Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Aon cheum nas fhaisge air Cupa na Cruinne
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Javen Houston
- Dreuchd, Fear-naidheachd a' BhBC
Dh'fhaodadh Sgioba ball-coise nam Ban aig Alba a bhith dìreach aon gheama air falbh bho Chupa na Cruinne 2023.
Rinn na h-Albannaich a' chùis air an Ostair ann an iar-chuairt dheireannach na farpais dearbhaidh oidhche Ardaoin.
Chaidh 90 mionaid seachad gun tadhail ach chuir Abi Harrison na h-Albannaich air thoiseach trà th ann an ùine a bharrachd.
Tha sin gam fà gail le cothrom Cupa na Cruinne a ruighinn airson an dà rna turas nan eachdraidh anns an ath-gheama aca an aghaidh Poblachd na h-Èireann Dimà irt.
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd, 1
Bidh dà chuairt dheireannach eile a' dol aig an aon à m agus thèid dà sgioba a shoirbhicheas sna geamaichean sin dhan fharpais ann an Astrà ilia agus Sealann Nuadh gun chèist.
'S ann leis an dà sgioba leis a' chlà r às fheà rr bho ìre nam buidhnean a bhios an cothrom sin.
Bidh aig an treasamh dùthaich ri à ite a chosnadh ann am farpais dhearbhaidh eile - An Fharpais Chaidreachais.
Cha do chuir an droch-aimsir dragh air an à ireamh as motha de luchd-taic sgioba nam ban aig Alba airson geama fharpaisich - 10,182 dhiubh.
Faochadh
Bha aca ri feitheamh airson tadhail ge-tà , is Abi Harrison a' cur na sgioba aig Pedro Martinez Losa air thoiseach le 92 mhionaid air a' chleoc.
Cha robh mòran chothroman aig an dà sgioba mus deach an tadhal aig an cluicheadair Bristol City a-steach.
Bhual an Ostair am maide-tarsainn beagan ro letheach-ùine agus 's ann dhaibhsan a bha na cothrom a b' fheà rr san dà rna-leth is Alba a' strì airson smachd fhaighinn air a' gheama.
Cha deach gin dhiubh a-steach ge-tà , agus bha ùine a bharrachd a dhìth airson dèanamh a-mach cò a bha a' dol troimhe chun na h-ath-chuairt.
Cha mhòr nach deach mionaid gu leth seachad ann an ùine a bharrachd mus d' fhuair Alba breab-oisein air taobh chlì na pà irce.
Chuir Erin Cuthbert ball sònraichte math chun a' phuist-chùil agus dh'èirich Abi Harrison le a ceann airson am ball a bhualadh seachad air tè-ghlèidhidh na h-Ostaire.
Chaidh an luchd-taic craicte agus leis nach do fhreagair An Ostair le tadhal dhaibh fhèin, chaidh iad craicte le toileachas agus dòchas turas eile aig là n-ùine.
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sà s. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh 'Gabh ris agus lean ort'.
Deireadh Twitter teachdaireachd, 2
"Tha sinn air traidisean a bhriseadh"
"Rinn sinn cinnteach nach robh drà ma ann aig deireadh a' gheama," thuirt à rd-choidse na h-Alba, Pedro Martinez Losa.
"Tha an sgioba air a bhith ag obair gu cruaidh air a' phà irce agus far na pà irce airson ar cultar agus comasan-inntinn a dhèanamh nas treasa.
"'S ann airson an luchd-taic a dhèanamh pròiseil a tha sinn a' cluich agus tha sinn an dòchas barrachd dhiubh fhaicinn aig an ath-gheama againn.
"Tha na cluicheadairean ag amas air brosnachadh a thoirt do nigheanan, boireannaich agus an dùthaich air fad."
Cluichidh na h-Albannaich an aghaidh Poblachd na h-Èireann oidhche Ardaoin aig Pà irce Hampden is tòisichidh an geama aig 6:00f.
Saoil am bi barrachd ghà irdeachais ri fhaicinn am measg Luchd nam Breacan às dèidh a' gheama sin cuideachd...?