Eadar a' Chlach 's an Sgrath is Pà irc a' Chanà il
- Air fhoillseachadh
Canaidh cuid gur e seòrsa de bhaile fa leth am broinn Inbhir Nis a tha ann am Marc-Innis.
Agus ceart gu leòr, tha faireachdainn à rd-shrà id mu Shrà id nan Granndach.
Seadh chan e buileach Srà id nam Prionnsachan a th' ann, ach nuair a thèid thu tarsainn na Drochaid Duibh, tha e doirbh gun co-dhùnadh gu bheil thu ann an coimhearsnachd fa leth. Am Ferry.
Do mhòran, 's e dachaigh sgioba ball-coise Clach na Cùdainn cridhe culturail na coimhearsnachd sin.
Àite far am faic thu ball-coise math aig prìs reusanta, le fà ilte bhlà th bho dhaoine dòigheil.
Spiorad
Coltach ris a' choimhearsnachd mu thimcheall orra, tha Clach na Cùdainn air buillean gu leòr fhulang, ach tha iad ann fhathast.
'S iomadh rud annasach a chì thu aig Pà irc Clach cuideachd.
Bha an Jungle aca aig Pà irc Celtic is an Kop aig Anfield. Aig Clach 's e an Wineshed dachaidh nan dìlseach.
Bha greis ann far am biodh an sgioba a' ruith a-mach is seann òran Grandstand air a' BhBC a' tighinn bhon PhA.
Cha b' e sin a-mhà in.
Bhiodh fear an tanoidh, Billy Nelson nach maireann, ag aithris naidheachdan ionadail eadar na h-òrain.
Cuid de na numbers aige fhèin nam measg. Nach cuala tu a-riamh 'Westering ³ÉÈË¿ìÊÖ to the Ferry'?
Tha feadhainn ann a tha cinnteach gum biodh e uaireannan cho sunndach is gun tòisicheadh e seinn beò tarsainn an tanoidh. Bà rdachd Freestyle Mharc-Innis.
Bha uair eile ann is na Mechanics à Farrais a' tadhal air Clach. Le ùine a' ruith a-mach, thà inig ball à rd a-steach dhan bhocsa.
Ged a ghlac fear-glèidhidh nam Mechanics am ball gu sà bhailte, bha e coltach gun robh feallsanachd Nat Lofthouse fhathast beò am measg chluicheadairean Clach. Ionnsaigh-gualain an tuirt thu?
Poidhle
Landaig an truaghan à Farrais air a dhruim san tadhal fo ghrà isg de chluicheadairean Clach.
Bha bodach beag a' coimhead air seo is e air a bhith na leth-dhùisg tron gheama. Tha e coltach gun tug an sealladh a bh' ann ath-bheòthachadh iongantach air an duine. Air ais gu là ithean òige, 's dòcha.
Bha teachdaireachd aige 'son fear-glèidhidh Fharrais, air a toirt seachad aig à ird a' chlaiginn.
"FÀILTE DON FERRY!"
Shaoileadh tu gur e faochadh mòr a bh' ann dhan fhear-ghlèidhidh bhochd nuair a fhuair e air ais a Mhoireibh an oidhche ud.
Seadh, 's iomadh rud annasach a chì thu aig Pà irc Clach.
Ach cuin mu dheireadh a chunnacas loidhne fhada de luchd-leantainn a' feitheamh 'son faighinn a-steach?
'S e sin a thachair cola-deug air ais is Clach a' cur dachaigh eadar-amail gu feum.
Le obair-cà iridh a' leantainn às dèidh teine aig Pà irc Clach ron Nollaig, fhuair Lilidhean Mharc-Innis cead cluich aig a' ghoireas ùr spaideil aig Pà irc a' Chanà il, dachaidh Chluba Rugbaidh na Gà idhealtachd.
Sluagh
Agus abair gun robh e na tharraing.
Oidhche Haoine is i cho fuar ris a' phuinnsean, nochd mu 700 airson geama eadar Clach is an Gearasdan, a dhà de na sgiobaidhean as miosa ann an Lìog na Gà idhealtachd.
Bha na h-uimhir an là thair is gun deach dà il fiù 's air toiseach a' gheama.
Dh'fheumadh tu a rà dh nach do dh'obraich a' chùis ro mhath do Chlach air a' phà irc.
Bha grunn de bhalaich a' Ghearasdain - air iasad ann an Loch Abar bho Chaley Thistle - glè eòlach air a' phà irc seo is ICT tric a' trèanadh oirre.
Bha iad na bu thoilichte air a' phlastaig na Clach is thog iad na trì puingean 1-0. Dìreach an dà rna geama lìge a bh' iad air buannachadh air an t-seusan seo.
A dhà dhiubh an aghaidh Clach. Obh obh.
Ach far na pà irce, b' e oidhche shoirbheachail dha-rìribh a bh' ann do Chlach na Cùdainn.
Airgead
Fhuair iad tòrr, tòrr a bharrachd tro na geataichean na bhiodh air nochdadh 'son an dearbh gheama ann am Marc-Innis.
Sporan a' chluba air a lìonadh aig à m nuair a tha cruaidh fheum aca air airgead.
'S dòcha nach robh e na iongnadh gun do thòisich cuid a' bruidhinn air barrachd gheamaichean oidhche Haoine.
Is cuid cuideachd a' moladh Pà irc a' Chanà il gu mòr is e cho ùr is cho gleansach.
Tha e a-nise air a dhearbhadh gum bi Clach air ais a-rithist Dihaoine is Farrais gus cèilidh uair eile.
Dh'fhaodadh nach e sin an geama mu dheireadh nas motha, a rèir 's mar a tha a' dol leis an obair aig Pà irc Clach.
Cha bhi 700 ann gu cunbhalach.
Bha e follaiseach gun do chuir annas a' ghnothaich agus ceangal ICT ris a' gheata an aghaidh a' Ghearasdain.
Bhiodh fiù 's an dà rna leth an t-seachdain seo an ìre mhath soirbheachail 'son Clach.
Blas
Tha Cluba Rugbaidh na Gà idhealtachd is Highlife na Gà idhealtachd rim moladh airson Clach na Cùdainn a chuideachadh is iad ann an èiginn.
'S e goireas air leth snog a th' ann am Pà irc a' Chanà il ceart gu leòr. Ach fiù 's an ìre mhath là n aghaidh a' Ghearasdain, bha glè bheag de dh'fhuaim ann.
Turas no dhà nochd guthan là idir Mharc-Innis is laoich Clach a' feuchainn ris an sgioba a bhrosnachadh, ach dh'fhalbh iad san aidhear a dh'ionnsaigh Loch na Sanais.
A dh'innse na fìrinn, bha e car coltach ri a bhith a' coimhead sèisean trèanaidh. No geama air a' ghealaich. Co-dhiù cha b' e Pà irc Clach a bh' ann.
Oir ma bheir thu Clach a-mach à Marc-Innis, chan e Clach a th' annta.
Bithear an dòchas nach fhada gus am bi iad Westering ³ÉÈË¿ìÊÖ to the Ferry à s ùr.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach 2020
- Air fhoillseachadh24 An Dùbhlachd 2019
- Air fhoillseachadh19 An Lùnastal 2015