³ÉÈË¿ìÊÖ

A' caoidh Maradona

  • Air fhoillseachadh

Còig bliadhna deug chun an là a bhàsaich George Best thàinig an naidheachd gun robh an solas aig rionnag ball-coise eile, 's dòcha an rionnag as soilleire a bh' ann a-riamh, air a smàladh.

Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Chaochail Diego Maradona aig an taigh ann an Argentina aig aois 60.

Cha robh Diego Armando Maradona ach 60 bliadhna de dh'aois nuair a bhàsaich e aig an taigh ann an Argentina. Naidheachd dhuilich, ach, feumaidh mi ràdh, nach b'e naidheachd a bha seo a chuir iongnadh orm.

Rugadh Maradona ann am baile bochd air iomall Buenos Aires. Cha robh e fada gus an deach mothachadh gun robh tàlant air leth anns na casan aig a' ghille seo agus thòisich a chliù a' sgaoileadh fada is farsaing. Cha robh beatha nàdarra aige bhon uair sin.

Beagan làithean às dèidh dha aois sia bliadhna deug a ruighinn, chluich e a' chiad gheam dha Argentina, an sgioba nàiseanta a b'fheàrr san t-saoghal aig an àm. A' dearbhadh na h-ìre aig an robh e a' cluich mar dheugaire.

Dà bhliadhna air adhart chluich e aig pàirce Hampden an aghaidh Alba, sgioba le cluicheadairean cliùteach mar Dalglish, Hansen agus Hartford. Bha Maradona mar rionnag air tuiteam bho nèamh.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Diego Maradona - a' togail Cupa na Cruinne ann an 1986, ann an seisean treanaidh, agus còmhla ri sheann bhean Claudia agus na nigheanan aca Dalma agus Gianina

Às dèidh a' gheam bha a h-uile duine a bha an làthair a' bruidhinn mun ghille bheag chaol leis an fhalt chùrlach. Bha fios aca gun robh iad air tàlant ùr, sònraichte fhaicinn.

Seachd bliadhna às dèidh seo thog e Cuach na Cruinne ann am Meacsago mar sgiobair air Argentina - sgioba nach biodh faisg air an duais mura b' e gun robh Maradona a' dèanamh mhìorbhailean air a' phàirc sa h-uile geam.

Ach chunnaic an saoghal cuideachd gun robh dà thaobh air an duine seo. Chleachd e "làmh Dhè", mar a thuirt e fhèin, airson am ball a chur seachad air Peter Shilton aig Sasainn airson tadhal. Cha tug cluicheadairean agus luchd-taic Shasainn maitheanas riamh dha.

Mionaidean às dèidh sin ruith e bhon leth aige, timcheall air grunnd sàr chluicheadairean Sasannach mar nach robh iad idir ann, agus chuir e am ball seachad air Shilton a-rithist - gu laghail an turas seo.

Tha tòrr dhen bheachd gur e seo an tadhal a b' fheàrr a chunnaic iad riamh.

Tùs an deilbh, Rex Features
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Maradona dhachaigh le Cuach na Cruinne agus an duais òr airson sàr chluicheadair na farpais. Bhon là sin, cha robh e gu diofar dè an cron a dhèanadh e, bha e na dhia aig na h-Argentinianaich.

Bha e luath. Bha e làidir. Bha e sgileil. Aig amannan bha e mar gun robh e a' cluich geam eile, aig ìre eile, agus chan fhaigheadh na cluicheadairean dìon a b'fheàrr san t-saoghal faisg air.

Chaidh Maradona dhachaigh le Cuach na Cruinne agus an duais òr airson sàr chluicheadair na farpais. Bhon là sin, cha robh e gu diofar dè an cron a dhèanadh e, bha e na dhia aig na h-Argentinianaich.

Bha Maradona a-nis aig àrd a chomais, ach ma bha na rinn e ann e ann am Meacsago math, rinn e na b'fheàrr buileach ann am baile bochd ann an ceann a deas na h-Eadailt.

Tha sgioba Napoli air a bhith a' cluich ball-coise airson faisg air 100 bliadhna ach cha do thog iad lìog na dùthcha gus an do cheannaich iad Maradona bho Bharcelona.

An là a ghluais e gu Napoli nochd 80,000 mile duine ga fhaicinn, mus do bhreab e ball.

Mean air mhean fhuair Maradona agus Napoli làmh an uachdair air sgiobaidhean mòra, soirbheachail na h-Eadailt - AC Milan, Inter Milan, Juventus.

A dh'aindeoin a bhith loma-làn dheth na cluicheadairean a b'fheàrr san t-saoghal, cha b'urrainn dhaibh stad a chur air an duine beag à Buenos Aires.

Bhuanaich Napoli an "scudetto" - lìog na h-Eadailt - dà thuras ann an trì bliadhna, bhuanaich iad cupannan Eadailteach agus thog iad duais Eòrpach le Cupa UEFA. Às aonais Maradona cha bhiodh iad faisg air gin dhuibh.

Cluinnear tric an abairt nach dèan aon duine sgioba. Sheall Maradona aig Napoli nach eil seo buileach fìor ma tha an seòrsa tàlant, spiorad agus lèirsinn a bh' aigesan nad chasan, nad chorp agus nad inntinn. Bha feum air abairtean ùra airson cumhachdan an duine seo a mhìneachadh.

Bha sluagh Napoli a' coimhead air Maradona mar gum biodh aonan dhe na Diathan Romanach a' coiseachd nam measg a-rithist mar chluicheadair ball-coise.

Ach 's ann sa bhaile bhochd seo a thòisich na trioblaidean pearsanta ri greimeachadh air cuideachd.

Tha spògan a' mhafia a' ruighinn gach ceàrnaidh ann an Napoli agus bha an cluicheadair as luachmhoire san t-saoghal na thargaid aca, 's dòcha fiù 's mus tàinig e dhan dùthaich an toiseach.

Chan eil ann ach beagan sheachdainean bho chunnaic mi prògram aithriseach mu bheatha.

Cha robh mionaid aige dha fhèin. Cha robh e gu diofar càit an d'rachadh Maradona, bha sluagh ga mhùchadh. Glè thric sa prògram chìtheadh tu sgeun an eagail anns na sùilean aige.

Bha e air ionnsachadh ciamar a bhiodh e a' dèiligeadh ri cluicheadairean a bha ag iarraidh a leòn agus a ghoirteachadh. Ach do dh' ionnsaich duine dha ciamar a bha gille beag bho bhaile bochd a' dèiligeadh ri beartas agus cliù a bha ga dhèanamh cho ainmeil ri duine a bha coiseachd air talamh.

Cha robh na daoine a bha ga chuairteachadh ga chuideachadh agus cha robh e fada gus an robh an t-Argentinianach tàlantach fo smachd fùdar Colombianach, cocaine, agus am mafia Neopolitanach. Cha robh teansa aige.

Cha robh a bheatha a-nis ach air aon shlighe. Sìos. Agus, mar na rudan math a thachair dha, bha aige ri dèiligeadh ris na rudan dona agus na duilgheadasan fo phrosbaig an t-saoghail air fad.

Thoisich a shlàinte agus a bhodhaig a' fulaing. Bha e a-mach agus a-staigh à ospadail. Ach fhathast bha a chliù maireannach. Bha daoine measail air. Agus bha e mar dia an lùib na daoine aige fhèin ann an Argentina.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Maradona a' faighinn deilbh le bratach dheth fhèin às dèidh geam Argentina an aghaidh Nigeria aig Cupa na Cruinne 2018 san Ruis.

Gun dìon far na pàirce, sgrios e bheatha fhèin le drugaichean agus deoch. Crìoch dhuilich air beatha a thòisich gun mòran ach a thug beartas de thlachd agus toileachas dhan t-saoghal.

Cha dhiochuimhnich daoine a chunnaic am balach beag bho na barrios a' cluich ball coise an t-ainm aig Diego Maradona gu bràth.

Ach, dìreach mar George Best roimhe, mairidh a' cheist: Dè cho math 's a bhiodh Maradona nam biodh e air coimhead às a dhèidh fhèin?