³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2010-08

Sgaradh bheachdan mu RET

Deagh naidheachd do chuid, briseadh dùil do chuid eile.

Tha sgaradh bheachdan mun naidheachd a thàinig an-diugh, gun tèid sgeama RET a chumail a' dol fad bliadhna eile gu 2012.

Deagh naidheachd do muinntir nan Eilean Siar, agus do Thioriodh is Colla far a bheil an sgeama a' ruith cuideachd.

Ach ùpraid ann anÌýàiteachan eile -ÌýEarra-Ghàidheal agus na h-Eileanan mu Thuath - far a bheil feadhainn feargach nach tèid an sgeama a leudachadh do na sgìrean aca fhèin.

Tha BPA Arcaibh, Liam McArthur, air iarraidh air ministear na ³¦Ã²³¾³ó»å³ó²¹¾±±ô a dhreuchd a leigeal seachad.

Mar a bhiodh dùil, Stewart Stevenson air a bhith a' dìon a' cho-dhunaidh.

Taghadh

Tha ceist do mhuinntir nan Eilean Siar cuideachd.

Sin dè thachras as dèidh 2012, nuair a bhios an taghadh Albanach seachad?

A dh'aindeoin deagh naidheachd an là an-diugh, tha fios againn uile gu bheil an sporan poblach gann.

Tha sin dol a dh'fhàs nas miosa mus fàs e nas fheàrr.

Bidh sinn a' leantainn na sgeòil seo tron t-seachdainn.

Anns an eadar-ama, bidh tuilleadh air An Là aig 8f.

Co-dhùnadh RET air fàire

Tha dùil ri co-dhùnadh a dh'aithghearr mun sgeama RET a tha a' ruith anns na h-Eileanan Siar, Tiriodh agus Colla.

Chuala Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gu faodadh sinn ionnsachadh an ath-sheachdainn an tèid an sgeama an leudachadh.

Thig an sgeama pileat gu crìch anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna - dìreach beagan sheachdainnean bhon taghadh Albanach.

'S e sgìre gu math teann a bhios anns na h-Eileanan Siar an ath-bhliadhna.

AbairÌýdeagh naidheachd do mhuinntir nan Eilean nan deidheadh an sgeamaÌýa leudachadh - ach dè mu dheidhnn a' chòrr den dùthaich?

Cumaidh ur sùilean air a' bhlog seo airsonÌýna naidheachd nuair a thig i.

Soraidh Slàn Edwin Morgan

Bu chòir gur e Edwin Morgan a sgrìobh an dàn mu thiodhlacadh mac eile Ghlaschu, Jimmy Reid, a chaidh a chumail ann am Baile Ghobhainn an-diugh.

Ach b' ann an-diugh a thàinig an naidheachd gun do bhàsaich Morgan fhèin, a bha 90 bliadhna dh'aois, agus pneumonia air.

Bha Morgan tinn fad grunn bhliadhnaichean, ach chum e a' dol, a' sgrìobhadh agus a' foillseachadh bàrdachdÌýgu deireadh a bheatha.

Am beachd mòran - agus nam bheachd fhèin - b' e Edwin Morgan am bàrd AlbanachÌýbu chudromaiche a sgrìobh on dàrna chogadh.

Chaidh sin aideachadh nuair a chaidh ainmeachadh mar a' chaid Scots Makar - no Bàrd Nàiseanta na h-Alba.

'S e là brònach a tha seo do Ghlaschu, do dh'Alba, agus do bhàrdachd fhèin.

Glaschu ùr

B' ann mu dheidhinn Edwin Morgan a bha fear dhe na pìosan bu tràithe a sgrìobh mi fhìnÌýann an Guardian Oilthigh Ghlaschu ann an 2004.

Ach thachair mi ris roimhe airson agallamh a dhèanamh anns an taigh aige ann an taobh siar Ghlaschu.

Dh'fhuirich e an sin fad bhliadhnaichean gus an do dh'fhàs e ro thinn a bhith na aonar.

Bha gach balla còmhdaichte le leabhraichean, bhon ùrlar don mhullach, agus an còrr den àite na thaigh-tasgaidh on àm a chaidh a thogail, nuair a bha na flataichean sin nan sàmhla den Ghlaschu ùr a bha ag èirigh bho sgrios a' chogaidh.

ShuidheÌýsinn sìos anns an t-seòmar suidhe agus thuirt e 'siuthad'.

Tron uair a bha againn còmhla, bha e modhail, fosgailte, cuideachail.

Bho Ghlaschu gu Saturn

Sgrìobh Morgan air iomadh cuspair, ann an iomadh dòigh.

Thug e guth do rudan gun ghuth anns an 'Apple's Song' agus 'The Loch Ness Monster's Song'.

Sgrìobh e sonaidean mu dheidhinn Ghlaschu, ach chaidh a bhàrdachd bho Ghlaschu gu Saturn - b' e sin tiotal fear dhe na leabhraichean aige - no gu planaidean eile,Ìýann amÌý'The First Men onÌýMercury.'

Rinn e dàin gaoil a bha a-measg na rudan a b'Ìýainmeile a dh'fhoillsich e.

Eadar-theangaich e dàin bho iomadh cànain gu Beurla agus Albais agus bha cliù eadar-nàiseanta aig na dàin aige fhèin.

Agus ro dheireadh a bheatha sgrìobh e dàin a chaidh a chleachdadh le luchd-ciùil, leithid a' chòmhlain Idlewild agus an t-seinneadair traidiseanta Karine Polwart.Ìý

Bàrd Nàiseanta na h-Alba

An-diugh bha am prìomh mhinistear a-measg an fheadhainn a rinn luaidh air Edwin Morgan.

Thuirt Ailig Salmond gun robh e 'na dhuine mhòr, na bhàrd air leth, na bhrosnachadh do dhaoine eile agus na roghainn gu tur iomachaidh mar chiad Bhàrd Nàiseanta na h-Alba'.

Thuirt Bàrd na Cùirte, Carol Ann Duffy, gun robh e na 'fhìor mhac bàrdachd, air a bheanachadh leatha'.

Nuair a chaidh Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh, sgrìobh e dàn anns an robh teachdaireachd shìmplidh don fheadhainn a bhiodh ag obair na broinn - 'Open the doors and begin.'

Tha obair na pàrlamaid air leantainnÌýtro na sia bliadhna o chaidh an dàin sin a' leughadh anns an t-seòmar-deasbaid.

Mairidh bàrdachd Edwin MorganÌýcho fadaÌýa leanas an obair sin anns an àm ri teachd.

Ruiseal airson Earra-Ghàidheal

Tha mi a' tuigsinn gur e Ministear an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, a sheasas airson an SNP ann an Earra-Ghàidheal an ath-bhliadhna.

Cha tèid seo fhoillseachadh gus an tèid a dhearbhadh le NEC a' phàrtaidh diaciadain.

Ach tha mi a' tuigsinn gun d' fhuair Mgr Ruiseal taicÌýa bharrachdÌýbho bhuill a' phàrtaidh anns an sgìre na fhuair Mìcheal MacCoinnich, a bha na thagraiche dhaibh aig an taghadh choitcheann am bliadhna-sa.

Tha ministear an gnìomhachais, Jim Mather - a choisinn an seat don SNP bho Sheòras Lyon ann an 2007 - a leigeal dheth a dhreuchd mar bhall-pàrlamaid aig an ath thaghadh.

Tha fios agam, a charaidean, gur tràth a bhith bruidhinn mu dheidhinn an taghaidh sin - ach 's e an fhìrinn gu bheil an iomairt air tòiseachadh mar-thà.

Agus 's e Earra-Ghàidheal tè dhe na sgìrean as cudromaiche - bidh mo shùil air cho tric 's a ghabhas.

Ìý

Trot mu mheud chlasaichean ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ

Dh'èirich trot eile an-diugh mu pholasaidh Riaghaltas na h-Alba air clasaichean sgoile.

Ach an turas-sa, 's ann mu chlasaichean tro mheadhan na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a tha e.

'S e polasaidh an riaghaltais nach bi nas motha na 25 sgoilear anns gach clas anns na ciad trì bliadhnaichean anns a' bhunsgoil.

B' fheudar do sheann Rùnaire an Fhoghlaim, Fiona Hyslop, a dreuchd fhàgail as dèidh uallaich bho na dùbhlanaich mu dheidhinn a' pholasaidh sin.

A-nis, tha iad a' sireadh bheachdan air am bu chòir donÌýàireamh sin a bhith na chrìoch laghail airson na ciad bliadhna.

Agus, tha iad a' faighneachd a bheil crìoch nas lugha - 15 sgoilear anns gach clas - a dhìth airson chlasaichean ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ.

"²Ñì-³¦³ó´Ç³Ù³ó°ù´Ç³¾²¹³¦³ó"

A-rèir labhraiche foghlaim nan Làbarach, Des McNulty, cha bhiodh sin idir cothromach do dhaoine aig nach eil a' Ghàidhlig.

Tha Mgr McNulty ag ràdh gu bheil buidhnean eile aig a bheil feum air taic shònraichte agus nach bu cheart a toirt do chlasaichean ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a-mhàin.

Ach tha Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, ag ràdh gu bheil clasaichean nas lugha a dhìth do fhoghlam ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ.

Na bheachd, tha na thuirt Des McNulty an-diugh dìreach "an aghaidh na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ".

Tha na Làbaraich a' dol as àidhcheadh sin.

Tha an sgeulachd air fad air An Là air ³ÉÈË¿ìÊÖ Alba a-nochd aig 8f.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.