³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Duan nan trì rann

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2012-01-19, 12:56

Sheachain ceannardan nan dùbhlanach an referendum aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh airson chuspairean eile.

(Na gabh dragh, bidh barrachd - tòrr a bharrachd - air sin an ath sheachdain nuair a thèid planaichean Riaghaltas na h-Alba fhoillseachadh Diciadain).

Thog Johann Lamont na figearan ùra air cion-cosnaidh a nochd an-dè.

Dè, dh'fhaighnich i, an t-atharrachadh a dhèanadh an riaghaltas air bile a' bhuidseit mar thoradh air na h-àireamhan ùra seo?

(Tha dùil ris a' bhile sin a-màireach),

Sheachain Mgr Salmond a' cheist - cha b' ann airson a' chiad uair.

Eaconomaidh

Fhreagair e nach robh na cumhachdan aig Pàrlamaid na h-Alba spionnadh a thoirt don eaconamaidh.

Agus, thuirt am Prìomh Mhinistear, bha plana nan Làbaraich gus dèiligeadh rithe gu mòr an crochadh air cumhachdan a bha fhathast fo smachd Westminster.

Nas miosa na sin, chuir Mgr Salmond as leth nan Làbarach gun robh iad a-nis air am plana sin a leigeil seachad gus taic a chur ri gearraidhean na co-bhanntachd.

Cha do chuir sin dragh air Ms Lamont, a chum oirre leis a' cheist.

Thuirt i gun robh Mgr Salmond gu math mòr às fhèin, ach cha robh aire air a dhreuchd mar a bu chòir.

Fhreagair esan gun robh i a' fàs coltach ris an duine a bha na dreuchd roimhpe.

Fianais

Thagh Ruth Davidson cuspair na Roinn Eòrpa.

An do sgrìobh an riaghaltas gu coimiseanairean air àite Alba neo-eisimeiliche anns an Aonadh Eòrpach?

Thuirt Mgr Salmond gum biodh Alba fhathast mar phàirt dhen Aonadh, mar a bhiodh an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte cuideachd.

Cha robh sin gu leòr airson Ms Davidson, ge-tà.

Nach fhoillsicheadh am Prìomh Mhinistear an fhianais aige air a' chùis?

Fhreagair e gur e na càirdean aicese aig Westminster a-mhàin a bha a' cur ballrachd na h-Alba ann an cunnart.

³§Ã ²ú³ó²¹±ô²¹»å³ó

Thog Willie Rennie am plana a nochdadh le Coinneach MacAsgail Dimairt airson Seirbhis Poilis Nàiseanta.

Bha teagamh air Mgr Rennie gun deigheadh an sàbhaladh a gheall an SNP a choilionadh.

Agus, dh'fhaighnich e, cia mheud oifigear a bha ag obair air an ath-chruthachadh?

Chuir am prìomh mhinistear na chuimhne gun robh na Lib Deamaich a-mach air seo gun sguir aig àm an taghaidh agus gur beag an taic a fhuair iad air a shon.

'S dòcha gum b' e seo an t-àm gus duan eile a thaghadh.

Cha chuireadh e iongnadh orm nan tilleadh duan na neo-eisimeileachd an ath sheachdain.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.