³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Mearachd agus microfòn

Niall O’Gallagher | 2010-06-16, 14:41

Tha Frank McAveety air a dhreuchd a leigeal seachad mar neach-gairm Chomataidh nan Ath-Chuingean agus mar labhraiche ³§±èò°ù²õ nan Làbarach.

Fuirichidh e mar bhall-pàrlamaid na h-Alba airson Bhaile Sheadna.

Sin as dèidh mar a chaidh a chlàradh a' bruidhinn mu bhoireanach a bha an làthair aig coinneamh Chomataidh nan Ath-Chuingean.

Shaoil Mgr McAveety gun robh i breàgha - mar cuideigin ann an dealbh le Gaugin.

As dèidh na thachair do Ghòrdon Brown ann an Rochdale, shaoileadh tu gum biodh luchd-poileataigs na b' fhaiceallaiche mun cuairt mhicrofònaichean.

An-diugh, bidh aithreachas air Mgr McAveety nach robh e na bu chùramaiche.

Iongnadh

An seo aig Holyrood tha beachdan eadar-dhealaichte mu na thachair.

Tha iongnadh air feadhainn gun do dh'fhalbh Mgr McAveety agus iad a' tomhas gum biodh leisgeul - a ghabh e an-dè - gu leòr.

Tha cuid brònach agus iad a' moladh na h-obrach aige ann an Comataidh nan Ath-Chuingean.

Ach tha iad uile den bheachd nach bu chòir dha bruidhinn anns an dòigh sin.

'S dòcha gun do chuir e roimhe gum falbhadh e as dèidh nam pàipearan fhaicinn anns a' mhadainn.

B' e mearachd a bha seo - ach dh'fhàg mìcrofòn gum b' fheudar dha falbh.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.