Buinn gu leòr an Jersey
- Air fhoillseachadh
Tha na buinn a' sior chà rnadh do sgioba nan Eilean Siar aig Geamaichean nan Eilean ann an Jersey às dèidh là air leth Dimà irt.
Bha bonn òir ann do Kara Hanlon san amar-snà imh agus i a' cuideachd a' stèidheachadh an ama as luaithe a-riamh anns na geamaichean san 200m breaststroke.
B' e sin a' chiad bhonn òir a bh' aig Kara anns na bliadhnaichean a bha i a' farpais ann an Geamaichean nan Eilean is feumaidh gun do chòrd e rithe gu mòr, là às dèidh dhi bonn airgid fhaighinn san 50m breaststroke Diluain, às dèidh dhi an t-à m as fheà rr a-riamh anns na geamaichean a stèidheachadh san fharpais sin cuideachd san iar-chuairt dheireannaich.
Bha bonn òir ann cuideachd Dimà irt do Dhonaidh MacLeòid air an trag 'san 800m.
Bhuannaich Donaidh an dearbh fharpais ann am Bermuda is e a' cur dìon air gu soirbheachail le bonn òir eile.
Cha robh sgioba nan Eilean Siar deiseil aige sin ge-tà .
Soirbheachas
Fhuair Eilidh NicChoinnich, tè eile a bha am measg nam bonn roimhe, bonn airgid sa 1500m agus fhuair Eve Carrington am bonn umha ann an cur na cloiche 's i a ga cur nas fhaide na chuir i fhèin riamh roimhe.
Nas trà ithe air an-là , rinn Dòmhnall Walker bho sgioba nan Eilean Siar a' chùis air bonn a ghlèidheadh dhan bhuidhinn losgaidh airson a' chiad uair riamh aig na geamaichean. Choisinn Dòmhnall bonn-umha san fharpais ABT.
Cuideachd Dimà irt, chaidh Sgioba 4x100m nam ban aig na h-Eileanan Siar troimhe dhan chuairt dheireannaich, a bhios ann oidhche Haoine
Bidh sgioba nan Eilean Siar ag amas air soirbheachas a bharrachd Diciadain is Donaidh MacLeòid is Kara Hanlon am measg na bhios a' farpais.
Bidh agus na peathraichean Nic a' Phì, a rinn cho math Diluain.
Chìthear aithrisean eile à Jersey an seo.