³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

An iomairt fhada air tòiseachadh

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-05-29, 12:43

Bha fios againn nuair a bhuannaich an SNP a’ mhòrchuid aca aig an taghadh Albannach an-uiridh gum biodh referendum air neo-eisimeileachd ann.

Ach a-nis,Ìýtha an iomairt air a son air tòiseachadh.

Bha Ailig Salmond a-measg nan daoine a thàinig gu taigh-dhealbh ann an Dùn Èideann Dihaoine airson an taic a chur rithe.

Ach an turas-sa, cha robh e na aonar.

Air an àrd-ùrlar còmhla ris bha daoine bho phàrtaidhean eile agus bho thaobh a-muigh an t-saoghail phoileataigiche.

Daoine de bheachdan eadar-dhealaichte, ach a tha uile dhen bheachd gur ann aig Holyrood a bu chòir dèiligeadh cha b’ ann ri le ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð, foghlam agus ceartas a-mhàin, ach ris an eaconomaidh, ri dìon agus ri cùisean cèin cuideachd.

Astar

As dèidh beagan astair a chur eadar am pàrtaidh aige fhèin agus Mgr Salmond ann an agallamh leinne Diciadain, dh’innis Pàdraig Harvie don talla làn gum b’ e neo-eisimeileachd an aon dòigh gus polasaidhean uaine a chur an gnìomh.

Bhruidhinn Denis Canavan – a thug bliadhnaichean seachad mar bhall Làbarach aig Westminster mus tàinig e don phàrlamaid Albannaich – mu na thug airsan a bheachd atharrachadh.

Thuirt an seann neo-eisimeileach aig Holyrood gun robh neo-eisimeileachd na dùthcha a dhìth gus ceartas sòisealta a choisinn do dh’Alba.

Bha Colin Fox, seann cheannard an SSP an làthair gus èisteachd ris a’ bhàrd nàiseanta, Liz Lochhead agus ceòl bho Lou Hickey agus Dougie Maclean.

Ach bha an SNP gu mòr rim faicinn.

Sgaraidhean

Bha cuid ann a bheir na baidsean SNP aca don leabaidh leotha ach an turas-sa a bha gan cumail nam pocaidean.

Ach bha cathraiche a' phàrtaidh, Peter Murrell, aig taobh an àrd-ùrlair tron mhadainn agus b' esan a sgioblaich an talla nuair a bha a h-uile duine ach an luchd-naidheachd air fhàgail.

An uair sin, dh'innis sgiopa na h-iomairt gum faigheadh iad barrachd luchd-bhòtaidh air là na bhòt na am millean ainm a tha iad ag iarraidh ro làimh.

Tha sgaraidhean anns an iomairt air grunn rudan - a' Bhanrìgh agus polasaidh dìona nam measg.

Ach tha sgaraidhean nas motha a-measg luchd-taic an aonaidh agus cuid de làbaraich fhathast a' diùltadh àrd-ùrlar a roinn le Dàibhidh Camshron.

Tron chòrr is dà bhliadhna a tha romhainn bidh aig an dà thaobh ri daoine gu math eadar-dhealaichte a thoirt còmhla, agus an uair sin a chumail còmhla.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.