Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Rothaireachd fon phrosbaig
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Dòmhnall MacLaomainn
- Dreuchd, ³ÉÈË¿ìÊÖ Naidheachan
Tha là ithean Armstrong seachad ach tha ceistean mu dhrugaichean ann an spòrs fhathast cho cudromach sa bha iad a-riamh.
Bha am fear-naidheachd Èireannach ainmeil David Walsh a' suidhe ann an rùm nam meadhanan aig an Tour de France. Bha an naoidheamh earrann den Tour air an telebhisean air a' bheulaibh. B'e latha teth, bruthainneach a bh'ann, meadhan an t-samhraidh 1999. Cha robh cus còmhraidh a-measg an luchd-naidheachd, bha iad uile a' coimhead air Lance Armstrong a' dìreadh bruthaichean cas an Col du Gailibier. Bhris an t-Èireannach an t-sà mhchair le gà ire, bha Armstrong a' dol cho luath s gum b'fheudar dha na brakes a chleachdadh a'dol timcheall còrnair. Ged a bha a mhòr-chuid air am beò-ghlacadh le sgeulachd fear a bha air leabaidh a bhà is le aillse dìreach bliadhna ron a sin, a' tilleadh gu à irde spòrs, cha robh Walsh ga chreidsinn.
Cha robh e na aonar. Bha fear-naidheachd òg eile a' dèanamh a shlighe ag aithris air an spòrs aig an à m ud. Fhuair Gòrdan Camshron, Gà idheal far na Comraich, cothrom sgrìobhadh do là rach-lìn ùr mu rèis bhaidhseagalan PEZCycling. A' bruidhinn air Podcast Spòrs Beò an t-seachdain sa air Radio nan Gà idheal, thug e iomradh air na là ithean dorcha a bha sin san spòrs.
"Bha e follaiseach dhuinne gun robh rudeigin fada fada ceà rr le Armstrong… tha sinn a' cleachdadh an fhacail 'do-chreidsinneach' gu tric agus 's dòcha nach eil sinn a' smaoineachadh air dè a tha am facal a' ciallachadh, ach bha sgeulachd Armstrong do-chreidsinneach."
Ach cha robh e furasta an fhìrinn innse. Nuair a chuir Gòrdain beachd chun an neach-deasachaidh aige aithris a dhèanamh air Armstrong is drugaichean; "cha robh e toilichte idir, chan eil mi cinnteach a bheil seo ciallach dhuinne mar là rach-lin agus chan eil mi airson 's gum bidh daoine a' dol a-mach oirnn."
Bha 'Omerta' a'mùthchadh gearain sam bith bho dhuine a bha an-sàs san spòrs mu dhrugaichean agus bagaichean fala. Bha e nas cudromaiche ìomhaigh ghlan a thoirt seachad dhan a' phoball, bu chòir a bhith creidsinn na bha ri fhaicinn, bhiodh peanas gu math cruaidh ann airson duine a dh'fheuch sùilean a' mhòr-shluagh fhosgladh.
Sann sa cho-theacsa sin a dh'fheuch Gòrdain ri sgriobhadh mu rèisean, a' fighe a-steach abairtean a sheall nach robh esan a' gabhail ri uirsgeul Armstrong is a charaidean, ach ann an dòigh nach bitheadh e ann an cunnart an obair aige a chall. "Faclan beaga an siud sa seo a bha sealltainn nach robh mi a' dol leis na bha a' tachairt."
Cha robh Armstrong na aonar a' briseadh nan riaghailtean, bha drugaichean paillt, liosta fhada de rionnagan a bha air an sgrios le scainneal; Ulrich, Landis, Contador, Valverde, Hamilton, Miller.
Ach a' bruidhinn ri Gòrdain ochd bliadhna às dèidh do Armstrong nochdadh air Oprah ag aideachadh gun robh e mar phà irt de aon dha na cùisean foill as motha ann an eachdraidh spòrs, cà ite a bheil sinn an diugh? Thug am freagairt dhomh dòchas gu ìre, ach thog e ceistean nas motha.
Ceistean moralta
DL: "A cheist a tha ormsa mar fhear a tha air tighinn chun an spòrs 's na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, tha mi air leughadh tòrr mu eachdraidh an spòrs a thaobh dhrugaichean agus chan eil mi aineolach gu leòr 's nach eil mi smaoineachadh gu bheil e a' dol fhathast, ach 's e a faireachdainn a tha agam gu bheil sinn ann an suidheachadh mòran nas fhallainne, agus ma tha thu faicinn dhaoine mar Primoz Roglic a' fà iligeadh air an earrann mu dheireadh den Tour is e cha mhòr air an rèis a bhuannachadh, fiùs ma tha rudan beaga a' dol an siud sa seo, chan eil sinn aig an aon ìre sa bha sinn ann an linn Armstrong… a bheil mi ceart?"
GC: " Tha mi smaoineachadh gu bheil …tha spòrs nam baidhseagal air atharrachadh … tha tuigse aig daoine nach eil e cho furasta na riaghaltean a bhriseadh. Tha an eadarlion air diofar mòr a dhèanamh tha mi smaoineachadh. Tha spòrs nam baidhseagal fada nas saidheansail a-niste. Roimhe bha daoine a' cleachdadh dhrugaichean agus cha robh dad a dh'fhios aca dè bha iad a' dèanamh neo carson. Bha mi thall 'sa Bheilg ann an 2016 agus bha mi bruidhinn ri fear a bha coidseadh aig fìor à rd ìre agus dh'fhaighnich mi dha mu dheidhinn Sky agus Chris Froome agus gu sìmplidh an robh iad a' briseadh nan riaghaltean.
'S thuirt e gu sìmplidh chan eil. Thuirt e, na bheachdsan, tha là n fhios aig Sky far a bheil na loidhnichean anns na riaghailtean agus tha iad a'dol chun na loidhnichean agus tha iad a' seasamh air na loidhnichean agus mus urrainn dhaibh na loidhnichean a lùbadh, nì iad sin."
Dòchas an sin gun urrainn dhuinn tòiseachadh a' creidsinn na tha sinn a' faicinn air an telebhisean gach oidhche, gu bheil na sgiobaidhean a' fuireach taobh a-staigh nan riaghailtean. Ach. Ach. A bheil sin gu leòr? Dè mu dheidhinn spiorad nan riaghailtean? A bheil an deasbad air gluasad bho cheist laghail gu ceist mhoralta?
Tha Gòrdan an-diugh an-sàs ann an rannsachadh na Gà idhlig. Ach tha e ag aideachadh nam faigheadh e an cothrom a-rithist, gur e sin an seòrsa rannsachadh a dhèanadh e. A'coimhead air spòrs bho shealladh eachdraidheil agus moralta. "A bheil e moralta gu bheil airgead mòr aig Bayern Munich ach chan eil aig sgioba eile, neo airgead mòr aig Juventus seach aig Bari… agus tha na h-aon cheistean againn an diugh mu dhrugaichean. A bheil e moralta a bhith a' cur na riaghailtean gu feum neo a bheil e moralta a bhith a' leantainn spiorad nan riaghailtean?"
A-rèir Ghòrdain, 's e freagairt pearsanta a tha ann. Feumaidh sinn gabhail ris gum bidh drugaichean mar phà irt de spòrs aig à rd ìre. Tha e an urra ri gach duine againn obrachadh a mach ciamar a tha sinn a' faireachdainn mun an sin. Tha là ithean cùis-mhagaidh Armstrong seachad, chan eil David Walsh is a leithid nan aonar ag èigheachd san fhà sach tuilleadh, ach tha ceistean fhathast oirnn uile mu ciamar a tha sinn a' faireachdainn mu dhrugaichean ann an spòrs.