³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Crichton airson nan Eilean Siar

Niall O’Gallagher | 2010-12-15, 10:30

Tha fios againn aig a' cheann thall cò an tagraiche a bhios aig na Làbaraich anns na h-Eileanan Siar an ath-bhliadhna.

'S e Dòmhnall Crichton, 40, às an Rubha, bràthair Thorcuil, deasaiche Westminster an Daily Record.

Cuiream meal-an-naidheachd air Mgr Crichton, a chaidh a thaghadh air thoiseach air ceathrar eile, nam measg Rhoda Ghrànnd BPA, ball liosta na Gàidhealtachd 's nan Eiliean.

Cha robh ach 687 bhòt eadar na Làbaraich agus an SNP ann an 2007, agus bidh muinntir a' phàrtaidh anns na h-Eileanan dòchasach gum faigh Mgr Crichton an sgìre air ais bho Alasdair Allan.

Ach, smaoinich air seo. Ann an seataichean eile far a bheil na Làbaraich a' dèanamh oidhirp mhòr - leithid Taobh a Deas Ghlashu - tha tagraiche air a bhith aca fad greis mhòr mar-thà.

Chan eil tòrr ùine aig Mgr Crichton gus mòr-chuid Alasdair Allan - ge beag sin - a ghearradh.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 16:29 Air 2010-12-15, Sgrìobh Laudrup:

    Ma se seachdainn am fada ann an politcs se siorraidheachd a tha ann an sia miosan!

    Tha Domhnall na bhall de Urras Steornabhagh agus ainithichidh a mhorr chuid e mar tha.

    Eadar an coimeas aige mar dhuine agus na poileasaidhean ur aige se Domhnall an duine ceart airson na h-eileanan an iar.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.