Sgìrean targaid - Earra-Ghaidheal agus Bòid
'S e Earra-Ghaidheal agus Bòid te dhe na sgìrean-pà rlamaid as motha ann am Breatainn.
Tha e a' gabhail a-steach bailtean, mar an t-Òban agus Dùn Òmhainn, agus eileanan mar Ìle, Tiriodh agus Muile.
Tha poileataigs na sgìre dìreach cho toinnte.
Tha muinntir Earra-Ghaidheal air a bhith a' cur Lib Deamach do Westminster o na h-ochdadan ach aig an taghadh seo tha ceithir pà rtaidhean as motha uile a' sabaid gu cruaidh airson na sgìre.
Tha Ailean Reid a' dìon mòr-chuid de 5636 airson nan Lib Deamach ach tha na Tòraidhean airson an seat a ghabhail bhuapa an turas-sa.
Agus ged a bha iad anns a' cheathramh à ite ann an 2005, tha aire an SNP air Earra-Ghaidheal cuideachd, as dèidh mar a ghabh Jim Mather e airson nan nà iseantach aig an taghadh Albannach ann an 2007.
Trident
Ao-choltach ris an seat aig Holyrood, ge-tà , tha an seat aig Westminster a' gabhail a-steach Baile Eilidh, Faslane agus Trident.
Tha an SNP airson cur às do Thrident uile gu lèir, agus tha na Lib Deamaich airson siostam eile a chur na à ite.
Tha tagraiche nan Tòraidhean, Gary Mulvaney - a tha stèidhichte ann am Baile Eilidh - air draghan a thogail mun à ireamh de chosnaidhean a dheidheadh a chall nan deach cur às do Thrident.
Ach tha Mike MacCoinnich bhon SNP a' cumail a-mach gun gabhadh cosnaidhean a chumail as aonais Thrident. Na bheachd-san 's e an roghainn eadar a bhith a' gearradh sgoiltean agus ospadalan no a bhith a' gearradh Thrident.
A-measg na rudan eile a tha gan deasbad aig an taghadh seo ann an Earra-Ghà idheal agus Bòid tha seirbhisean aiseig.
Tha ³¦Ã²³¾³ó»å³ó²¹¾±±ô fo smachd Holyrood. Ach tha na pà rtaidhean eile air an SNP a chà ineadh airson sgeama RET a chur air dòigh airson nan Eilean Siar, ach chan ann airson na mòr-chuid de dh'Earra-Ghaidheal.
µþà ³Ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô
A-rèir tagraiche nan Là barach, Dà ibhidh Greumach, b' e 'barrachd bhòtaichean, barrachd bhà taichean' sluagh-ghairm an SNP ann an 2007.
Tha esan a' creidsinn gun dèan sin cron orra an dà chuid aig an taghadh seo agus aig an taghadh Albannach an ath-bhliadhna.
Mar as à bhaist, 's e Earra-Ghaidheal agus Bòid an sgìre Albannach mu dheireadh a dh'fhoillseachas torradh.
Bidh aig na tagraichean ri feitheamh gu ruige an ath là mus ionnsaich iad cò dhiubh a thèid a chur do Thaigh nan Cumantan airson an sgìre a riochdachadh.
Ma bhios cùisean cho teann 's a tha na cùnntasan-bheachd ag rà dh, dh'fhaoidte gum bi torradh an taghaidh fhèin an crochadh air na thachras an seo.
An uair sin, bidh gach sùil ann am Breatainn air Earra-Ghaidheal agus Bòid.
Bidh aithris shònraichte à Earra-Ghaidheal air An Là , air ³ÉÈË¿ìÊÖ Alba a-nochd aig 8f. Bidh an dà rna aithris - à s na h-Eileanan an Iar - air a' phrògram a-mà ireach.