³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Deireadh sabaid a' bhuidseit - toiseach sabaid an taghaidh

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-02-03, 15:37

Mar a bha dùil, chaidh buidseat riaghaltas na h-Alba troimhe gun cùs trioblaid.

Briseadh dùil don fheadhainn a bha airson na chunnaic sinn an-uiridh fhaicinn a-rithist.

Chaidh an ceòl air feadh na fidhle an uair sin nuair a dh'fhàilig air Iain Swinney am buidseat fhaighinn troimhe a' chiad uair.

Ach mar a sgrìobh mi na bu tràithe,Ìýbha buill draghail mun bhuaidh a bheireadh e air an cliù leis an luchd-bhòtaidh.

Bu choltach gun robh buill a' lorg aonta nan gabhadh a lorg.

Aig a' cheann thall, fhuair iad e.

³§²µ°ùù»å²¹»å³ó

Bhòt 66 airson a' bhuidseat,Ìý45 na aghaidh agus shuidh 14 a-mach às.

Fhuair an riaghaltas taic bho na Tòraidhean às dèidh dhaibh sgrùdadh fhoillseachadh air na tha iad a' cosg còmhla ri taic a bharrachd do ghnìomhachasan beaga.

Dh' ainmich Mgr Swinney 7500 àiteachan ann an colaistean gus cuideachadh a thoirt do dhaoine òga gun chosnaidhean agus gnìomhan air tuarasdail anns an riaghaltas fhèin - ach cha deach sin fada gu leòr airson na Lib Deamaich.

Bhòt na h-Uainich air a shon, mar a rinn Margo NicDhòmhnaill, às dèidh dhaibh gealltanasan fhaighinn air trèanadh agus còmhdaichean blàithe ann an dachaighean, a-measg eile.

Ach cha robh na Làbaraich deònach taic a chur ris às aonais tionndadh air ceangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu.

Cha tàinig sin, agus bhòt na Làbaraich na aghaidh.

Roghainn

Dè fhuair na pàrtaidhean às ge-tà?

Tha Iain Swinney air buidseat a stiùireadh triomhe aig àm air leth teann - bidh esan toilichte a-nochd.

Tha na Tòraidhean, na Lib Deamaich, na h-Uainich agus Margo NicDhòmhnaill air rudan fhaighinn bhuaithe, ged a tha pàrtaidh Thavish Scott fhathast ag ràdh gu bheil barrachd aige ri dhèanamh.

Dè fhuair na Làbaraich ge-tà?

Fhuair iad a' chuspair.

Is cinnteach gun cluinn sinn a-rithist agus a-rithist mu dheidhinn ceangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu tro iomairt an taghaidh.

Glic

'S e ceist eile an e cleas glic a tha seo.

A bheil na Làbaraich draghail gun càil iad seataichean ann an dàrna baile na h-Alba?

'S e oidhirp mhòr a tha a dhìth air an SNP fhathast ma tha iad airson briseadh troimhe ann an caisteal dualchasach nan Làbarach.

Tha mi air bruidhinn ri daoine an sàs ann an iomairt a' phàrtaidh ann an Glaschu an Ear agus Meadhan Ghlaschu, agus bha iad gu math dòchasach - fiù 's ann an dìomhaireachd - mu na bha air fàire dhaibh.

Thuirt duine aig ìre àrd ann an iomairt nan Nàiseantach nach robh plana nan Làbarach ag obair ann an Glaschu agus nach robh plana aca airson a' chòir den dùthaich.

Tha sabaid a' bhuidseat seachad ach tha sabaid an taghaidh dìreach a' tòiseachadh.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.