³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Cleas Chamshroin

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-01-10, 14:45

Cha do chuir oidhirp Dhàibhidh Chamshroin smachd a ghabhail air deasbad an referendum iongnadh air an SNP an seo aig Holyrood.

Bha dùil gun robh rudeigin mar seo air fàire.

Agus an-diugh, ciad là na pàrlamaid as dèidh saor-làithean na Nollaige, tha iad a' creidsinn gur e deagh naidheachd a tha ann dhaibh.

Shìos an rathad aig Westminster, bheir Rùnaire na h-Alba Mìcheal Moore òraid seachad a dh'aithghearr, a mhìnicheas na tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dol a dhèanamh ann an oidhirp gus a cumail mar sin - aonaichte.

Chan eil dùil gum feuch iad ri ceann-là a chur air a' bhòt - dh'fhalbh sin tron oidhche a-raoir, a' toirt cothrom air ais do dh'Ailig Salmond grèim fhaighinn air an stiùir.

Ach tha iad airson 's nach tèid ach aon cheist a chur air muinntir na h-Alba nuair a thig i.

Cumhachd

Thuirt Mgr Camshron an-dè gun robh soilleireachd a dhìth, an dà chuid air a' chlàr-ama, agus air an t-suideachadh laghail.

Fo Achd na h-Alba (2008), tha smachd air a' bhun-reachd glèidhte aig Westminster.

Mar sin, tha Mgr Camshron airson a' chumachd laghail a thoirt do Riaghaltas na h-Alba referendum a chumail fhad 's a ghabhas iad ri aon cheist agus, 's dòcha, rudan eile - thig am fiosrachadh as mionaidiche nuair a chluinneas sinn bho Mhìcheal Moore.

Tha an SNP, ge-tà, a' dol as àidhcheadh gu bheil a leithid de chumachd a dhìth orra.

'S e am plana aca gur e Westminster a dhèanadh Alba neo-eisimileach, as dèidh dhaibh taic fhaighinn air a shon anns an referendum.

Ach nas motha na sin, tha iad a' tomhas gum bi Albannaich nas deònaiche taic a chur rithe mas coltach gu bheil Dàibhidh Camshron a' dol an sàs ann an gnothaichean Albannach.

Tuairmse

Tha fios aig Mgr Camshron gu faodadh an cleas as ùire seo a bhith cunnartach.

Ach is coltach gur e an tuairmse aige gum b'fheudar rudeigin a dhèanamh airson làmh an uachdair fhaighinn bhon SNP.

As bith dè their iad gu poblach, 's ann air sin a tha an dà thaobh ag amas.

As dèidh na h-òraid aig Westminster bho Mhìcheal Moore, cluinnidh sin bho Chaibineat na h-Alba a tha a' coinneachadh an-diugh.

An uair sin bidh fios nas soilleire againn air air ath cheum.

Tuilleadh air fàire.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.