³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2013-03

Ceist na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ

Ìý

Pàipear-bhòtaidh dà-chànanach

Pàipear-bhòtaidh Èireannach air Cunnradh Lisbon

"Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?"

Bidh cuid agaibh a chreideas gum bu chòir, cuid eile, nach bu chòir.

Tha fios againn gu bheil tòrr nach tàinig gu co-dhùnadh fhathast.

Agus, 's cinnteach, gu bheil feadhainn eile a tha coma co-dhiù.

(Ged as dòcha nach bi mòran dhen t-seòrsa sin a leughas blog mar seo).

Ach, geÌýbith ur freagairt, cha bhi cothrom agaibh a dhèanamh anns a' Ghàidhlig.

Tuigsinn

Dhearbhadh sin leis anÌýleas-phrìomh mhinistear, Nicola Sturgeon mar fhreagairt do cheist bho bhall nàiseanteach na h-Easglaise Brice, Aonghas Dòmhnallach.

Bheachdaich i nach robh a' Ghàidhlig a dhìth air sgàth 's gun robh luchd na cànain a' tuigsinn na Beurla.

A bheil i ceart?

A rèir , 's e a tha anns a' Ghàidhlig ach 'cànain oifigeil na h-Alba' a tha airidh air 'co-ionnanachd spèis leis a' Bheurla'.

A bheil co-dhunadh an riaghaltais gun Ghàidhlig a chleachdadh a' dol an aghaidh sin?

Thèid fàilte a chur air ur beachdan uile.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.