³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Dà fharpais

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-01-28, 13:33

Tha mi 'n dòchas nach bi dragh oirbh ma dh'innseas mi gun robh aon shùil agam air Anndra Moireach anns a' mhadainn, agus an geama air an telebhisean san oifis againn aig Holyrood.

Nach math a rinn e - agus gura math a thèid leis anns a' chuirt dheireannach.

Cho luath sa bha e seachad, chaidh mi troimhe do sheòmar na pàrlamaid airson m' aire a thoirt air farpais eile.

Cha robh na cleasan cho sgileal.

(Feumaidh mi aideachadh gun do chòrd an teanas na b' fheàrr rium.)

Ach mar as àbhaist bha ceannardan nam pàrtaidhean a' dèanamh an dìcheal gus puingean fhaighinn agus a' chùis a dhèanamh air a chèile.

Eaconamaidh

As dèidh beagan deagh naidheachd mu deidhinn Dimàirt, bha Iain Gray a-mach air an eaconamaidh.

Carson, dh'fhaighnich ceannard nan Làbarach, nach robh Mgr Salmond deònach barrachd fiosrachaidh fhoillseachadh mu na bha an riaghaltas a' cosg air pròiseactan mòra?

Sgrìobh na dùbhlanaich uile do dh'Iain Swinney ag iarraidh air sin a dhèanamh às dèidh iarrtais bho Chomataidh an Ionmhais.

Tha na dùbhlanaich amharasach gu bheil an riaghaltas air airgead a chaitheamh.

Tha na Làbaraich airson 's gun tèid cuid den airgead sin a chosg air ceangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu.

As aonais, cha choltach gun bhòt na Làbaraich airson a' bhuidseat nuair a thig a' bhòt mu dheireadh an ath-sheachdain.

Eacarsaich

Chan eil an riaghaltas airson sin a dhèanamh agus iad an dòchas gum faigh iad taic gu leòr à àiteigin eile.

Mar sin dheth cha robh am Prìomh Mhinistear diùid slaic a thoirt air ais air Mgr Gray.

Thuirt e gur e an trioblaid as motha airson nam pròiseactan seo gun robh co-obraichean Mhgr Gray aig Westminster a' toirt airgead far a' bhuidseit air an son.

Air là mòr do spòrs ann an Alba, thagh Annabel Goldie spòrs anns na sgoiltean mar chuspair.

Dè thachair, bha i airson faighinn a-mach don dà uair de PhE gach seachdainn a gheall an SNP anns a' mhanifesto aca?

Dhìon Mgr Salmond a chliù air a' chuspair, ag ràdh gun robh an riaghaltas air deagh adhartas a dhèanamh a dh'ionnsaigh na targaid.

Oileanaich

Cha robh ceannard nan Tòraidhean riaraichte le sin, ge-tà.

Chan e PE a bha anns an eacarsaich a fhuair am prìomh mhinistear bho a bhith ga mholadh fhèin.

Thog Tavish Scott suidheachadh nan daoine òga nach robh a' faighinn àitean aig colaisdean agus iad làn air sgàth cion-cosnaidh.

Carson nach b' urrainn do Mhgr Salmond rudeigin a dhèanamh airson an cuideachadh anns a' bhuidseat?

'S e freagairt gu math modhail a thug am Prìomh Mhinistear do Mhgr Scott - 's dòcha gun gabh aonta a ruighinn eadarainn air seo ro bhòt na h-ath-sheachdain.

Cha b' e seo an fharpais a b' fheàrr a chunnaic mi aig Holyrood - ach cò rinn a' chùis nur beachd-se? 

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.