Co-l脿 breith caillte GMA

T霉s an deilbh, Tasglann 脵isdein MhicIllinnein

Tiotal an deilbh, Tha d霉il gun deach an dealbh seo de Mheadhan Earra-Gh脿idheal a thogail timcheall air 1925.
  • 脵驳丑诲补谤, D貌mhnall Pollock
  • Dreuchd, 成人快手 Naidheachdan

Feuchaidh Glaschu Meadhan Earra-Gh脿idheal ri greim a chumail air Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu nuair a th猫id iad an aghaidh Camanachd an 脪bain Disathairne. Ach air thoiseach air a' gheama mh貌r, tha rannsachadh a rinn 成人快手 Naidheachdan is 脵isdean MacIllinnein air fiosrachadh caillte mu l脿ithean tr脿tha a' chluba a thoirt am follais 脿s 霉r.

Cha b' e a' phr矛omh naidheachd a bha aig T矛m an 脪bain. Gu dearbh, cha robh e air duilleag aghaidh no duilleag ch霉il na h-iris san Damhair 1920. Ach falaichte am broinn a' ph脿ipeir - eadar cinn-naidheachd mu bhanais mhath Gh脿idhealaich eadar feadhainn 脿 Tiriodh is Eilean 脤, "At 成人快手" a bha gu bhith aig boireannaich Chomann an 脪bain is Latharna, agus sionnach m貌r a chunnacas ann an Cinn t-S脿ile - bha aithris air caibideal 霉r a bha a' fosgladh ann an iomain Ghlaschu:

"Shinty enthusiasts will be pleased to hear that a new Shinty club has been formed in Glasgow, and is called "The Blawarthill Argyll Camanachd Club". The president of the club is Mr A.E.M. Stevenson, Blawarthill, and the players and supporters all hail from Argyllshire, principally from Lochfyneside. The club has entered for the Scottish, Celtic and Iain Chisholm cups and the Shinty League, and, having several well-known Argyllshire players on the books, it looks like and intends making a name for itself. A splendid field has been obtained at Yoker, and is only about fifty yards from the cars which run from Queen Street"

Bha farpais gu le貌r aca is grunn sgiobaidhean ann an Glaschu mar-th脿, ach cha mh貌r bhon fh矛or thoiseach, bha Blawarthill a' cumail ceann a' mhaide riutha uile. Bha seo ann an linn nuair a bha sgiobaidhean Loch F矛ne aig 脿irde ann an Cupa na Camanachd: 's e an Fh霉irneis a shoirbhich ann an 1923 agus Inbhir Aora ann an 1925, 1926, is 1930. Nach eil fhios gun robh an fheadhainn 脿s an sg矛re a bha a' fuireach ann an Glaschu cuideachd aig 脿rd-矛re? Ann an seusan 1923/24 's iad Blawarthill a bhuannaich L矛og a' Chinn a Deas is Cupa Iain Shiosalaich.

T霉s an deilbh, Tasglann 脵isdein MhicIllinnein

Tiotal an deilbh, An sgioba aig Meadhan Earra-Gh脿idheal a bhuannaich an Cupa Ceilteach 'son a' chiad uair ann an 1930.

Is bha atharrachadh cudromach eile gus tighinn air a' chluba. Tha na p脿ipearan ag aithris air deasbad ann an 1923 air moladh gun rachadh an cluba c貌mhla ri Comann Meadhan Earra-Gh脿idheal ann an Glaschu. Chuir an comann fh猫in taic ris a' ghluasad aig deireadh 1923 is dh'aontaich AGM Blawarthill as t-Samhradh 1924 gur e am Mid Argyll Shinty Club a bhiodh orra bho sin a-mach.

"After discussion, it was agreed that the name of club be changed to the Mid Argyll Shinty Club, and that the club come under the wing of the Mid Argyll Association", sgr矛obh fear a bha na chluicheadair dhaibh aig an 脿m, Donnchadh MacPheadarain 脿 Inbhir Aora, ann am p脿ipearan air an d' fhuair 脵isdean MacIllinnein sealbh.

Ach d猫 an diofar? 'S e gun robh Glaschu Meadhan Earra-Gh脿idheal den bheachd gu seo gun deach Blawarthill Argyll a st猫idheachadh ann an 1923 agus gun deach an t-ainm atharrachadh ann an 1928 - gu dearbh, tha an cluba fh猫in ag r脿dh gur ann an 1928 a chaidh an st猫idheachadh.

Tha ceist ann fhathast air cuin a th脿inig am facal 'Glaschu' a-steach dhan ainm gu h-oifigeil. Tha e a' nochdadh ann an aithrisean an toiseach ann an 1927 ach tha an d脿 chuid Meadhan Earra-Gh脿idheal is Glaschu Meadhan Earra-Gh脿idheal an uairsin ann tric is minig thar iomadh bliadhna.

T霉s an deilbh, Tasglann 脵isdein MhicIllinnein

Tiotal an deilbh, Cunntas air ainm 霉r a' chluba aig AGM 1924 anns na p脿ipearan aig Donnchadh MacPheadarain, a bha a' cluich dhan sgioba. Tha na p脿ipearan seo, a tha ag innse t貌rr mu l脿ithean tr脿tha a' chluba, a-nise ann an tasglann 脵isdein MhicIllinnein.

'S e a tha follaiseach gu bheil an cluba p矛os nas sine na bha iad a' smaointinn.

"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn ciamar a bha sinn a' dol a chomharrachadh 1928 is th脿inig seo mar chlach 脿s an adhar", dh'innis ceann-suidhe Ghlaschu Meadhan Earra-Gh脿idheal, Aonghas MacAonghais.

"Tha e cianail fh猫in inntinneach is feumaidh sinn bruidhinn mu dheidhinn mar chluba. Tha fhathast beagan de cheist agam cuin a th脿inig Glaschu a-staigh dhan ainm agus 's e ceist inntinneach a tha sin. Tha t貌rr intrigue mu dheidhinn a' ghnothaich air fad is feumaidh sinn coimhead ris agus ann an cabhag", thuirt e.

Tha GMA air gluasad mun cuairt thairis air na bliadhnaichean is iad 霉ine fi霉 's st猫idhichte taobh a-muigh a' bhaile air bruaichean Loch Laomainn. Ach tha an cluba a-nise aig P脿irc Peterson - far am bi a' chuairt dheireannach an aghaidh Camanachd an 脪bain Disathairne - is gu h-iongantach, gl猫 fhaisg air far an do th貌isich Blawarthill.

T霉s an deilbh, Tasglann 脵isdein MhicIllinnein

Tiotal an deilbh, Meadhan Earra-Gh脿idheal leis a' Chupa Cheilteach ann an 1936. N矛 iad oidhirp eile air a' chupa Disathairne.

Tha Aonghas ag innse gu bheil e f矛or chudromach dhan chluba gun soirbhich le oidhirp dachaigh a dh猫anamh dhaibh fh猫in aig a' ph脿irc san 霉ine fhada, is iad ag obair c貌mhla ri cluba GAA is club ball-coise san sg矛re.

"An tuathanas far an robh Blawarthill, chan eil e fada sam bith bho Peterson Park is tha e inntinneach, tha an aon ghearan cuideachd mu dheidhinn ph脿ircean ann an Glaschu a' dol air ais dhan 脿m sin, is tha e a' nochdadh gu math tric ann an eachdraidh a' chluba.

"Tha an aon rud ann an-dr脿sta, tha se貌rsa de sgle貌 le suidheachadh Peterson Park fh猫in agus d矛th airgid leis a' Chomhairle, tha e a' cur sin ann an cunnart m貌r gur d貌cha nach bi Peterson Park againn.

"Tha sinn air a bhith ann 'son bhliadhnaichean a-nise is tha cothrom againn a gabhail os l脿imh ag obair c貌mhla ris a' bhaile - is tha iad air a bhith cianail fh猫in taiceil gu seo - ach aig deireadh an l脿 chan eil e buileach againn is tha duilgheadasan m貌ra air ar beulaibh a thaobh ionmhais is airgid".

T霉s an deilbh, Tasglann 脵isdein MhicIllinnein

Tiotal an deilbh, 'S e Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu an targaid aig GMA is Camanachd an 脪bain Disathairne. Dealbh le Ewen Weatherspoon bho Thasglann 脵isdein MhicIllinnein.

Tha a' cheist seo is fuasgladh f脿bharach cudromach a thaobh diofar m貌r eile eadar an cluba mar a chaidh a st猫idheachadh anns na 1920an agus an l脿 an-diugh - diofar a tha a' dol fada seachad air ainm.

Mar a dh'innis an aithris ann an 1920 mu st猫idheachadh Blawarthill Argyll: "the players and supporters all hail from Argyllshire".

Chan eil sin idir f矛or an-diugh is freumhan domhain aca sa bhaile mh貌r. Gu dearbh, 's e fear 脿 Glaschu fh猫in, Ryan Harrison, a bhuannaich duais sh脿r-chluicheadair an l脿 nuair a bhuannaich an cluba an Cupa Ceilteach an-uiridh, is e am measg grunnan 脿s a' bhaile a chluich air an l脿 iomraiteach sin.

"Tha sinn fosgailte gu neach sam bith a tha a' tighinn dhan bhaile a tha ag iarraidh an geama a chluich, ach anns na bliadhnaichean a tha air a dhol seachad tha sinn air a bhith ag obair cianail fh猫in trang leis a' chloinn sa bhaile is na sg矛rean air iomall a' bhaile", mh矛nich Aonghas.

"Tha clubaichean na cloinne an sin is tha sinn air a bhith ag obair gu math trang a' feuchainn ri rathad a thoirt dhaibhsan tighinn a-staigh dhan chluba. Tha an cluba a' f脿s aig an 矛re sin, tha sinn a' cluich aig Fo 12, Fo 14 is Fo 17.

T霉s an deilbh, Glaschu Meadhan Earra-Gh脿idheal

Tiotal an deilbh, Na se貌id a bhuannaich Cupa na Camanachd 'son GMA ann an 1973.

"Tha Peterson a' toirt dhuinn cothrom math, 's e goireas air leth a th' ann is t貌rr r霉m 'son na boireannaich is na fir is a' chlann a bhith a' tr猫anadh c貌mhla air an aon oidhche.

"Cho fad 's a bhios 脿ite cluich againn, tha an cluba air an t-slighe cheart is tha t貌rr obair a' dol air adhart air c霉l ghnothaich sin a chumail a' dol".

Thog aithris ann an T矛m an 脪bain ann an 1923 mun aonadh eadar Blawarthill is Comann Meadhan Earra-Gh脿idheal air "good work in associating themselves with the movement for the encouragement for the ancient game of camanachd among the young".

Ge bith d猫 cho sean 's a tha an cluba agus ge bith d猫 thachras Disathairne, tha e follaiseach gu bheil an fheallsanachd sin fhathast be貌.

Cluinnear cuairt dheireannach Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu eadar Glaschu Meadhan Earra-Gh脿idheal is Camanachd an 脪bain Disathairne be貌 air 成人快手 Radio nan G脿idheal, am pr貌gram a' t貌iseachadh aig 3f, is bidh e cuideachd ri fhaicinn be貌 air 成人快手 ALBA bho 4f.

T霉s an deilbh, Glaschu Meadhan Earra-Gh脿idheal

Tiotal an deilbh, GMA san l脿 an-diugh ann an l猫intean 霉ra a tha a' comharrachadh 50 bliadhna bho bhuannaich an cluba Cupa na Camanachd.