2 le tadhal sa mhionaid mu dheireadh. Ma 's e is gun do rinn e dragh dha Stiùbhart MacRath a bhith a' cluich an aghaidh dùthaich a shinnsireachd, 's e nach do leig air: "The best half-back on the field was MacRae, whose play can only be described as magnificent".

"S dòcha mar dhuine uasal is le ceanglaichean làidir le Sasainn nach do smaoinich e cus mu dheidhinn", tha Iain Caimbeul Whittle ag ràdh. "'S e cluicheadair amateurach a bh' ann, chaidh iarraidh air cluich do Shasainn is cha robh e ceadaichte dha cluich do dh'Alba co-dhiù".

Bha MacRath a' cluich a-rithist nuair a shiubhail Sasainn gu tuath ann an 1884. Ged a bhuannaich Alba 1-0, dhèanadh Stiùbhart MacRath eachdraidh ball-coise ann an Glaschu nuair a chleachd na Sasannaich siostam a bha ùr ann am ball-coise eadar-nàiseanta.

"Cho-dhùin Sasainn an siostam aca atharrachadh gu 2-3-5 is chluich MacRath ann an meadhan an triùir. 'S e mar sin a' chiad duine a chluich centre-half ann am ball-coise eadar-nàiseanta", tha Iain a' mìneachadh.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

'S e bràthair Stiùbhart MhicRath a rinn ath-thogail air Caisteal Eilein Donain is an caisteal fhathast ann an làmhan an teaghlaich.

Cha b' urrainn dha MacRath cluich san ath gheama is e air a ghoirteachadh. "Na àite bha James Forrest, a' chiad chluicheadair a bha gu fosgailte proifeiseanta. Bha MacRath - Albannach a chluich do Shasainn - mar sin an dà chuid na dhrochaid eadar dà stoidhle de bhall-coise is eadar ball-coise amateurach is proifeiseanta", tha Iain ag ràdh.

Cha chluicheadh MacRath do Shasainn a-rithist. Bha e aithnichte às dèidh sin mar fhear-gnothaich aig deas is mar dhuine uasal. Bha e an sàs cuideachd ann an eas-aonta mu dè an loidhne de Chloinn MhicRath a bu chòir a bhith air aithneachadh mar cheann-cinnidh an teaghlaich gu lèir. Stèidhich e fhèin leac - sa Ghàidhlig agus sa Bheurla - ann an cladh Chlachan Dubhthaich a tha ag innse gur iad Clann MhicRath Chonchra a bha ceart.

Mun aon àm bha a bhràthair, an Lt Colonel Iain MacRath-Gilstrap, air Caisteal Eilein Donain a cheannach. Bha ceangal air a bhith aig an teaghlach leis a' chaisteal fad linntean. Dhèanadh MacRath-Gilstrap ath-thogail air.

A-nise, le Alba is Sasainn a' comharrachadh 150 bliadhna bho cluich iad an toiseach, tha Iain Caimbeul Whittle ag ràdh gu bheil an t-àm ann ath-thogail a dhèanamh cuideachd air cliù is inbhe Stiùbhairt MhicRath fhèin, is aithne ceart a thoirt air a' cheann-chinnidh agus Gàidheal a ràinig àrd-ìre ann am bliadhnaichean tràth ball-coise eadar-nàiseanta - le geansaidh Shasainn air a dhruim.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am ³ÉÈË¿ìÊÖ an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh