³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Duilleag bhàn?

Niall O’Gallagher | 2010-06-18, 17:34

Coinnichidh Tòraidhean na h-Alba ann an Dùn Bhlàthain a-màireach airson beachdachadh air polasaidhean ron taghadh Albannach an ath-bhliadhna.

Tha am pàrtaidh a' dèanamh sgrùdadh air na polasaidhean aca fo stiùireadh Derek Brownlie, labhraiche ionmhais a' phàrtaidh aig Holyrood.

Ged a tha prìomhaire Tòraidheach a' fuireach aig Àireamh a Deich a-rithist, tha am pàrtaidh ann an Alba air tighinn fo uallach on taghadh.

A dh'aindeoin oidhirp mhòr ann an grunn sgìrean, cha do chur am pàrtaidh ach aon bhall-pàrlamaid do Westminster à Alba.

As dèidh mar a dh'fhàilig air na Tòraidhean mòr-chuid fhaighinn, tha feadhainn a' cur coire air a' phàrtaidh mu thuath.

Agus a dh'aindeoin a cliù ann an deasbadan aig Holyrood, tha uallach air tighinn air Annabel Goldie cuideachd.

Toiseach tòisichidh

Tha mi a' tuigsinn gum bi am pàrtaidh a' tòiseachadh le 'duilleag bhàn' agus iad ag iarraidh bheachdan ùra bho luchd-àbhaisteach a' phàrtaidh.

Agus tha dà roinn gu sònraichte far am faodadh sinn atharrachadh fhaicinn.

'S iad a' bhunreachd agus ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô - agus tha an dà rud a' dol còmhla.

Gu sìmplidh, am bu chòir don phàrtaidh barrachd chumhachdan air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô iarraidh do Phàrlamaid na h-Alba, agus an uair sin, dè bu chòir dhaibh dèanamh leotha?

Tha mi a' tuigsinn gu bheil cuid anns a' phàrtaidh an Alba a' coimhead air na molaidhean aig Coinneach Calman mar thoiseach tòisichidh agus iadsan airson dol nas fhaide.

Chì sinn dè thig às.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.