³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Geall Chamshroin

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-03-23, 14:49

Chan fhurasta a bhith nad Thòraidh ann an Alba anns an là an-diugh.

Anns an òraid aige ro cho-labhairt Albannach a' phàrtaidh air a' mhadainn, dh'aidich Dàibhidh Camshron sin.

Cha do chuir Alba ach aon bhall-pàrlamaid Tòraidheach gu Westminster ann an 2011 agus chunnaic iad an toradh Albannach a bu mhiosa a-riamh an-uiridh.

A dh'aindeoin sin,Ìýthàinig dòchas gu leòr bhon phrìomhaire nuair a bhruidhinn e ri a chàirdean Albannach anns an Truthail.

Tha Mgr Camshron dòchasach gum buannaich taobh an Aonaidh an referendum air neo-eisimeileachd.

Agus, as dèidh sin, tha e an dòchas gu bheil cothrom aig a' phàrtaidh aige fàs ann an Alba a-rithist.

MisneachdÌý

As aonais Alba, bhiodh e na b' fhasa dha mòrchuid Thòraidheach fhaighinn ann an Taigh nan Cumantan.

Gu dearbh, b' urrainnÌýaÌýràdh gur eÌýfàiligeadh nan Tòraidhean Albannach cur ris na bha aca de sheataichean a thug air Mgr Camshron taic Nick CleggÌýiarraidh gus faighinn tro dhoras dubh Àireamh a Deich.

Ach 's e fear-taic an Aonaidh a tha ann - na chridhe agus na cheann.

Chan eil Mgr Camshron airson àite a choisinn dha fhèin anns na leabhraichean-eachdraidh mar phrìomhaire mu dheireadh Rìoghachd Aonaichte anns an robh Alba.

Tha misneachd gu leòr aig Mgr Camshron gun gabh an referendum a bhuannachadh.

Ach, tha fios aige nach bi sin gu leòr.

Moraltachd

Fhad 's tha cothrom aig pàrtaidh an Rìoghachd Aonaichte a' riaghladh gun thaic na h-Alba, thig ceist neo-eisimeileachd gu bàrr.

Tha sin a' fàgail gu bheilÌýceangal eadar ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð a' phàrtaidh Thòraidhiche ann an Alba agus neart an Aonaidh eadar Alba agus Sasainn.

Tha Mgr Camshron a' tuigsinn sin.

Mar sin, tron òraid aige an-diugh dh'fheuch e ri ceangal aÌýdhèanamh eadar feallsanachd nan Tòraidhean agus cultar, fiù 's moraltachd na h-Alba.

Thuirt e gun robh prionnsabail Tòraidheach - leithid stuaim, cathranais agus gnìomhachais - nam prionnsabail Albannach cuideachd.

B' e an dùbhlan toirt air daoine gabhail ri sin, agus dachaigh fhaighinn leis a' phàrtaidh aigesan.

Geall

NuairÌýa bhios Mgr Camshron a' coimhead air na cunntasan-bheachd, chì e nach eil neo-eisimeileachd a' faighinn taic bho mhòrchuid de dh'Albannaich.

Mura gluais iad -Ìýagus tha Ailig Salmond a' creidsinn gun gluais - tha duais mhòr air fàire dha:

Bhiodh esan na phrìomhaire a shabhail an Rìoghachd Aonaichte fhèin.

ChanÌýeil e a' creidsinn gu feum pasgan soilleir de chumhachdan a thabhainn do dh'Albannaich gus toirt orra an duais sin a thoirt dha, agus e ag ràdh an-diugh gun robh sin na cheist airson na h-ùine as dèidh an referendum.

Ach tha Mgr Camshron a' cur geall mòr air a mhisneachd gu bheil e ceart.

Agus tha an nàmhaid aige anns an t-sabaid seo gu math measail air na h-eich cuideachd.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.