³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Faclan nach cluinnear gu tric...

Niall O’Gallagher | 2010-02-25, 10:30

Chan ann gu minic a chluinneas sibh daoine aig Holyrood ag aideachadh gun robh iad ceàrr.

Ma bhios iad a' toirt leisgeul seachad, mar as trice bidh iad a' feuchainn ri cuideigin eile a choireachadh seach iad fhèin.

An-diugh, ge-tà, sheas an leas-prìomh mhinistear air beulaibh na pàrlamaid airson innse do bhuill gun robh i ceàrr agus gun robh i duilich air a shon.

Sin as dèidh mar a chàineadh i airson litir a sgrìobhadh don chùirt ann an cùis duine a chaidh a dhìteadh roimhe airson foill.

Thàinig Abdul Rauf dhi airson taic as dèidh dha sochairean soisealta fhaighinn air nach robh e airidh.

Dh'iarr i air a' chùirt beachdachadh air peanasan eile seach prìosan airson Mhgr Rauf agus i draghail mun bhuaidh air a shlàinte agus a theaghlach.

Eadar-dhealaichte

Ann an aithisg don phàrlamaid, thuirt Nicola Sturgeon gun robh e ceart do bhuill-pàrlamaid daoine bho na sgìrean aca fhèin a riochdachadh.

Thuirt i gun robh an aon dleastanas aig gach ball sin a dhèanamh - cha robh e gu diofar nan robh am ball sin na ministear cuideachd.

Mar sin dheth, bha e ceart - na beachd fhèin - an litir a sgrìobhadh don chùirt air sgàth Mhgr Rauf.

Ach, thuirt i gum bu chòir dhi an litir a sgrìobhadh ann an dòigh eadar-dhealaichte.

Thuirt i nach bu chòir dhi ràdh gur e "mearachd" a rinn e agus cuid den bheachd gun robh i cumail a-mach nach robh foill na h-eucoir thruim.

Agus thuirt Nicola nach bu chòir dhi iarraidh air a' chùirt beachdachadh air peanasan seach prìosan - rud a dhèanadh i co-dhiù.

¹óྱ±ô³Ù±ð

Anns a' mhòr-chuid chaidh fàilte a chuir air na thuirt an leas-phrìomh mhinistear leis na pàrtaidhean dùbhlanach aig Holyrood.

Chaidh a moladh leis na Lib Deamaich, na Tòraidhean agus na h-Uinich airson a leisgeul.

Airson nan Tòraidhean, thug Annabel Goldie taing dhi airson a bhith dana gu leòr airson aideachaidh nach d' fhuair i a h-uile càil ceart.

Agus rinn i coimeas eadar dol a-mach Nicola Sturgeon agus dol a-mach a' phrìomh mhinisteir nuair a bhruidhinn esan air a' chùis.

Thuirt an Lib Deamach, Raibeart Brown, gun robh an aire a-nis air Mgr Salmond airson a ràdh gun robh dleastanas air buill taic a thoirt do dhaoine ann an suidheachadh mar seo.

Cha robh na Làbaraich cho fàilteachail do dh'aithisg Nicola Sturgeon, ag ràdh gur e adhbhar nàire a bha ann dhi gun robh aice ris an leisgeul seo a thoirt seachad.

Aig deireadh an là, ge-tà, bha cliù agus dreuchd an leas-phrìomh mhinisteir a' coimhead nas treasa air sgàth na thuirt i.

Sin mar a bha cùisean coltach bhon t-seòmar fhèin - 's e beachd nan daoine taobh a-muigh am fear as cudromaiche.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.